Tha a’ chiad seirbheis rèile le trèana bataraidh san RA gu bhith a’ tòiseachadh ann an Lunnainn a dh’aithghearr.
Bidh trèanaichean bataraidh a’ ruith air meur-loidhne ghoirid Greenford ann an Lunainn an Iar a tha a’ dol bho West Ealing gu Greenford. ’S e pròiseact pìleat a tha seo ach ma bhios e soirbheachail, thèid fheuchainn ann an àiteachan eile.
‘S e naidheachd mhath dha-rìribh a tha seo.
Tha an t-àm ann cùl a chur ri trèanaichean dìosail air adhbharan àrainneachd ach tha e uamhasach daor dealanachadh os-cionn (overhead line electrification) a chur air dòigh agus tha e a’ toirt ùine mhòr cuideachd. Agus ged a bu chòir dhan mhòr-chuid den lìonra a bhith air a dhealanachadh, tha cuid de loidhnichean ann far nach tachair e gu bràth – mar eisimpleir loidhnichean dùthchail fada gun mòran luchd-cleachdaidh.
Mar sin, bidh pàirt chudromach aig trèanaichean bataraidh agus haidridein ann a bhith a’ dì-chàrbonachadh rathaidean-iarainn.
Ged a tha deuchainnean air a bhith ann, a’ gabhail a-staigh deuchainnean ann am Bo’ ness agus ann an Glaschu rè COP26, seo a’ chiad turas a bhios trèanaichean bataraidh a ruith ann an seirbheisean àbhaisteach le luchd-siubhail.
Chaidh meur-loidhne Greenford a thaghadh airson a’ phìleit seo a chionn’s gu bheil i goirid agus a chionn ’s gur e seotal (shuttle) a th’ ann le trèanaichean a’ dol suas agus sìos an loidhne fad an latha is gun a bhith a’ dèanamh ceangal ris a’ chòrr den lionra. Bidh an trèana a’ tèarrdseadh aig an stèisean eadar seirbheisean.

‘S e trèana clas 230 a bhios ann – trèana London Underground bhon District Line a chaidh suas-chuairteachadh (upcycled) agus a tha a-nis a’ ruith air bataraidhean.
Agus a rèir artagal san Scotsman bho chionn ghoirid, thathar an dùil gun òrdaich ScotRail trèanaichean bataraidh ùra ann an ùine nach bi fada.
Alasdair
Mur eil thu a’ tuigsinn cò às a thàinig tiotail a’ bhlog seo, tha e bhon òran Battery le Metallica (anns na làithean nuair a bha iad fhathast math!)