Tha mo nighean as sine Ciorstaidh beò-ghlaicte le Harry Potter agus tha mo nighean as òige Eubha uamhasach dèidheil air Lego agus mar sin, chaidh sinn air turas gu Stiùdio Harry Potter agus gu Legoland ann an ceann a deas Shasainn air ais san Dàmhair.
Bha sinn uile toilichte oir tha mi fhèin is Jenny gu math dèidheil air Harry Potter agus Lego cuideachd AGUS bha cothrom ann a dhol air gu leòr trèanaichean!
Air a’ chiad latha, chaidh sinn gu Watford Junction. Às dèidh dhuinn a dhol a-steach gu Port Adhair-Luton, agus eadar Luton Airport Parkway is St Albans air an trèana, bha sinn a’ dol a dhol air an Abbey Flyer, a’ mheur-loidhne eadar St Albans agus Watford Junction ach bha na trèanaichean dheth air an latha sin air adhbhar air choireigin agus bha againn ri bus fhaighinn.
Chuir sinn Taigh-òsta air dòigh ann an Watford Junction oir bidh na busaichean gu Stiùdio Harry Potter a’ falbh às a sin. Bha mi air mo dhòigh glan leis an àite-fuirich againn oir nuair a chaidh sinn dhan t-seòmar, bha deagh shealladh againn den stèisean agus de na trèanaichean a’ dol seachad!
Chuir e iongnadh oirnn uile cho snog ’s a tha Watford. Bha tòrr thogalaichean eachdraidheil ann, bùitean matha agus tha fiù ’s lòn-thunnaig air an àrd-shràid!
Chaidh sinn gu Watford High Street air an Overground agus thug e orm smaoineachadh mu thubaist a bh’ air a bhith air an Overground latha no dhà mus robh sinn ann – chaidh trèana tro na bufairean ann an Enfield.
Thàinig e a-mach às dèidh làimh gun robh an dràibhear air a bhith a’ gabhail cocaine!
Gu fortanach, chan eil e coltach gun robh an dràibhear againn air a bhith a’ gabhail pùdair caismeachd Bholibhia!
Thug sinn orm smaoineachadh mun òran Casey Jones leis a’ Ghrateful Dead:
Driving that train, high on cocaine, Casey Jones is ready, watch your speed, Trouble ahead, trouble behind, And you know that notion just crossed my mind…
The Grateful Dead
An ath-latha, chaidh sinn air a’ bhus shònraichte gu Stiùdio Harry Potter. Chunnaic sinn a h-uile rud – Privet Drive, Talla Mòr Hogwarts, na seòmraichean teagaisg ann an Hogwarts agus fhuair sinn butter beer.
Agus a bheil fhios agad dè th’ aca an sin a-nis?
Trèana Hogwarts!
An ath latha, chaidh sinn gu Lunnainn agus bha sinn a’ fuireach faisg air Stèisean Euston. Mhothaich mi typo cloiche sgriosail – Aberystwith. A-steach dhan mhuir leis còmhla ri Carnarvon, Conway, Towyn etc.
Bha Jenny air iarraidh orm tiocaidean a chur air dòigh dhan Tate Gallery. Rinn mi sin ach cha robh fhios agam gun robh dà Thate Gallery ann – cha robh mi air cluinntinn ach mun Tate Modern agus mar sin, chuir mi tiocaidean air dòigh airson sin.
Ged is e Tate Bhreatainn a bha Jenny a’ ciallachadh, cha do chuir e cus dragh oirre gun robh mi air an gailearaidh ceàrr a chur air dòigh is chaidh sinn ann.
Leis an fhìrinn innse, chan eil tuigse sam bith agam air na h-ealainean lèirsinneach idir agus ged a chuala mi gu leòr dhaoine a’ càineadh nua-ealain, chòrd na chunnaic mi rium. Ach cha do chòrd e ri mo nighnean Ciorstaidh is Eubha “cha chanainn ealain ri sin idir. Chan eil ann an sin ach sgudal!” is mar sin air adhart is chaidh mo dhubh chàineadh airson an gailearaidh ceàrr a thaghadh!
Bha an aon seòrsa beachd aca ’s a bha aig Mark Knopfler a rèir coltais:
And then you get an artist says he doesn’t want to paint at all
He takes an empty canvas and sticks it on the wall
The birds of a feather all the phonies and all of the fakes
While the dealers they get together
And they decide who gets the breaks
And who’s going to be in the gallery
Dire Straits, In the Gallery, 1978
Ach air an fheasgair, chaidh sinn airson piotsa agus an uair sin air turas bus timcheall air Lunnainn agus chòrd sinn riutha gu fortanach!
