Am port-adhair as lugha ann am Breatainn: turas air a’ phlèana bheag bhuidhe!

Is toil leam a bhith a’ coimhead air YouTubaichean siubhail a tha a’ dol air tursan rèile no adhair gu àiteachan inntinneach. Is toil leam gu sònraichte Steve Marsh, à Alba a bhios a’ dol gu diofar àiteachan an Alba agus nas fhaide air falbh agus cuideachd Noel Philips à Sasainn a bhios a’ siubhal fad is farsaing.

Tron ghlasadh-sìos, chunnaic mi dà bhidio leis an dithis a tha sin a bha a’ coimhead air slighean plèana aig loidhne-adhair gu math beag – Hebridean Air Services.

Hebridean Air Serivces, G-HEBS, Port-adhair Cholbhasa
Am plèana beag buidhe!

Nis, a rèir Google, tha 330 plèanaichean aig EasyJet agus 39 aig Loganair, dà chompanaidh adhair gu math cudromach an Alba. Cia mheud a th’ aig Hebridean Air Services ma-thà?

Aon!

Aon phlèana bheag bhuidhe snog!

Tha lìonra aig Hebridean stèidhichte ann am Port-adhair an Òbain le seirbheisean gu Colbhasa, Ìle, Colla agus Tìoradh. Tha na seirbheisean ‘loidhne-teasargainn’ seo uile a’ faighinn taic airgid bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Anns a’ bhideo aig Steve Marsh, chaidh e gu Eilean Cholla agus air ais. Chaidh Noel Philips gu Colbhasa. Bha mi beò ghlacte leis a’ phleana bheag bhuidhe agus bha mi gu mòr airson a dhol air turas oirre. Cha robh mi riamh ann an Tìoradh no Ìle, ach ged nach robh mi riamh ann, tha iad furasta a ruigsinn à Glaschu is mar sin, bha mi airson a dhol an dàrna cuid gu Colla no Colbhasa.

Bhruidhinn mi ri mo charaid Wilson MacLeòid gus faighinn a-mach an robh e ag iarraidh splaoid air a’ phleana bheag bhuidhe agus, nan robh, dè a b’ fheàrr – Colla no Colbhasa.

“Colbhasa”, thuirt e. Dh’innse e dhomh mu eachdraidh inntinneach an àite agus gun do rugadh an sàr sgoilear Gàidhlig Dòmhnall MacFhionghain, a’ chiad àrd-ollamh Celtis ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann, agus gu dearbha, gu bheil e air a thiodhlacadh ann. A bharrachd air seo, tha tòrr leabhraichean ann mu dhualchas an eilein.

Toiseach na slighe – Glaschu Sràid na Banrigh

Nis, chuir sinn an turas air dòigh san Ògmhios, ach bha againn ri a chur dheth oir ghlac mi an Coronabhìoras. Ach chuir sinn cùisean air dòigh a-rithist airson a dhol ann aig deireadh an Lùnastail.

Anns na seachdainean ron turas, leugh mi grunn leabhraichean mun eilean “The Crofter and the Laird” le John McPhee, “The Potters Tale” le Di Alexander, “Dìleab Cholbhasach” le Barbera Satchell agus “A’ fàgail an Eilein” le a nighean Morag Law. Fhuair mi a-mach cuideachd gu bheil foillseachair san eilean cuideachd, House of Lochar, a bhios a’ foillseachadh tòrr leabhraichean mu eachdraidh Innse Gall agus na h-Alba san fharsaineachd. Tha inbhe aig Wigton mar bhaile leabraichean na h-Alba, ach chanainn gum bu chòir inbhe a bhith aig Colbhasa mar eilean leabhraichean na h-Alba! (Uill, is dòcha co-inbhe mar eilean leabhraichean na h-Alba le Leòdhas far a bheil Acair trang a’ foillseachadh deagh leabhraichean cuideachd!)

’S e an rud as fheàrr mu thuras aiseig no plèana bhon Òban, gu bheil e a’ toirt dhut deagh leisgeil a dhol air rathad-iarainn na Gàidhealachd an Iar! Bidh an loidhne bhon Chrìon-làraich-An Gearastan-Malaig daonnan a’ buannachadh duaisean mar an rathad-iarainn as boidhche san t-saoghail, ach chanainn gu bheil a’ mheur-loidhne eile eadar a’ Chrìon-làraich agus an t-Òban a cheart cho brèagha.

Nìs, chan eil e furasta a bhith a’ dol gu Colbhasa. Chan eil na h-aiseagan no plèanaichean uamhasach pàilt agus chan eil na h-amannan ro mhath airson ceangail ris an trèana à Glaschu.

Mar sin, bha againn ri trèana fhaighinn dhan Òban, latha a chur seachad san Òban agus am bàta fhaighinn an ath-mhadainn.

Mar a thachair e, bha mi air bhidio eile le Steve Marsh fhaicinn far an deach e gu Ceararra (Scotland’s most underrated island ga rèir). Cha robh mi riamh ann agus cha robh mi a’ tuigsinn cho mòr sa bha e, no fiù ’s gun robh sluagh a’ fuireach air, gus an do dh’eadar-theangaich mi rudeigin dhan Riaghaltas mu Achd nan Eilean. Dh’ionnsaich mi gu bheil coimhearsnachd bheag bheothail ann an Ceararra agus an uair sin, chunnaic mi a’ bhidio aig Steve Marsh far an deach e dhan eilean.

