Mu mo dheidhinn – cò am broc?

Is mise Alasdair MacCaluim – am Broc. Tha mi a’ fùireach ann an Glaschu agus tha ùidh mhòr air a bhith agam ann an trèanaichean is tramaichean fad mo bheatha.

Seo blog mu dheidhinn trèanaichean, tramaichean agus tràilidhean – tursan trèana is trama agus beachdan air a h-uile rud co-cheangailte ri rathaidean-iarainn, gu h-àraid ann an Alba.

(Ach is dòcha gum bi rud no dhà an siud is an seo mu na rudan eile anns a bheil ùidh agam – meatailt throm, an àrainneachd, Gàidhlig agus mion-chànanan eile).

Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba beag no mòr – Network Rail, rathaidean-iarainn prìobhaideach, tramaichean, gèidse-choitcheann is caol-ghèidse (standard agus narrow gauge) agus fiù’s air meanbh rathaidean-iarainn (minature railways). Is e seòrsa ‘liosta-bucaid’ a th’ ann agus bidh mi ag aithris an seo air mar a tha mi a’ faighinn air adhart.

2017 – Alba deiseil! Tha mi air a bhith air a h-uile rathad-iarainn an an Alba a-nis – lìonra-nàiseanta agus loidhnichean glèidhte. Tha beagan meanbh-rathaidean-iarainn agam ri dhèanamh fhathast.

2018 – Rinn mi barrachd de na loidhnichean bathair ann an Alba nach eil fosgailte do luchd-siubhail mar as trice: depot Millerhill agus meur loidhne Lìte a Deas.

2019 – Èirinn a Tuath dèiseil! Rinn mi a h-uile rathad-iarainn ann an lìonra Northern Ireland Railways agus a h-uile rathad-iarainn glèidhte. Tha meanbh-rathad iarainn no dhà air fhàgail.

2019 – Rinn mi tòrr a bharrachd de na loidhnichean anns a’ Chuimrigh. Agus tha mi a-nis air a bhith air a h-uile rathad-iarainn gèidse-choitcheann ann an Èirinn a Tuath – lìonra NIR agus rathad-iarainn Dhún Phádraig agus Contae an Dúin.

2020 – Cha robh cus trèanaichean ann mar thoradh air a’ Chorònabhìoras!

2022 – Seo an t-adhartas agam anns a’ Chuimrigh:

Borderlands Line Llinell y Gororau Deiseil
Cambrian Line Llinell y Cambrian Deiseil
Cardiff Bay Line Llinell Bae Caerdydd Deiseil
Cardiff City Line Llinell Dinas Caerdydd Deiseil
Conwy Valley Line Llinell Dyffryn Conwy Pàirt dhith
Corytown Line Llinell Coryton Deiseil
Ebbw Vale Line Llinell Cwm Ebwy
Heart of Wales Line Llinell Calon Cymru
Maesteg Line Llinell Maesteg
Marches Line Llinell y Mers Deiseil
Merthyr Line Llinell Merthyr
North Wales Mainline Prif Linell Gogledd Cymru Deiseil
Rhondda Line Llinell y Rhondd
Rhymney Line Llinell Rhymni
South Wales Main Line Prif Linell De Cymru Pàirt dhith
Vale of Glamorgan Line Llinell Bro Morgannwg Deiseil
West Wales Lines

2022 – Seo an t-adhartas agam le Underground Lunnainn na-dràsta. Tha mi air a bhith air a h-uile loidhne. Seo na loidhnichean a chrìochnich mi gu ruige seo.

Bakerloo Deiseil
Central Deiseil
Circle Deiseil
District Deiseil
Hammersmith & City
Jubilee Deiseil
Metropolitan Deiseil
Northern Deiseil
Piccadilly Deiseil
Victoria Deiseil
Waterloo and City Deiseil
DLR Deiseil
Emirates Air Line Deiseil
London Trams Deiseil

Faic na dealbhan trèana agam air flickr aig: https://www.flickr.com/photos/amaccaluim/

Agus tha cunntas Instagram agam mu rathaidean-iarainn cuideachd aig: https://www.instagram.com/treanatramatrailidh/

free counters

Dùthchannan a chunnaic mi
Make yours @ BigHugeLabs.com
Make yours @ BigHugeLabs.com
Cuir fios thugam:

Sgrìobh beachd