Tha Lunnainn ainmeil airson trèanaichean fo-thalamh – an Tiùb agus a-nis an Elizabeth Line cuideachd. Ach a bharrachd air sin, tha rathad-iarainn fo-thalamh nas lugha ann nach eil buileach cho cliùiteach ach tha a cheart cho inntinneach.
Eadar 1927 agus 2003, bha rathad-iarainn sònraichte fo mheadhan Lunnainn a’ ceangal Stèisean Paddington san Iar agus Stèisean Liverpool Street agus Ionad Puist Whitechapel san Ear.
⠀
B’ e seo Rathad-iarainn Oifis a’ Phùist, Lunnainn no Mail Rail agus cha bhiodh e a’ giulan luchd-siubhail idir ach litrichean agus parsailean. Chaidh a thogail a chionn ’s gun robh an trafaig rathaid cho dona ann am meadhan a’ bhaile is gun robh e a’ cur maill air a’ phost.⠀
Seo mapa den t-siostam. Gu h-iongantach, tha an t-slighe car coltach ris an Elizabeth Line ùr!

Dhùin an loidhne ann an 2003 mar thoradh air atharrachaidhean anns an t-siostam puist.⠀
⠀
Gu fortanach, ge-tà, tha pàirt den loidhne air ath fhosgladh do luchd-turais agus tha cothrom ann a-nis a dhol air an trèana bheag sgoinneil seo a tha mar phàirt de thaigh-tasgaidh a’ phuist.

Nuair a bhios mi ann an Lunnainn san Dùbhlachd, tha mi gu bhith a’ dol air an rathad-iarainn beag snog seo. Postaidh mi barrachd fios an seo.
Alasdair
Nach e sin a tha smaointeanach! 😲✉️🛤
'S toil'S toil