Lionra thramaichean fantasach Inbhir Nis! #gàidhlig

Tha an sgrìobhaiche siubhail agus Esperantisto Inbhir Niseach Simon Varwell air artagal a sgrìobhadh a tha a’ beachdachadh air dè seòrsa siostam meatro a dh’fhaodadh a bhith aig a bhaile.

Chithear na molaidhean aige aig: http://www.simonvarwell.co.uk/iarann/

Gu math inntinneach!

Aig an àm seo, chan eil teansa sam bith gun rachadh siostam thramaichean a thogail ann am baile caran beag mar Inbhir Nis, ach tha gu leòr bailtean eile san Roinn Eòrpa den aon mheud agus aig a bheil siostaman còmhdhail den t-seòrsa a tha Simon a’ moladh.

Tha lèirsinn a dhìth oirnn ann an Alba a thaobh còmhdhail!

Alasdair

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , | 1 bheachd

Broc of Ages – taistealachd roc gu Sheffield #gàidhlig #defleppard

Bho chionn 27 bliadhna rè saor-làithean na Nollaige, bha mi ag ullachadh airson prelims nan Àrd-ìrean agam san àrd-sgoil. Bha mi beò-glaicte le ceòl roc/meatailt agus latha no dhà mus do thòisich na deuchainnean agam, chuala mi an naidheachd dhuilich gun do chaochail Steve Clark, fear de na cluicheadairean giotàir aig Def Leppard. Cha robh e ach 30 agus bha e air bàsachadh mar thoradh air trioblaidean le deoch-làidir.

Bhris seo mo chridhe.

74fd74c96bd002150131ceb0666603d0--gibson-guitars-s-music

Bha Steve Clark cho cool – ’s e cluicheadair giotàir fìor fìor mhath a bh’ ann, sgrìobh e na riffs as fheàrr aig Def Leppard agus bha coltas fìor mhath air cuideachd. Bha mi ag iarraidh a bhith coltach ris.

Chuir mi romham an uair sin gum bu toil leam tadhal air uaigh Steve ann an Sheffield latha de na làithean nam biodh an cothrom agam. Agus bha an cothrom sin agam an t-seachdain seo fhèin, mu dheireadh thall.

Gach bliadhna, bidh mi a’ dol air turas rèile eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr. Am-bliadhna, chaidh mi gu Sheffield, baile mòr na stàilinn, gus na tram-trèanaichean ùra an sin fhaicinn. ‘S e a th’ ann an tram-trèana ach carbad a tha comasach air ruithe mar trama air an t-sràid agus cuideachd mar trèana air an rathad-iarainn. Seo post a sgrìobh mi mu dheidhinn nan tram-trèanaichean bho chionn ghoirid. Thug seo cothrom dhomh na tramaichean fhaicinn, uaigh Steve Clark fhaicinn – agus a bhith anns a’ bhaile far an deach an Dr Who ùr fhilmeadh cuideachd!

Thòisich an latha agam aig 5.00 airson trèana CrossCountry 06.01 gu Plymouth taobh Sheffield a ghlacadh. Chaidh mi gu Stèisean a’ Mheadhain ann an deagh àm agus fhuair mi a-mach gun deach an trèana agam a chur dheth agus bha agam ri feitheimh uair a thìde airson trèana eile. Bha sin a’ ciallachadh gum biodh nas lugha de thide agam ann an Sheffield, ach aig an aon àm, bha deagh leabhar agam, bha an trèana còrr is uair a thìde air dheireadh is mar sin, gheibh mi an t-airgead air fad agam air ais agus fhuair mi turas eadar Glaschu is Sheffield saor is an-asgaidh!

Turas saor is an-asgaidh gu Sheffield air an HST

Ràinig mi Sheffield mu dheireadh thall aig meadhan-latha agus rinn mi air stad nan tramaichean taobh a-muigh Stèisean Sheffield.

Cha b’ fhada gus an tàinig trama a bha a’ dol gu tuath agus gun robh sinn air an drochaid trama a nochd ann an Dr Who bho chionn goirid! Gu fortanach, cha robh sgeul air na damhain-allaidh mhòra a rinn sgrìos air a’ bhaile ann an Dr Who….

