Na rach seachad air “Toisich” na cruinnich £200… Stèiseanan Monopoly #gàidhlig

Nuair a bha mi òg, bha mi beò-ghlaichte le leabhar air an robh British Electric Trains in Camera. Chaidh fhoillseachadh aig toiseach nan 1980an agus leugh mi ann am meadhan nan 1980an e nuair a bha mi mu 12 bliadhna a dh’aois no mar sin.

Bha tòrr diofar sheòrsaichean trèana ann agus mar a bhiodh tu an dùil, bha tòrr dhiubh ann an Lunnainn. Agus abair gun robh cuid dhiubh gu math exotic – trèanaichean treas rèile (third rail) nam measg agus tòrr trèanaichean tiùb cuideachd. Agus a bharrachd air seo, chuir e iongnadh orm gun robh an uiread de thermini sa bhaile.

Heathrow Express, Paddingon

Ann an Glaschu, cha robh againn ach Sràid na Banrighinn agus Stèisean a’ Mheadhain (agus gu 1967, St Enoch agus Sràid Bhochannan cuideachd) ach ann an Lunnainn bha còrr is 10 ann.

Bha fios agam air Kings Cross, Liverpool Street, Fenchurch Street agus Marylebone bho Monopoly ach fhuair mi a-mach bho na leabhraichean gun robh tòrr a bharrachd ann! Mar a chithear air a’ mhapa seo, tha co-dhiù 13 ann – agus tha cuid a’ meas Moorgate – stèisean a tha tòrr nas lugha – mar àireamh 14. (Agus bha Stèisean Broad Street ann cuideachd gus an deach a dhùnadh ann an 1986 – faic am post bloga agam an seo).  

Hbf878, OpenStreetMap contributors, CC BY-SA 2.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0, bho Wikimedia Commons

Nuair a bha mi òg, bha mi airson a dhol air turas gu Lunnainn gus na diofar stèiseanan fhaicinn. Shabhail mi airgead fad 2 no 3 bliadhna ach aig a’ cheann thall, chaill mi m’ ùidh ann an trèanaichean is chleachd mi mo chuid airgead airson clàran roc is geamaichean coimpiutair.

Ach anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha mi air a bhith a’ feuchainn ris na trèanaichean sònraichte agus cuid de h-àiteachan bhon leabhar British Electric Trains in Camara fhaicinn, turas a tha air mo thoirt gu Lunnainn, Coventry, An Caisteal Nuadh, agus Eilean Wight am measg àiteachan eile gu ruige seo.

 Tha mi a-nis a’ beachdachadh air an turas a ghabhail gu Lunnainn nach do rinn mi air ais anns na 1980an. Tha mi air trèanaichean a ghlacadh ann an tòrr de na termini tro na bliadhaichean – Kings Cross is Euston gu sònraichte ach shaoil mi gum biodh e math feuchainn ri dhol thuca uile ann an aon latha. Cha robh mi riamh ann am Fenchurch Street, Charing Cross no Cannon Street agus tha mi gu mòr airson an làn seata de thermini fhaighinn!

Sin an seòrsa rud a bha mi a’ dol a dhèanamh ann an 1986 ach bha mi dìreach an dùil a dhol ann airson coimhead air na trèanaichean anns gach stèisean is dealbh no dhà a thogail. Ann an 2022,  cha dèanadh sin a’ chùis idir. Bhiodh agam ri rudan nas inntinniche is nas motha is nas gòraiche a dhèanamh! Mar sin, shaoil mi gum biodh e math feuchainn ri trèana fhaighinn a-mach no a-steach gu/bho gach terminus ann an aon latha. Bhiodh e furasta gu leòr a dhol eadar na stèiseanan mòra air an Underground ceart gu leòr ach bhiodh sin RO FHURASTA, is mar sin, chuir mi romham a bhith ga dhèanamh gun a bhith a’ dol air an Underground no air busaichean!

Shaoil mi gum biodh e furasta gu leòr. Tha tòrr de na stèiseanan ceangailte ri chèile – air a’ mhapa seo, mar eisimpleir, chithear gu bheil Charing Cross, Cannon Street, Blackfriars, London Bridge, Waterloo (East) agus Euston uile ceangailte ri chèile. Agus tha e furasta a dhol eadar Waterloo agus Victoria cuideachd taobh Clapham Junction.

Ach an uair sin, dh’fhàs rudan na bu dhoirbhe. Bha e meadhanach furasta a dhol eadar gach stèisean – gus an tàinig e gu Paddington is Marylebone. Airson a dhol eadarra, tha e coltach gum biodh agad ri dhol gu Oxford agus air ais air loidhnichean eadar-dhealaichte! Agus tha e doirbh a dhol eadar Marylebone agus stèisean sam bith eile gun a bhith a’ dol air an Underground no bus no co-dhiù a bhith a’ coiseachd.

Aig a’ cheann thall, saoilidh mi gu bheil e do-dhèanta mur a dèan thu co-dhiù beagan coiseachd eadar stèiseanan an siud is an seo. Ach bu toil leam a dhèanamh co-dhiù, fiù’s mur a gabh e dèanamh gun a bhith a’ dol air cois, bus no fo-thalamh!

Dè ur beachd? Am bu chòir dhomh a dhèanamh?

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an England, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s