Is mise Alasdair MacCaluim – am Broc. Tha mi a’ fùireach ann an Glaschu agus tha ùidh mhòr air a bhith agam ann an trèanaichean is tramaichean fad mo bheatha.
Seo blog mu dheidhinn trèanaichean, tramaichean agus tràilidhean – tursan trèana is trama agus beachdan air a h-uile rud co-cheangailte ri rathaidean-iarainn, gu h-àraid ann an Alba.
(Ach is dòcha gum bi rud no dhà an siud is an seo mu na rudan eile anns a bheil ùidh agam – meatailt throm, planadh-cànain, Gàidhlig agus mion-chànanan eile).
Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba beag no mòr – Network Rail, rathaidean-iarainn prìobhaideach, tramaichean, gèidse-choitcheann is caol-ghèidse (standard agus narrow gauge) agus fiù’s air meanbh rathaidean-iarainn (minature railways). Is e seòrsa ‘liosta-bucaid’ a th’ ann agus bidh mi ag aithris an seo air mar a tha mi a’ faighinn air adhart.
2014 – Cha mhòr nach eil mi deiseil le rathaidean-iarainn na h-Alba (dìreach dà rathad-iarainn ri dhol mus bi mi deiseil) agus mar sin, tha mi a-nis a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn ann an Èirinn a Tuath agus air gach slighe-trama is meatro ann am Breatainn cuideachd. Cumaidh mi fios ruibh mun adhartas agam air a’ bhloga.
2015 – Dìreach aon loidhne ri dhol an Alba a-nis: an Dufftown is Keith. Rinn mi a’ mhòr-chuid de na rathaidean-iarainn ann am Manainn cuideachd.
2016 – Cha d’rinn mi an rathad-iarainn mu dheireadh ann an Alba fhathast ach chaidh mi air rathad-iarainn Albannach ùr nach robh ann-an ùiridh: rathad-iarainn Inbhir Gàradh agus Chille Chuimein. Rinn mi tòrr a bharrachd rathaidean-iarainn ann an Lunnainn agus anns a’ Chuimrigh agus chaidh mi air trèana ann am poblachd na h-Èireann airson a’ chiad turais!
2017 – Alba deiseil! Tha mi air a bhith air a h-uile rathad-iarainn an an Alba a-nis – lìonra-nàiseanta agus loidhnichean glèidhte.
2017 – Èirinn a Tuath dèiseil! Rinn mi a h-uile rathad-iarainn ann an lìonra Northern Ireland Railways. Tha loidhne ghlèidhte no dhà agam ri dhèanamh fhathast.
2018 – Rinn mi barrachd de na loidhnichean bathair ann an Alba nach eil fosgailte do luchd-siubhail: depot Millerhill agus meur loidhne Lìte a Deas.
2019 – Rinn mi tòrr a bharrachd de na loidhnichean anns a’ Chuimrigh. Agus tha mi a-nis air a bhith air a h-uile rathad-iarainn gèidse-choitcheann ann an Èirinn a Tuath – lìonra NIR agus rathad-iarainn Dhún Phádraig agus Contae an Dúin.
2020 – Cha robh cus trèanaichean agam mar thoradh air a’ chorònabhìoras!
2021 – Seo an t-adhartas agam le Underground Lunnainn na-dràsta. Tha mi air a bhith air a h-uile loidhne. Seo na loidhnichean a chrìochnich mi gu ruige seo.
Bakerloo | Deiseil |
Central | Deiseil |
Circle | Deiseil |
District | Deiseil |
Hammersmith & City | |
Jubilee | Deiseil |
Metropolitan | Deiseil |
Northern | Deiseil |
Piccadilly | Deiseil |
Victoria | Deiseil |
Waterloo and City | Deiseil |
DLR | Deiseil |
Emirates Air Line | Deiseil |
London Trams | Deiseil |
Faic na dealbhan trèana agam air flickr aig: https://www.flickr.com/photos/amaccaluim/
Agus tha cunntas Instagram agam mu rathaidean-iarainn cuideachd aig: https://www.instagram.com/treanatramatrailidh/