Mus deach sinn a-mach airson biadh, ge-tà, chaidh mi air turas rèile eile. Tha mi a’ feuchainn ri dhol air Underground Lunnainn air fad agus cha robh mi riamh air meur-loidhne an District Line gu Kensington Olympia, loidhne a tha dìreach fosgailte aig deireadh na seachdain. An turas seo, fhuair mi cothrom a dhol air!
An ath-latha,dhùisg sinn gu tràth agus rinn sinn air Euston airson trèana a ghlacadh gu Legoland. Fhuair sinn an trèana gu Slough agus an uair sin air a’ mheur-loidhne gu Windsor & Eton Central.
Is e meur-loidhne shnog a th’ ann gu Windsor & Eton Central le arcade snog le bùithean is cafaidhean. Tha am baile fhèin uamhasach snog cuideachd. Fhuair sinn am bus gu Legoland an uair sin agus bha mi a’ coimhead air adhart ris an turas oir ’s toil leam Lego agus pàrcaicean-teama san fharsaingeachd. AGUS tha dà rathad iarrainn-ann cuideachd!
’S a chiad dol a-mach, tha an Hill Train. Tha an t-slighe a-staigh dhan Phàirc gu math àrd agus airson a dhol sìos do na goireasan uile, ’s e an dòigh as fheàrr a dhol air a’ Hill Train. ‘S e trèana càball th’ ann a tha car coltach ri Tramfordd y Gogarth – the Great Orme Tramway ach a-mhàin nach eil dràibhear ann.
Ged a tha dathan agus coltas Legothach air an loidhne bheag seo sna làithean seo, bha e ann nuair a bha Pàirce Safari Windsor ann mus deach Legoland a chur na h-àite.
Chòrd an loidhne bhaeg rium glan – agus nam bithinn ann leum fhèin, bhithinn dìreach air a dhol suas agus sìos air fad an latha gun an còrr den phàirc fhaicinn!
Thog mi bhidio den Hill Train cuideachd:
Gu mì-fhortanach, bha an Lego Express – an rathad-iarainn àbhaisteach dùinte nuair a bha sinn ann – an aon rud a thachair nuair a chaidh sinn gu Disneyland Paris. Dà phàirc-teama agus dà rathad-iarainn dùinte….

Ach bha na rides uile math agus bha an latha fìor mhath.
Chaidh sinn dhachaigh air an ath latha, ach mus do rinn sinn sin, bha tìde againn rud no dhà eile a dhèanamh. Fhad’s a bha na nighnean sna bùithtean, chaidh mi airson safari rèile. An tòiseach, rinn mi an Kennington Loop.
Seo turas goirid ach toirmisgte a tha gu math mòr-chòrdte do dh’aficionados Underground Lunnainn!
Bidh a’ mhòr chuid de na trèanaichean air meur-loidhne Charing Cross an Northern Line a’ crìochachadh ann an Kennington. Bidh na daoine a’ fàgail na trèana agus bidh an trèana an uair sin a’ tionndadh air lùb Kennington agus a’ dol gu tuath a-rithist bho stèisean Kennington. Chan eil e ceadaichte do luchd-siubhail a dhol timcheall air an lùib – ach bidh gu leòr dhaoine ga dhèanamh co-dhiù.
Bha an t-eagal orm gun rachadh mo thilgeil far na trèana no gum faiceadh an dràibhear mi air CCTV ach mar a thachair e, bha e air leth furasta is cha do thachair dad!
Bha cothrom agam bhidio a thogail.
Agus mu dheireadh, chaidh mi air turas air an loidhne Underground ùr eadar Kennington agus Stèisean Cumhachd Battersea. Tha mi gu math deidheil air Pink Floyd agus bha mi an dùil gum biodh dealbhan is ìomhaighean de mhucan air feadh an àite – ach cha robh idir. Agus nuair a chaidh mi dhan stèisean Cumhachd fhèin, cha robh sgeul air a’ mhuic – ach chuir mo nighean Ciorstaidh an dealbh a thog mi ceart às dèidh làimh!
Agus lorg mi am modal Lego seo den Stèisean Cumhachd cuideachd.

An uair sin, bha an tìde ann a dhol dhachaigha Ghlaschu, a shelter, from Pigs on the Wing….
Alasdair