Tha siostam thramaichean gu math mòr ann an Sheffield. Dh’fhosgail a’ chiad phàirt den lìonra ann an 1994 agus tha e air leudachadh mean air mhean bhon uair sin, leis an loidhne as ùire eadar Meadowhall a Deas, Rotherham Central is Parkgate anns an ear-thuath a’ tòiseachadh ann an 2018 leis na tram-trèanaichean ùra.

sheffield-tram-map

Lionra thramaichean Sheffield

Cha robh cus tìde agam agus mar sin, rinn mi air Malin Bridge an toiseach, an stad as fhaisg air uaigh Steve Clark.

Chan eil cladh Wisewood ach beagan is mìle air falbh bhon stad trama agus tha e a’ coimhead gu math furasta air a’ mhapa ach an da-rìribh, tha e air mullach cnuic agus tha an rathad ann gu math gu math cas! Mar sin, is math gun robh mi feumach air beagan eacarsaich às dèidh na Nollaig!

Gu dearbha, tha cathair Sheffield gu math cnocach le tòrr ghleann ann agus tha tòrr aibhnichean agus canàlaichean ann am meadhan a’ bhaile. Tha e follaiseach bho stoidhle nan toglaichean gu bheil thu ann an Siorrachd York agus bho chruth na tìre tha e soilleir cuideachd cho faisg ’s a tha thu air na Derbyshire Dales aig an aon àm.

Às dèidh lethuair a thìde, ràinig mi cladh Wisewood agus cha b’ fhada gus an do lorg mi clach-uaighe Steve Clark. Ged a tha cha mhòr 30 bliadhna air a dhol seachad bho a bhàs ro-òg, tha e follaiseach gu bheil tòrr mòr dhaoine deidheil air a obair fhathast oir bha gu leòr flùraichean, pleactraman, teipichean is eile ann.

Clach-uighe Steve Clark aig Def Leppard, Sheffield

Ri leantainn…..

Alasdair

Air a phostadh ann an England, Metrothan, rathaidean-iarainn, tramaichean | Air a thagadh , , , , , , , | Sgrìobh beachd

Soraidh slàn leis a’ Bhuckfast Express gu IBM #gaidhlig

Tha beatha an spotair thrèanaichean gu math glàmarach mar as àbhaist – a’ faicinn a’ Flying Scotsman, a’ dol gu àiteachan inntinneach ùr air an trèana, an t-Orient Express is tòrr a bharrachd.

Uaireannan eile, ge-tà, tha thu fuar is fliuch ann an àiteigin grod agus a’ faighneachd dhìot fhèin carson idir a tha thu ann agus dè idir a chaidh cho ceàrr air do bheatha.

’S ann mar sin a bha cùisean Disathairne nuair a chaidh mi air turas gu Stad IBM – IBM Halt ann an Inbhir Chluaidh air latha dorcha mosach.

Chaidh mi ann oir tha an stèisean gu bhith a’ dùnadh ann am beagan làithean.

Chaidh an stèisean a thogail gus factaraidh IBM a fhrithealadh ach tha am factaraidh a-nis dùinte agus air a leagail agus chan eil rud sam bith faisg air làimh idir.

Anns na beagan mhìosan mu dheireadh, cha robh ach glè bheag de dhaoine a’ cleachdadh stèisean IBM agus a rèir coltais, bha trioblaid ann le dol-a-mach mì-shòisealta le òigridh a’ dol ann airson a bhith ag òl Buckfast anns an t-Seòmar-feitheimh fad air falbh bho an cuid phàrantan…  Bha seo am measg nan adhbharan aig ScotRail is Network Rail airson an stèisean a dhùnadh.

A rèir coltais, chan fheum na h-ùghdarrasan pròiseas dùnaidh reachdail a leantainn air a shon a chionn ’s nach deagh an stèisean fhosgladh san dòigh àbhaisteach leis gur e stèisean airson factaraidh prìobhaideach a bh’ ann seach stèisean poblach àbhaisteach (ged a b’ urrainn dhan phoball a chleachdadh).

