Underground eile Lunnainn – Mail Rail #gàidhlig

Dh’fhosgail rathad-iarainn glèidhcte fìor neo-àbhaisteach ann an Lunnainn air 2017 agus bha mi riamh airson a dhol ann.

(San dol seachad, ’s e bliadhna mhath bh’ ann a th’ ann an 2017 a chionn ’s gun tàinig an clàr seo le Hawkwind a-mach – is dòcha an clàr as fheàrr riamh!)

Co-dhiù, meanwhile back at the ranch, fhuair mi cothrom a dhol air an loidhne bheag sgoinneil seo – Mail Rail – mu dheireadh thall san Dùbhlachd mar phàirt den t-safari rèile agam gu tòn Shasainn.

Beagan eachdraidh an toiseach. Bha trioblaid aig Oifis a’ Phuist aig toiseach na 20mh linn – bha na rathaidean ann am meadhan Lunnainn cho fìor làn is gun robh e a’ cur maill air seòrsachadh agus lìbrigeadh a’ phuist.

Gus seo a chur ceart, thog iad rathad-iarainn beag fo-thalamh eadar na diofar ionadan puist agus stèiseanan mòra.

Dh’obraich an loidhne bheag, chaol-ghèidse, dhealanach sgoinneil seo gu cruaidh eadar 1927 agus 2003 eadar Whitechapel agus Paddington – 6.5 mile uile gu lèir.

Ged a dhùin an loidhne aig tòiseach an 21mh linn mar thoradh air atharrachaidhean ann an gnìomhachas a’ phuist, chaidh a cur ann am mothballs agus chaidh pàirt dhìth – cearcall ann am Mount Pleasant- ath-fhosgladh mar phairt de thaigh-tasgaidh a’ phuist.

Tha fèill mhòr air tiocaidean airson Mail Rail agus bha e ro thrang a h-uile turas a bha mi gu bhith ann an Lunnainn roimhe gus tiocaidean fhaighinn ach bha mi fortanach an turas seo.

Nis, cha robh na trèanaichean tùsail airson daoine idir – dìreach airson post – agus mar sin, tha na tunailean gu math gu math beag – tòrr nas lugha na tiùb Lunnainn no fiù’s subway Ghlaschu. Gu dearbha, nuair a dhùin an loidhne, bha moladh ann gun rachadh slighe baidhseagail a chur na h-àite ach ’s ann nach eil na tunailean mòr gu leòr fiù’s airson sin.

Mar sin, tha na trèanaichean beag biodach. Ged nach eil mi ach 5’11’’, bha agam ri cromadh agus bha agam ri mo chasan a chur gu taobh airson a dhol a-steach dhan trèana. Cha do chuir seo cus dragh orm, ach chunnaic mi fear eile a dhiùlt a dhol air an trèana le a theaghlach – ged a bha tiocaid aige – mar thoradh air claustrophobia. Cha mholainn Mail Rail do dhuine sam bith aig a bheil eagal ron dorchadas no ro àiteachan beaga – ach còrdaidh e glan ri duine sam bith eile.

Tha dà thrèana aig Mail Rail a chaidh a thogail a dh’aona-gnothach airson luchd-turais: tè uaine is tè dhearg.

Mairidh an turas mu 15 mionaidean leis an trèana a’ dol caran luath tro na tunailean agus a’ stad anns na stèiseanan. Tha aithris-claisneachd ann bho fhear a bha ag obair air an rathad-iarainn fad fichead bliadhna agus anns na stèiseanan, tha dealbhan agus bhidiothan gam pròiseactadh air a’ bhalla. Chòrd an turas rium gu mòr – an dà chuid mar trainspotter agus mar chuideigin le ùidh mhòr ann an eachdraidh.

Às dèidh an turais, tha taigh-tasgaidh ann mun rathad-iarainn agus mu phost air na rathaidean-iarainn san fharsaingeachd.

Seann thrèanaichean Mail Rail

Ma cheannaicheas tu tiocaid airson Mail Rail, gheibh thu a-steach gu Taigh-tasgaidh a’ Phuist air taobh eile an rathaid saor is an-asgaidh.

‘S e taigh-tasgaidh beag snog a th’ ann le eachdraidh a’ phuist bho na meadhan aoisean chun an latha an-diugh. Am measg rudan eile, tha Bus Puist ann coltach ris na busaichean a b’ àbhaist a bhith aca air a’ Ghàidhealtachd agus ann an sgìrean dùthchail eile.

Às dèidh cofaidh luatha is turas timcheall air an taigh-tasgaidh, rinn mi air meadhan a’ bhaile airson turas air Routemaster.

Thàinig na Heritage Services le Routmasters aig Transport for London gu crìch aig àm a’ ghlasaidh-sìos. Gu fortanach, tha companaidh ùr, Londoner Buses a’ ruith seirbheisean Routemaster gach latha do luchd-turais, eadar Stèisean Waterloo agus Picadilly Circus taobh Trafalgar Square. Is math gu bheil iad air ais, oir chan e turas gu Lunnainn a bhiodh ann gun cothrom a dhol air bus Lunnaineach ceart!

Routmaster – dè cho Lunnainneach ’s a tha sin!
Ceàrnag Trafalgar

Mus deach mi dhachaigh dhan taigh-òsta agam, chaidh mi air turas air an loidihne tiùb as fheàrr leam – an Waterloo and City.

Stèisean Waterloo, Waterloo and City Line
An Drèana – The Waterloo and City Line

An uair sin, bha an t-àm ann a dhol air ais dhan taigh-òsta oir bha cnatan sgriosail orm agus bha latha mòr gu bhith agam an ath-latha oir bha mi ag amas air tadhal air gach terminus rèile ann an Lunnainn ann an latha.

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s