Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc: Turas gu Hiort a’ chinn a deas

Is fìor thoil leam eileanan, an dà chuid ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Tha mi air tadhal air iomadh eilean beag is mòr bho Hiort sna iar-thuath gu Creag Ealasaid san iar-dheas agus Eilean Mhaigh air a’ chosta an ear.

Tha tòrr eileanan air nach do thadhail mi fhathast, ge-tà agus tòrr a tha mi airson faicinn. Aig mullach na liosta bucaid agam tha Eilean Ascension anns an Atlantaig a Deas. Agus san dàrna àite, tha Rònaigh – eilean Gàidhealach le eachdraidh gu math beartach is inntinneach.

Bha cothrom agam a dhol gu Hiort bho chionn trì bliadhna agus bha e dìreach sgoinneil.

An t-Sràid, Hiort

Ach a bheil fhios agad dè tha ceàrr le Eilean Ascension is Hiort is Rònaigh? Seadh, chan eil trèanaichean ann.

Bho chonn seachdain chaidh mi gu eilean a tha caran iomallach is doirbh ruigsinn –  ach a tha gu math handy airson na trèana. B’ e seo Cumaradh Beag no Wee Cumbrae. Tha sinn uile eòlach air Cumaradh Mòr agus a phrìomh bhaile – gu dearbh, an t-aon bhaile san eilean – Port a’ Mhuilinn/Millport – ach chan eil mòran againn air a bhith ann an Cumaradh Beag.

‘S e eilean prìobhaideach a th’ ann an Cumaradh Beag agus chan eil e furasta faighinn ann. Chan eil ach dithis a’ fuireach san eilean – caraid posta a tha a’ coimhead às dèidh taigh mòr an eilein – Cumbrae House agus mar sin, chan eil seirbheis aiseig ann. Tha an t-eilean air a bhith le diofar dhaoine sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus gus bho chionn ghoirid bha e doirbh faighinn ann.

Gu fortanach, tha companaidh air a bheil Clyde Charters a-nis a’ dol ann gu cunbhalach agus nuair a chuala mi mu dheidhinn, cha b’ e ruith ach leum dhomh tiocaid fhaighinn.

Mar sin, cha robh agam ri dhèanamh ach trèana fhaighinn eadar Glaschu agus an Leargaidh Ghallda gus am bàta agam fhaighinn. Mar a thachair e, le stailc nan trèanaichean, cha robh e idir furasta, ach rinn mi a’ chùis air agus aig 11:30 bha mi a’ feitheimh aig a’ chidhe. Agus chan fhada gus an do nochd Tonka – am bata beag buidhe aig Clyde Charters.

Tonka – bàta Clyde Charters. Tha Cumaradh Mòr agus Arainn ri cùl na deilbhe. Chithear an aiseag aig Laimrig Chumaraidh cuideachd.

Bhon Leargaidh, chaidh sinn seachad air Cumaradh Mòr agus an uair sin seachad air Port a’ Mhuilinn – le deagh sheallaidhean de Bhòd agus de dh’Arainn agus an uair sin de Chumaraidh Bheag fhèin. Cha tug an turas ach 20 mionaid.

An Leargaidh bhon mhuir

Bha ròin gu leòr air na clachan faisg air an eilean agus bha tòrr ri fhaicinn faisg air a’ chidhle – Caisteal Chumaraidh, Taigh Chumaraidh agus beagan taighean is toglaichean eile. Tha sealladh àlainn an de Phort a’ Mhuilinn cuideachd.

Tha an caisteal ann am fìor dheagh staid agus faodaidh tu a dhol a-steach ann agus a dhol suas dhan mhullach.

Tha gu leòr ri fhaicinn san eilean agus cha robh againn ach trì uairean a thìde. Às dèidh sùil a thoirt air a’ chaisteal, chaidh mi air cuairt dhan taigh solais air taobh an iar an eilean. Cha robh e furasta, feumar an ràdh. ‘S e eilean gu math beanntach a th’ ann agus tha an rathad thairis air an eilean bhon chaisteal dhan taigh-solais gu math gu math cas. Bha mi toilichte gun robh botannan làidir agus gu leòr uisge agam – gu sònraichte leis gur e latha fìor theth a bh’ ann.

Mu letheach slighe, faisg air meadhan an eilein, chaidh ionnsaigh a thoirt oirnn le faoilleagan – feumaidh gun robh sinn faisg air an àite neadachaidh aca – ach leis nach eil ach aon fhrith-rathad ann cha robh dol às againn.

Às dèidh dhomh tighinn beò à ionnsaigh nan Angry Birds, bha an t-àm ann a dhol sìos air rathad cas dhan taigh-solais. Chan eil an taigh-solais ga chleachdadh idir a-nis agus tha na taighean is toglaichean agus an gàrradh air a dhol a dholaidh. A rèir coltais, bha obair sgeadachaidh a’ dol air adhart air na toglaichean bho chionn ghoirid ach tha cudeigin air a’ mhòr-chuid de na h-uinneagan a bhriseadh. Tha mi an dùil is an dòchas gun tèid na togalaichean a ghlèidheadh is a sgeadachadh mus tèid am milleadh leis a’ ghaoith is uisge. Bhiodh iad math airson flataichean làithean-saora no taigh-tasgaidh.

Taigh-solais Chumaraidh

Mhotaich mi air a’ mhapa gu bheil ainmean Gàidhlig gu leòr san eilean: Craig Nabbin (Creag an Àbain?) faisg air an taigh-solais, Shenawally Point (Seana-bhaile?), Ballach an tom Slap (Bealach an Tuim?) agus cnoc air a bheil Bar Hoy.

Chaidh an 3 uairean a thìde san eilean inntinneach seo seachad gu math luath agus cha b’ fhada gus an robh mi aig a’ chidhe a-rithist a’ feitheimh ris a’ bhàta.

Leis an fhrinn innse, nuair a chaidh mi, bha mi caran draghail mun àite oir a rèir an t-seann fhacail:

Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc; tha cuid dheth sa Chumaradh Bheag làimh ris. 

Ach gu fòrtanach, chan fhaca mi olc sam bith. ‘S e eilean sgoinneil a th’ ann agus mholainn gu mòr e.

Tha mi a’ planadh turas rèile eile gu eilean an-dràsta – Glaschu – an t-Oban – Colbhasa agus air air dhan Òban air a’ phlèana. Cùm sùil air trèanaichean, tramaichean is tràilidhean airson barrachd fios.

Alasdair

Air an Kindle agam: Cowboy Song, the Authorised Biography of Philip Lynott – Graeme Thomson.

Air m’ fòn làimh: Status Quo – Whatever You Want 1979 (9/10), Thin Lizzy – Live and Dangerous, 1978 (10/10).

Railmiles: 86

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc: Turas gu Hiort a’ chinn a deas

  1. Thuirt drronmccoy:

    Chòrd seo rium gu mòr! Mòran taing!

    'S toil

  2. Pingback: Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc: Turas gu Hiort a’ chinn a deas — Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean – Tuairisceoir an Dúin

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s