Air an làimh eile, a chionn ’s nach eilear a’ dùnadh an stèisein gu h-oifigeil – tha e dìreach ‘mothballed’, bidh e tòrr nas fhasa ath-fhosgladh san àm ri teachd ma bhios feum air – agus tha deagh sheansa gum bi oir tha làrach an t-seann fhactaraidh gu math mòr agus tha fios gun tèid taighean no àiteachan obrach a thogail air ann an ùine nach bi fada.

Bha an turas air fad gu math retro oir bha mi air clas 314, seòrsa trèana a tha gu bhith a’ dol à seirbheis ann am beagan mhìosan.

Bha mi ri eadar-theangachadh air an laptop agam air an t-slighe ann is mar sin, chaidh an turas seachad gu math luath. Bhruidhinn fear nan tiocaidean rium “Eil fhios agad gu bheil an stèisean gu bhith a’ dùnadh a dh’aithghearr – agus nach eil rud sam bith idir ann?”

“Tha, taing” arsa mise “’s e trainspotter a th’ annam agus tha mi airson a dhol ann mus tèid a dhùnadh!”

A rèir coltais, cha bu mhise an aon duine leis a bheachd sin. Chaidh mi far na trèana còmhla ri dithis eile a chaidh ann a dh’aona-ghnothach gus an stèisean fhaicinn agus chaidh aon duine air an trèana aig IBM.

Cha robh cus ri fhaicinn aig an stèisean, feumar a ràdh. Stèisean beag àbhaisteach le aon àrd-ùrlar agus seòmar-feitheimh. Tha e os cionn an Spango Valley (abair ainm cool!) eadar Inbhir Chip agus Branchton air loidhne Inbhir Chluaidh. Nuar a thèid thu a-mach às an stèisean, chì thu làrach mhòr , falamh far an robh am factaraidh. Chan eil rud sam bith ann agus bha e caran doirbh an t-slighe a lorg mach às an làraich!

An uair sin, rinn mi air Stèisean Branchton, mu mhìle dhan iar. Abair àite gruamach – taighean comhairle bho meadhan na 20mh linn a tha liath agus air an dealbhadh, a rèir coltais, gun a bhith smaoineachadh idir mu ghoireasan no air coltas an àite. Àite stèidhichte air gnìomhachasan a chaidh a dhùnadh anns na 1980an agus a tha gun adhbhar bìdh sna làithean seo. A chionn ’s gu bheil e ann an gleann caran àrd is tana, tha e gu math coltach ri fear de na glinn ann an taobh deas na Cuimrigh às dèidh dùnadh nam mèinnean.

Air latha fuar, fliuch, dorcha grot, tha e a’ faireachdainn is a’ coimhead nas miosa buileach!

Chaill mi an trèana aig Branchton ach mhothaich mi gun robh taigh ri taobh an stèisein air an robh ainm Gàidhlig “Le Spairn” – gu math iomchaidh!

Bha e ro fhliuch airson fuireach ann am Branchton agus bha cha mhòr uair ann dhan ath stèisean is mar sin, choisich mi air adhart gu stèisean Drum Fraochair – baile a tha gu math grod a dh’aindeòin ainm brèagha!

Às dèidh sin, bha mi gu math feumach air deochag is mar sin, cheannaich mi botal fìona air an t-slighe dhachaidh airson òl air an oidhche sin. Chan e Buckfast a bh’ ann!

Alasdair

Air a phostadh ann an Uncategorized | Sgrìobh beachd

“Tha àiteachan far an rachadh do mhugaigeadh tron Chuimris” – turas dhan Chuimrigh 3 #gàidhlig

Sa phost mu dheireadh, bha sinn air Pwllheli a ruigsinn, ceann loidhne Costa a’ Chambrian.  Abair deagh bhaile!

Keith a Rhiseart ym Mhwllheli

Chualas is chunnacas Cuimris sa h-uile h-àite agus chaidh sinn gu bùth a bha a’ reic chuimhneachain do luchd-turais agus bha tòrr de na rudan sin anns a’ Chuimris. Chaidh sinn a-steach gu bùth charthannais an uair sin den t-seòrsa a chì thu air àrd-shràid sam bith agus bha na ficheadan de leabhraichean Cuimris ann. An uair sin, chunnaic mi bùth leabhraichean a bha a’ reic leabhraichean Cuimris a-mhàin.  Alba – TAKE NOTE!

