Tha an aithris a leantainn an seo air an turas agam gu Eilean Wight eadar an Nollaig agus a’ Bhlaidhna ùr…
Bha mi gu math sgìth às dèidh a’ chiad latha agam ann an Eilean Wight agus mar sin às dèidh pinnt no dhà sa bhàr san taigh-òsta agus beagan Thin Lizzy air an jukebox, chaidh mi dhan leabaidh aig 9f no mar sin.
Chaidh mo dhùsgadh aig 1m no mar sin – bha fuaim gu math àrd ann. Cha robh mi cinnteach cò mi no càite an robh mi no dè bha dol ach dh’obraich mi a-mach far an robh mi nuair a chuala mi tòrr dhroch chainnt ann am blasan tòn Shasainn – bha na daoine mu dheireadh bhon bhàrr a’ sabaid taobh a-muigh m’ uinneag!! “Och uill”, smaoinich mi agus chaidh mi air ais a chadal…..
Chaidh mi airson bracaist ann an cafaidh ri taobh Co-op Sràid Anglesey – Ynys Môn yn Ynys Wyth – agus fhad’s a bha mi a’ gabhail a’ chiad cofaidh den latha, rinn mi planaichean airson an latha – plana le ceangal eile ris a’ Chuimrigh. Bho Ynys Môn, chaidh mi gu Casnewydd oir ‘s e Newport an t-ainm a th’ air prìomh bhaile Eilean Wight a bharrachd air a’ bhaile-mhòr sa Chuimrigh.
Cho-dhùin mi gun robh mi a’ dol a dhol air a’ bhus gu Newport agus an uair sin gu Cowes, baile cudromach eile. Bha rathaidean-iarainn ann dhan dà bhaile sin uair ach chaidh an dùnadh le Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul!).
Tha iomairt a’ dol air adhart gus an rathad-iarainn gu Newport ath-fhosgladh – chì sinn dè thachras – ach chanainn nach eil e ro choltach gun tachair e, ged a bhiodh e sgoinneil. Ged nach eil loidhne eadar Ryde is Newport fosgailte tuilleadh, ge-tà, tha tòrr dhith a-nis na pàirt den Isle of Wight Steam Railway. Cha robh e fosgailte air an latha sin, gu mi-fhòrtanach, ach tha e a’ toirt dhomh leisgeul a dhol air ais as t-Samradh.
Ged nach fhaca mi an rathad-iarainn, ge-tà, chunnaic mi prìosanan ainmeil an Eilein bhon bhus!
Bha an turas bus gu math inntinneach. Bha dithis dheugaire ann agus bha iad a’ bruidhinn mu an seanmhairean.
“My Nan’s so boring. Old people are SOOOO boring” thuirt an darna tè.
“Yes, and they all smell too” arsa an tè eile.
“Yes, they all smell of Chanel No 5”.
Mise (?????)
Aon latha, ma bhios oghaichean agam tha mi cinnteach gun can iad “abair gu bheil sàmh a’ choin dhe mo Shen – joss sticks, cait, leabhraichean agus seann chofaidh. Agus tha e daonnan a’ bruidhinn mu dheidhinn fìor neònachais leithid Volapuk agus an turas a chaidh e a Bharraigh.”

‘S e baile beag brèaga le bùitean gu leòr a th’ ann an Newport agus às dèidh cofaidh, fhuair mi am bus gu Cowes, baile a tha ainmeil airson iachtaichean. Tha Marks and Spencer Foodhall a-nis far an robh stèisean a’ bhaile uair ach tha plac ann a tha a’ comharrachadh far an robh e.
Bha mi sa Chùirn na bu thràithe am-bliadhna agus tha Cowes gu math coltach ri St Ives nam bheachd – prìomh shràid mhòr bhrèagha gun chàraichean faisg air a’ mhuir le bùithean is cafaidhean spaideil. Bha mi a’ faireachdainn gu ìre nach robh mi spaideil gu leòr airson a’ bhaile, ge-tà!
Tha dà bhaile ann – Cowes agus East Cowes a tha air an sgaradh bho chèile leis an abhainn Medina. Tha aiseag eadar an dà bhaile – aithisg-slabhraidh is chaidh mi air turas air mus deach mi air ais gu Newport agus an uair sin gu Ryde.
Abair gu bheil an t-seirbheis bus san eilean math. Tha iad uile air an ruith leis an aon chompanaidh – Southern Vectis agus tha na clàran-ama glè mhath, leis na seirbheisean do dhiofar bhailtean coordanaichte agus le prisean reusanta, comas pàigheadh tro app, no tro bhith a’ dèanamh touch-in agus touch-out le do chairt banca mar a nithear ann an Lunnainn. Agus tha na seirbheisean gu math tric cuideachd – fiù ’s aig àm na Nollaig nuair a bha mi ann. Tha tòrr againn ann an Alba ri ionnsachadh bho seo….
Air ais ann an Ryde, bha tìde agam an trèana fhaicinn aon uair eile. Bha an aimisir gu math garbh agus bha an trèana air briseadh sìos air a’ chidhe. Ged a tha na trèanaichean ùra ann, tha e coltach gu bheil beagan duilgheadasan toiseachaidh aca.
Às dèidh sin, bha an t-àm ann dèanamh air tìr-mòr agus chan ann air bàta a bha mi a’ dol an turas seo ach…. bàta-falbhain – hovercraft. Tha Hovertravel a’ ruith an aon sheirbheis bàta-falbhain cunbhalach san t-saoghal air an t-slighe aca eadar Ryde agus Portsmouth. Tha e gu math gu math luath – chan eil e a’ toirt ach 10 mionaidean uile gu lèir.
‘S e latha mòr a bha seo – chan e a-mhàin gun d’ fhuair mi bàta-falbhain ach an uair sin, air a’ bhus dhan stèisean rèile (Portsmouth and Southsea), stad sinn taobh a-muigh Wimpy! Cha robh fhios agam gun robh gin aca air fhàgail – thug e air ais do na 80an mi – burgairean sgoinneil agus knickerbocker glories san Sauchiehall Street Centre! Tha mi dìreach duilich nach robh tìde gu leòr agam a dhol ann.
An uair sin, chaidh mi air ais gu Lunnainn air an trèana agus ghabh mi turas no dhà air an tiùb – tha mi a’ feuchainn ri dhol air a h-uile loidhne san lìonra agus chaidh mi air pìosan mu dheireadh den Picadilly Line agus den District Line. Cha mhòr nach eil mi deiseil – chan eil agam ri dhèanamh a-nis ach beagan den Hammersmith & City Line.
An uair sin, bha an t-àm ann airson pinnt agus beagan den leabhar agam a leughadh ron trèana oidhche dhachaigh. Eu-choltach ris an t-slighe gu deas, thuit mi nam chadal agus chan fhada gus an robh mi ann an Glaschu. Safari rèile soirbheachail eile!
Alasdair
Air m’ fhòn – Dire Straits Communique (1979), Dire Straits Dire Straits (1978) – bha beagan Dire Straits a dhìth às dèidh dhomh leabhar John Illsley a leughadh!
Railmiles c1,000
Glè mhath a bhith a’ leughadh mun Eilean, is caraidean dhomh a’ fuireach an sin. Oh, agus tha Wimpy againn ann an Inbhir Pheofharain cuideachd! 😉
'S toil'S toil
Wow! Feumaidh mi a dhol ann! Cha robh mi ann an Inbhir Pheofharain fad 5 bliadhna no mar sin 😦
'S toil'S toil