Liosta nan liostaichean! #gàidhlig

Mar a dh’aithris mi roimhe air a’ bhloga seo, tha mi gu math deidheil air liostaichean.

Bidh mi a’ cumail liosta de na tursan rèile air fad agam air an làrach-lìn Railmiles – liosta a chlàraicheas gach turas agus a dh’obraicheas a-mach cia mheud mìle-rìle a nì mi. Am-bliadhna, tha mi air cha mhòr 20,000 mìle a dhèanamh gu ruige seo.

Bho chionn goirid, lorg mi làrach-lìn eile a chlàraicheas a h-uile turas pleana agad cuideachd: www.ba97.com. Tha seo fìor mhath ach eu-choltach ri trèanaichean, tha mi a’ feuchainn gun phleanaichean a chleachdadh mòran idir air adhbharan àrainneachdail. Mar sin, tha mi air nas lugha na 5,000 mìle pleana a dhèanamh sa chòig bliadhna mu dheireadh, an coimeas ri is dòcha 80,000 mìle rèile.

flight diary

Saoil a bheil prògram ann airson mìltean bus no mìltean aiseig a chlàradh cuideachd? No am biodh sin dìreach a’ dol ro fhada?

A bharrachd air seo, tha mi air stòr-dàta a dhèanamh den a h-uile stèisean rèile far an do no ghlac mi no far an do dh’fhàg mi trèana riamh. Postaidh mi e air a’ bhlogsa seo latha de na làithean.

Bronach no cool? Chan eil mi cinnteach…

mapa

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Responses to Liosta nan liostaichean! #gàidhlig

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    'S toil

Sgrìobh beachd