Às dèidh srùbag ann an café (far an robh tòrr Cuimris ri cluinntinn!) bha an t-àm ann a dhol air ais dhan trèana. A-rithist, bhuail e orm cho coltach ri stèisean Mhalaig a bha Stèisean Pwllheli!

Às dèidh turas sgoinneil air ais, rinn mi fhèin is Rhisiart air Aberstwyth.

Nis, tha sinn uile air an t-seann sgeulachd seo a chluinntinn:

“Chaidh caraid agam a-steach gu taigh-òsta sa Chuimrigh/air a’ Ghàidhealtachd/air an Ghaeltacht agus bha a h-uile duine a’ bruidhinn sa Bheurla ach nuair a chaidh mise a-steach, thionndaidh iad gu Cuimris/Gàidhlig/Gaeilge”.*

Nis, ’s e urban myth grod a tha sin a bhios daoine a tha an aghaidh nam mion-chànan a’ sgaoileadh ged nach eil e idir fìor. An turas seo, ge-tà, thachair rudeigin coltach ris rium!

Chaidh sinn a-steach dhan taigh-òsta agus bha a h-uile duine a’ bruidhinn na Cuimris, ach nuair a choisich sinn a-steach, thòisich iad air Gàidhlig is Gaeilge a bhruidhinn!

Carson?

Bha sinn aig Pop-Up Gaeltachd is Gàidhealtachd far an robh tòrr oileanaich à Oilthigh Aberystwyth ann!

Pop Up

Chuir e iongnadh orm cho math sa bha a’ Ghaeilge aig na h-oileanaich agus bha dithis no triùr ann aig an robh Gàidhlig na h-Alba cuideachd. Fìor dheagh oidhche!

Bha sinn a’ bruidhinn rud beag mu mhion-chànanan agus dòighean airson a bhith a’ tomhas cho beòthail is seasmhach sa tha iad. Bha sinn a-mach air na diofar domains anns am bi cànanan gan cleachdadh. B’ e quote na h-oidhche “Tha àiteachan ann sa Chuimrigh far an rachadh do mhuggadh tron Chuimris! Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an latha nuair as urrainn dhuinn sin a ràdh mun Ghàidhlig!

Ri leantainn…

Alasdair

*Dh’fheuch mi ris an urban myth grot seo fhuasgladh roimhe. Ma tha duine sam bith am beachd gun do thachair seo dhaibh, chanainn gur e fear de na rudan seo a bh’ ann:

– bha na daoine ri codeswitching eadar Beurla agus an cànan eile agus cha do thuig an neach-aithris gun robh iad a’ bruidhinn measgachadh den dà chuid.

– ma tha blas làidir a’ mhion-chànain air cuideigin, tha e uaireannan doirbh do dhaoine bhon taobh a-muigh obrachadh a-mach an e Beurla no am mion-chànan a tha iad a’ bruidhinn.

– Agus ma tha fios aig duine sam bith far a bheil an taigh-òsta seo air a bheil na daoine seo a-mach far a bheil a h-uile duine comasach air Gàidhlig a bhruidhinn, leig fios thugam agus thèid mi ann a h-uile oidhche!

Air a phostadh ann an A' Chuimrigh, Gàidhlig, Uncategorized | Air a thagadh , , , , , | Sgrìobh beachd

Turas gu Pwllheli – Malaig na Cuimrigh #gàidhlig

Nuair a bha mi nam bhalach òg, bha mapa agam den lìonra rèile agus bha ùidh daonnan agam anns na h-ainmean-àite anns a’ Chuimrigh, gu sònraiche Machynlleth agus Pwllheli agus na rathaidean-iarainn ann an taobh tuath na dùthcha. Bha coltas cho iongantach is neo-àbhaisteach orra agus bha mi riamh ag iarraidh a dhol ann. Agus bha mi dèidheil air Ivor the Engine nuair a bha mi beag cuideachd!

jones

An t-seachdain sa chaidh,  bha cothrom agam a dhol air loidhne a’ Chambrian mu dheireadh thall le mo chàirdean Rhisiart is Keith a tha a’ fuireach ann am Borth faisg air Aberystwyth.