Mar sin, chaidh sin dhan eilean. Às dèidh turas tagsaidh goirid bho mheadhan a’ bhaile, fhuair sinn an t-aiseag beag snog eadar Gallanach agus Cearrara. Bha lèine-t Gàidhlig orm agus bhruidhinn fear a’ bhàta rium sa Ghàidhlig.

B’ e am plana againn coiseachd timcheall an eilein, srùbag fhaighinn aig an Seòmar-tì agus coiseachd air ais gu Gallanach an taobh eile. Chan eil an t-eilean ro mhòr agus cha robh an turas cho fada idir – air a’ mhapa co-dhiù.

Anns a’ bhidio aig Steve Marsh, ge-tà, bha anail na uchd agus bha e a’ sìor ghearran mu cho sgìth sa bha e fad an t-siubhail. Às dèidh dhomh dhol dhan eilean, bha mi a’ tuigsinn carson a bha e cho sgìth! Tha a’ chiad phàirt den t-slighe eadar an aiseag agus an Seòmar-tì furasta gu leòr ach tha an còrr den eilean gu math gu math cas. Dh’ionnsaich mi às dèidh làimh gun d’ fhuair Rìgh Alasdair II bàs ann an Cearrara- is beag an t-iongnadh – feumaidh gun do dh’fheuch e ri coiseachd timcheall air an eilean cuideachd!

Às dèidh latha ann an Cearrara, bha an t-àm ann a dhol air ais dhan taigh-òsta – agus abair gun robh sinn a’ fuireach ann an Taigh-òsta inntinneach: An Lancaster Hotel. Thagh mi e oir cha ro e ro dhaor agus bha e faisg gu leòr air ionad nan aiseagan. Ach nuair a chaidh sinn ann, bha e dìreach surreal – coltas mar nach do dh’atharraich e idir bho na 80an agus le prìsean airson bìdh nach do dh’atharraich bho na 80an nas motha – bha veggie burger a’ cosg rudeigin mar £2.10! Agus bha figearan pòrsalain ann de dhaoine bho na cogaidhean Napolianach. Neònach! Bha coctail bar aca cuideachd le pannalan fiodha den t-seòrsa a th’ anns na taighean uile ann an Stranger Things – agus gun sgeul air coctails!

Às dèidh biadh, chaidh sinn a-mach gu Tùr MhicCaog gus dol fodha na grèine fhaicinn. Bha e sgoinneil agus thog sinn dealbh no dhà agus gu h-annasach, choinnich sinn ri cat celebrity – Parsley a bh’ ann le a mham is dad. Thug mi sùil air a’ chunntas twitter aige `às dèidh làimh, a tha ag ràdh:

Parsley, Minister for Cats- Scotland. Oban’s Celebrity Cat. He knows anyone worth knowing and adores Nicola Sturgeon.

Inntinneach. Tha dà chat agam agus chan iad eil ùidh sam bith aca a nochdadh ann am poileataigs gu ruige seo. Gus gaol mòr a bhith aca air neach-poileataigs sam bith, dh’fheumadh e/i thighinn dhan taigh agus Dreamies a thoirt dhaibh!

An ath latha, chaidh sinn gu ionad nan aiseagan. Bha mi an dùil gum biodh am bàta againn beag leis gur e eilean gu math beag a th’ ann an Colbhasa ach ’s ann a bha e gu math mòr. Bha e caran neònach a bhith air bàta mòr gun ach beagan chàraichean agus dhaoine air bòrd. Bha latha àlainn ann agus chaidh an turas dà uair gu leth gu math luath.

Sgalasaig, Colbhasa

Cho luath ’s a chaidh sinn air tìr, dh’aithnich mi Taigh a’ Photter bho leabhar Di Alexander. An uair sin, choisich sinn suas dhan Taigh-òsta – feumar a ràdh gu bheil e pìos air falbh bho downtown Sgalasaig – agus tha an rathad ann caran cas! Chlàraich sinn aig an taigh-òsta agus ’s e taigh-òsta gu math gu math spaideil a th’ ann agus cha robh mi a’ faireachdain spaideil no beartach gu leòr a bhith ann. Feumaidh gu bheil e gu math eadar-dhealaichte ri mar a bha e anns na 1960an agus 1970an nuair a bha John McPhee agus am Potter a sgrìobhadh.

Nis, bha tòrr a bha sinn airson faicinn san eilean ach chan eil còmhdhail phoblach no seirbheis tagsaidh sam bith ann. Mar sin, dè rinn sinn? Baidhsagalan! Fhuair sinn dà bhaidhg bho Colonsay Bikes and Boards agus bha iad a’ feitheimh rinn san taigh-òsda.

Tha baidhg aig Wilson agus tha e cleachdte gu lèor riutha, ach chan eil mise. Chan eil mi air baidsagal a chleachdadh bho bha mi nam dheugaire cha mhòr 30 bliadhna air ais. Mar sin, nuair a chaidh sinn gu Cille Odhrain, dh’ionnsaich nach eil mi idir math air rothaireachd – agus gu bheil Colbhasa gu math cas! Chòrd an turas rium, ge-tà agus cha b’ fhada gus an robh sinn a’ snàmh sa mhuir ann am bàgh Chille Odhrain.

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s