Rathaidean-iarainn san t-saoghal ùr 7: Astràlia

Bho chionn fhada, thug mi sùil air na lìonraidhean rèile anns na Stàitean Aonaichte (tìr-mòr, Alaska, Hawaiʻi  agus Puerto Rico), Canada agus Sealadh Nuadh sa bhloga seo ann an sreath air an robh Rathaidean-iarainn san t-saoghal ùr.

Choimhead mi air bhidio bho chionn ghoirid mun reifreann ann an 1967 gus a’ bhòt a thoirt do Thùsanaich ann an Astràlia agus tha mi air grunn leabhraichean a leughadh mu shuidheachadh nan Tùsanach agus cuideachd mu Eileanan Caolas Thorres cuideachd bhon uair sin.

Thug sinn orm cuimhneachadh nach tug mi sùil air rathaidean-iarainn Astràlia fhathast agus gun robh làn àm ann sin a chur ceart!

Seo mapa de na loidhichean uile do luchd-siubhail san dùthaich:

Seirbheisean Rèile do luchd-siubhail ann an Astràlia
By Lencer – Own workGMT and SRTM3V2OpenStreetMapPassenger-Rail-Australia-Map.png by User:MagpieShooter, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=41121915

Tha na rathaidean-iarainn ann an Astràlia car coltach ris an fheadhainn ann an Ameireagaidh is Canada – tha tòrr siostaman rèile ionadail is trama ann taobh a-staigh nan cathair-bhailtean ach chan eil an uiread de sheirbheisean ann do luchd-siubhail eadar na cathair-bhailtean leis cho fada air falbh bho chèile ’s a tha iad. Gu ìre mhòr, ’s ann do bhathair seach luchd-siubhail a tha na rathaidean-iarainn fada eadar-chathrach.

’S e dùthaich mhòr mhòr a th’ ann an Astràlia le cathair-bhailtean air a’ chosta ach gun mòran dhaoine a’ fuireach eadarra! Tha Astràlia na dùthaich gu math bailteil cuideachd le 71% den t-sluagh a’ fuireach sna cathair-bhailtean. Tha Sydney agus Melbourne nam mega-chathair-bhailtean le 5 mìllean luchd-còmhnaidh an urra le còrr is 2 mhìllean an urra ann am Brisbane agus Peairt agus 1.6 millean ann an Adelaide. Tha Canberra, prìomh bhaile na dùthcha mun aon mheud ri Dùn Èideann agus tha 145,000 a’ fuireach ann an Darwin, prìomh bhaile na Roinne a Tuath.

Seo clàr den astar eadar na diofar bhailtean – ’s ann bho mhapa rathaid a tha seo ach tha e a’ toirt dhuinn dealbh air cho fada ’s a tha na tursan rèile cuideachd.

Chì sinn gu bheil Melbourne agus Adelaide mun aon astar air falbh bho cheile ri Glaschu is Lunnainn mar eisimpleir, agus tha Adelaide gu Sydney mun aon astar ri Inbhir Theòrsa gu Penzance. Agus mur a robh sin fada gu leòr, tha Brisbane gu Peairt mun aon astar ri Glaschu gu Ankara san Tuirc. Mar sin, tha sinn a’ bruidhinn air astaran mòra.

Chan eil trèanaichean eadar-chathrach uabhasach pailt. Thug mi sùil air Australia by Rail le Colin Taylor agus the Man in Seat 61 agus chan eil ach 2 thrèana san latha eadar Sydney is Melbourne, 2 san latha eadar Sydney agus Brisbane agus trì san latha eadar Sydney is Canberra mar eisimpleir. Agus chan eil ach dà thrèana san t-seachdain eadar Melbourne agus Adelaide – rud a tha doirbh a chreidsinn nuair a smaoineachas tu gu bheil Glaschu is Lunnainn 400 mìle bho chèile agus gu bheil còrr is 40 trèanaichean dìreach eadarra gach latha!

A bharrachd air an astar eadar na prìomh bhailtean – trioblaid a th’ aig na Stàitean Aonaichte agus Canada cuideachd, tha trioblaidean eile aig na seirbheisean rèile ann an Astràlia nach eil aig na dùthchannan sin.

Sa chiad dol a-mach, tha diofar ghèidseachan ann. Cha deach Astràlia aonachadh mar dhùthaich gu 1901 agus roimhe sin, bha diofar cholonaidhean san dùthaich agus bha iad a’ cleachdadh diofar ghèidseachan. Bha cuid de na loidhnichean a’ cleachdadh gèidse choitcheann (standard gauge – 4’8½”) agus cuid a’ cleachdadh gèidse na h-Èireann (5’3”) agus tòrr eile a’ cleachdadh caol-ghèidse (mar as trice 3’6” ann an Astràlia – ‘gèidse nan colonaidhean’). Tha seo fhathast na dhùbhlan an-diugh, ged a tha gèide choitcheann air a bhith a’ fàs mean air mhean.

A bharrachd air seo, tha na stàitean fhathast uabhasach cudromach ann a bhith a’ ruith seirbheisean rèile agus tha dìth co-òrdanachaidh nàiseanta ann – chan eil companaidh nàiseanta ann coltach ri Amtrak (an companaidh nàiseanta do luchd-siubhail sna Stàitean Aonaichte) gus seirbheisean rèile fìor fhada a ruith.

By Roderick Eime from Australia – The Ghan, CC BY 2.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=66107221

Tha na seirbheisean air na loidhnichean fada tar-Astràlianach leithid an Indian Pacific agus an Ghan air an ruith le companaidhean prìobhaideach mar trèanaichean luxury do luchd-turais agus chan eil seirbheis àbhaisteach ann dhan phoball. Chan ann mar seo a tha cùisean sna Stàitean Aonaichte far a bheil e meadhananch saor a dhol bho New York gu LA le Amtrak, mar eisimpleir ach nan robh thu ag iarraidh a dhol bho Adelaide gu Perth no bho Adelaide gu Darwin, chosgadh e airgead gun chiall. Tha na prìsean air a’ Ghan bho Adelaide gu Darwin a’ tòiseachadh aig c£2,000 mar eisimpleir agus cosgaidh an Indian Pacific eadar Sydney is Peairt c£1,300 no c£900 eadar Adelaide is Peairt.. Mar sin, chan eil na trèanaichean astar fìor fhada farpaiseach le plèanaichean a thaobh prìs idir.  

Ach, ged nach eil seirbheisean eadar-chathrach math gu leòr aig an ìre seo, tha rathaidean-iarainn glèidhte uabhasach pailt san dùthaich. Agus eu-choltach ris na loidhnichean san RA far a bheil a’ mhòr chuid gu math goirid (eadar 1 is 10 mìle mar as trice), tha tòrr aca gu math fada – tha cuid aca còrr is 20 mìle a dh’fhaid agus ann an sgìrean le fìor dheagh sheallaidhean, tursan a chòrdas ri luchd-turais san fharsaingeachd agus chan ann a-mhàin le trainspotters.

Seo clàr le fiosrachadh mu na rathaidean-iarainn anns gach stàit/roinn ann an Astràlia.

Chan eil fhios agam am bi tìde no airgead gu leòr agam a-chaoidh airson a dhol a dh’Astràlia – ach tha e air an liosta-bhucaid agam co-dhiù!

Alasdair

p.s – seo beagan ceòl Astràlianach dhuibh! Bho Friday 13th – Part V, Pseudo Echo le His Eyes.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s