Bha againn ri trèana fhaighinn bho Bhorth gu Ceann-rèile Dyfi an toiseach gus trèana eile a ghlacadh gu Pwllheli. Nuair a ràinig sinn an stèisean, ge-tà, fhuair sinn a-mach gun robh an trèana againn air a cur dheth. Air an adhbhar seo, bha againn ri dhèanamh air stèisean Ceann-rèile Dyfi sa chàr aig peilear ar beatha oir cha robh ach mu 20 mionaid gus am falbhadh an trèana.

Chan e cùis fhurasta a bha seo oir ’s e stèisean gu math gu math iomallach a th’ ann an Cyffordd Dyfi. Chan eil pàirce-chàraichean idir ann agus feumaidh tu coiseachd trì cairteil a’ mhìle sìos frith-rathad dùthchail gus a ruigsinn. Cha bhiodh sin fhèin cho dona ach cha robh ach 5 mionaidean gus an tigeadh an trèana agus bh’ againn ri ruith…

Trath sa mhadainn aig Ceann-rèile Dyfi

Bha sinn gu math sgìth nuair a thàinig an trèana ach cha b’ fhada gus an do dhìochuimhnich sinn mu dheidhinn sin a chionn ’s gun robh na seallaidhean cho sònraichte.

Tha loidhne Costa a’ Chambrian coltach ri Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar ann an iomadh dòigh. Tha i cliùiteach mar loidhne dhùthchail, breàgha, fhada an cois na mara agus tha an loidhne a’ sgàradh cuideachd leis na trèanaichean a’ dealachadh letheach slighe. Tachraidh seo anns a’ Chrìon-làraich ann an Alba agus ann am Machynlleth anns a’ Chuimrigh. ‘S e loidhne Aberystwyth loidhne an Òbain agus ’s e loidhne Pwllheli loidhne Mhalaig!

Tha loidhne Costa a’ Chambrian gu math coltach ri Loidhne a’ Chinn a Tuath gu Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa cuideachd. Tha an loidhne ri taobh a’ chladaich airson tòrr den t-slighe agus ged a tha an talamh beanntach, tha na beanntan nas cruinne agus nas ìsle na an fheadhainn a chitheadh tu air taobh an iar na Gàidhealtachd. Gu dearbha, shaoileadh tu gur ann air loidhne a’ Chinn a Tuath a bha thu, mur a b’ e ’s gun robh a’ mhuir air an taobh cheàrr!

Tha seallaidhean air leth den mhuir is den traigh agus de làraichean-eachdraidheil gu leòr, a’ gabhail a-steach Caisteal Harlech, Drochaid rèile ainmeil Abermaw (Barmouth) agus eile.

Ma tha thu deidheil air an sreath TBh the Prisoner, chì thu Portmerion cuideachd.

Tha rathaidean-iarainn glèidhte gu leòr ri taobh loidhne a’ Chambrian cuideachd – abair thusa gu bheil! Ann an Aberystwyth, tha an Vale of Rheidol. Faisg air Machynlleth tha Rathad-iarainn Corris. Air loidhne a’ chosta, thèid thu seachad air an Talyllyn, a’ chiad rathad-iarainn glèidhte ann am Breatainn. Faisg air Abermaw, chì thu rathad-iarainn beag an Fairbourne cuideachd.

An uair sin, nuair a ruigeas tu Porthmadog, tha thu ann an neamh nan trainspotter! An seo, tha am Ffestiniog, an rathad-iarainn caol-ghèidse as ainmeile air an t-saoghal, agus cuideachd, an Welsh Highland Railway – Rheilffordd Eryri agus an Welsh Highland Heritage Railway – Rheilffordd Ucheldir Cymru. Abair deagh àite – trì rathaidean-iarainn glèidhte, stèisean air an lìonra nàiseanta AGUS Cuimris ann cuideachd!

‘S e turas caran fada a th’ ann gu Pwllheli agus gu h-annasach, nuair a ruigeas tu do cheann-ùidhe, tha an stèisean car coltach ri Stèisean Mhallaig! Gu mì-fhortanach, ge-tà, chan eil sgeul air an Eilean Sgitheanach!

Ri leantainn…

Alasdair

Air a phostadh ann an A' Chuimrigh, caol-ghèidse, rathaidean-iarainn, Uncategorized | Air a thagadh , , , , , , , | 2 beachd(an)