Bidh Glaschu coltach ri seo an ceann 10 bliadhna! Turas dhan Chuimrigh 1

Mar as trice, chan e ruith ach leum dhomh a dhol dhan Chuimrigh ach an turas seo, bha mi a’ dol gu Caerdydd air adhbhar gu math brònach.

Chaochail Adey Neilly, sàr einnseineir sòlais (lighting engineer), agus bràthair mo dheagh chàraid is co-obraiche Mark Mac an Fhìlidh bho chionn ghoirid aig aois fada ro òg agus bha mi air an t-slighe gu Tìr nam Beann, nan Gleann is nan Gaisgeach (eile!) airson cuirm comharrachaidh dha.

Ach bha beagan tìde gu bhith saor agam san dàrna dùthaich as fheàrr leam agus shaoil mi gum biodh e math beagan trèanachais a dhèanamh fhad ’s a bha mi ann. Bha an tachartas air an Dòmhnaich agus dh’fhaodainn a bhith air a dhol ann air an latha fhèin, agus dhachaigh tràth an ath latha, ach leis an fhìrinn innse, tha na rathaidean-iarainn cho mì-earbsach aig an àm seo is gun deach mi ann tràth an latha roimhe is gun deach mi dhachaigh aig meadhan latha an ath latha dìreach airson a bhith cinnteach!

Agus gu dearbha, bha mi glic – ged a bha na trèanaichean agam uile a’ ruith is air an uair, bha gu leòr ann nach robh is a chaidh a chur dheth buileach glan. Gu dearbha, chaill cuideigin an cuirm-cuimhneachaidh fhèin a chionn ’s gun robh na trèanaichean uile dheth air an loidhne aige.

Nis, thòisich mi am bloga seo gus a h-uile rathad-iarainn ann an Alba a dhèanamh, ach às dèidh dhomh sin a dhèanamh, chuir mi romham gun robh mi airson a h-uile rathad-iarainn anns a’ Chuimrigh a dhèanamh cuideachd. Ged a rinn mi iomadh loidhne sa cheann a tuath – agus Loidhne nan Crìochan eadar taobh agus deas na dùthcha, cha d’ rinn mi mòran de na loidhnichean sna glinn.

Seo na loidhnichean a rinn mi sa Chuimrigh gu ruige seo.

Tha tòrr loidhnichean anns na glinn agus mòr-sgìre Caerdydd (Cardiff)/Casnewydd (Newport) mar a chithear sa mhapa gu h-ìosal – sgirean far a bheil sluagh mòr a’ fuireach. Chaidh tòrr dhiubh ath-fhosgladh às dèidh Beeching – loidhne Aberdare ann an 1988, Maesteg ann an 1992, Loidhne Vale of Glamorgan ann an 2005, loidhne Ebbw Vale ann an 2008 agus chaidh stèiseanan a chur air loidhne bathair Cardiff City airson a’ chiad turas riamh ann an 1987.

Bha mi air cuid de na loidhnichean mar-thà – Cardiff City, Coryton, Cardiff Bay, Penarth, Barry Island agus Vale of Glamorgan ach bha gu leòr ann nach d’ rinn mi.

Cho-dhùin mi gun robh mi a dhol a dhol air an loidhne ùr eadar Casnewydd agus loidhne Ebbw Vale an tòiseach. Ged is e Casnewydd am baile mòr as fhaisg air a’ ghleann, cha robh e practaigeach a dhol ann air an trèana roimhe oir bha na trèanaichean uile a’ dol gu Caerdydd agus a’ seachnadh Casnewydd buileach glan. Bho chionn ghiorid, chaidh seo a chur ceart le ath-fhosgladh na loidhne eadar Casnewdd agus loidhe Ebbw Vale.

Chithear an loidhne ùr ann an uaine gu h-ìosal.

Mar sin, an àite a bhith a’ dol fad na slighe gu Caerdydd, chaidh mi far na trèana ann an Casnewydd – agus is math sin, oir bha an trèana loma-làn de dhaoine às Y Fenni (Abergavenny) air an robh deoch mhòr a bha a’ dol a-mach airson splaoid mhòr na Nollaig! (Agus a bha air tòiseachadh air an deoch mar-thà, saoilidh mi!)

B’ e am plana agam a dhol gu Ebbw Vale air an trèana agus an uair sin, a’ dol air a’ bhus air rathad ceann nan gleann gu Rhymni agus an trèana a ghlacadh eadar sin agus Caerdydd.

Cha robh sgeul air an trèana agam ge-tà! Agus gu dearbha, fhuair mi a-mach gun robh na trèanaichean eadar Casnewydd agus loidhne Ebbw Vale uile dheth fad an latha. Mar sin, bha plana ùr a dhìth. Cho-dhùin mi gun robh mi a’ dol a dhol gu Maesteg, ann an sgìre Bridgend/Pen-y-Bont. Mar sin, chan b’ e ruith ach leum dhomh an ath-thrèana fhaighinn gu Maestag taobh Caerdydd Canalog – Cardiff Central.

Soidhne sgoinneil ann an Casnewydd!

Nis, tha trèanaichean Maesteg caran neònach. Ged is e meur-loidhne shuburbach a th’ ann, a tha na loidhne shingilte airson tòrr den t-slighe, tha na trèanaichean uile nan seirbheisean eadar-chatharach a tha a’ dol fad na slighe bho Mhaesteg gu Cheltenham Spa. Ann an dòigh tha e coltach ri trèanaichean bho Mhanchester a bhith a’ tighinn gu crìch ann an Cille Bhrìghde an Ear no trèanaichean bhon Chaisteal Nuadh a’ crìochnachadh ann an Springburn! Saoilidh mi gum bi sin a’ tachairt seach ’s gur e “stèiseanan dhol troimhe” (through stations) seach termini a th’ anns na stèiseanan mòra ann an Caerdydd – (’s e Queen Street agus Central a th’ orra coltach ri Glaschu) – agus nach eil rùm gu lèor ann airson mòran thrèanaichean a bhith a’ stad ann airson tionndadh air ais.

Bha loidhne Maesteg sgoinneil – bha e fìor mhath a bhith a’ sreap air loidhne rud beag cas gu ceann a’ ghlinne agus a’ faicinn nam beann agus nan taighean uile.

Stèisean Maesteg

Air an t-slighe air ais, mhothaich mi ceann-rèile Tondu. ‘S ann às a seo a biodh an loidhne a’ dol gu Pontycymer. Tha an loidhne dùinte aig an àm seo ach thathar ga h-ath fhosgladh ceum air cheum mar rathad-iarainn glèidhte – Garw Valley Railway – Rheilffordd Cwm Garw – agus bu toil leam a dhol ann latha de na làithean.

An uair sin, chaidh mi air ais gu Caerdydd agus air loidhne Ebbw Vale. Bha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ dol ann oir bha ùidh riamh agam ann an Ebbw Vale mar thoradh air …. yoghurt, seadh, yoghurt! Nuair a bha mi beag, cha robh mi deònach mòran ithe ach a-mhàin yoghurt teoclaid, rud a bhiodh a’ cur mo phàrantan droil.

B’ e Ebbw Vale an t-ainm air a’ chompanaidh yoghurt agus bha mi a’ smaoineachadh gur e àite sgoinneil, draoidheil, sònraichte a bhiodh ann. Uill, sin na shaoil mi co-dhiù – fhuair mi a-mach nuair a bha mi a’ rannsachadh na cùis gur e Eden Vale an t-ainm a bh’ air is nach robh ceangal sam bith ann ris a’ Chuimrigh. Ach bi mi measail air Ebbw Vale gu brath siorraidh tuilleadh, yoghurt ann no às!

Ged nach fhaca mi yoghurt sam bith – seoclaid no eile – bha an turas sgoinneil agus ged a bha e a’ fàs dorcha nuair a ruig mi am baile, fhuair mi dealbh no dhà mus deach mi gu deas a-rithist.

Clas 170, Tref Glyn Ebwy
Stèisean Ebbw Vale ann an ciaradh an fheasgair

Nuair a ràining mi Caerdydd, bha e air fàs dorcha agus rinn mi air an taigh-òsta agam. Bha am baile a’ cur thairis le daoine a bha a-muigh airson deochag na Nollaig ach bha mi toilichte a dhol dhan leabaidh tràth le leabhar mu sheanadh na Cuimrigh!

Nuair a bhios mi sa Chuimrigh, bi farmad cànain daonnan orm gu bheil Cuimris sa h-uile àite, bho na clàran-fiosrachaidh sna stèiseanan gu soidhnichean rathaid gu clàran-bìdh. B’ àbhaist dhomh a bhith brònach mu dheidhinn seo – ach a-nis, bidh mi dìreach a’ smaoineachadh “bidh Glaschu coltach ri seo ann an 10 bliadhna.” Agus bidh!

“Great Western Railway” – Caerdydd Canalog – prìomh stèisean na Cuimrigh

Ri leanntainn…

Alasdair

Air m’ fòn: Hawkwind, Levitation1980, 10/10 (Chunnaic mo charaid Mark cluicheadair-giotàr Hawkwind beò ann an Ebbw Vale nuair a bha e na dheugaire agus thug sin orm èisteachd ris a’ chlàr sgoinneil seo airson a’ chiad turas ann am bliadhnaichean!).

A’ leughadh: Wales Says Yes: Devolution and the 2011 Welsh Referendum; Richard Wyn Jones.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s