The Prehistoric Animal Brigade – Baile Átha Cliath-Caergybi-Manchester #gàidhlig

Nuair a bha mi ann an Èirinn aig deireadh an Ògmhios air an t-seachdain ron reifreann air Brexit, bha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris an turas air ais à Baile Àtha Cliath. An àite a bhith a’ dol air ais taobh Bhéal Feirste, bha mi airson a dhol air ais tron Chuimrigh gus am faicinn an loidhne eadar Caergybi/Holyhead agus Ceann-rèile Llandudno – loidhne nach d’rinn mi riamh roimhe.

Fhuair mi am bus eadar meadhan a’ bhaile agus Port Bhaile Átha Cliath agus ghlac mi am bàta ann. ‘S e aiseag mhòr a bh’ ann ach cha robh cus dhaoine air bòrd. Bha e inntinneach a bhith air bòrd aiseag cho mòr a bha cho falamh. Bha àiteachan cadail rim faighinn air bòrd ach leis gum biodh am bàta a’ ruighinn a cheann ùidhe aig meadhan oidhche, cha do bhodraig mi.

Bha deagh sheallaidhean ann de Bhaile Átha Cliath aig dol fodha na grèine agus ’s e turas sònraichte math a bh’ ann.

Dh’ith mi tiops, chuir mi beachd ann an ideacentre.stenaline.com mu shoidhichean dà chànanach agus leugh mi leabhar math.

capture

Ràinig sinn Caergybi aig meadhan oidhche agus bha againn ri dhol air bus dhan bhaile bho phort na h-aiseig. Bha dragh orm mun phàirt seo den turas. Cha robh an trèana a’ falbh gu 4 sa mhadainn no mar sin….

Gu fortanach, tha WH Smith ann an Stèisean Caergybi a tha fosgailte gu 2m agus bha iad a’ reic cofaidh is biadh. Nuair a dhùin a’ bhùth, dh’fheuch mi ri beagan caidil fhaighinn air being gu math cruaidh. Bha tòrr dhaoine eile a’ dèanamh an aon rud – agus thuit mi nam chadal às dèidh greiseag.

Às dèidh beagan mhionaidean, ge-tà, chaidh mo dhùsgadh le fear a bha air tighinn a-staigh dhan stèisean, agus air an robh smùid nach bu bheag, a bha ag èigheachd ann am blas làidir taobh deas na Cuimrigh “Vote leave in the referendum, vote for change! You’ve all got to vote leave” agus leis a sin, dh’fhalbh e a-rithist.

How to make friends and influence people, mar a chanas iad sa chànan eile!

Cha b’ urrainn dhomh cadal às dèidh sin agus mar sin, chaidh mi air cuairt ann an togalach an stèisein. ‘S e stèisean mòr, grinn Bhictorianach a th’ ann a tha air a chleachdadh an dà chuid le Virgin agus le Arriva Trains Wales. Tha gleoc àlainn taobh a-muigh an togalaich cuideachd.

Bha an trèana a’ feitheimh ruinn san stèisean, ged nach biodh i a’ fàgail gu 4m. ‘S e Clas 175 “CymruStar” a bh’ ann.

27663731221_675ef985d4_z

Stèisean Caergybi (HHD)

Nuair a dh’fhosgail an trèana mu dheireadh thall, bha mi air leth toilichte oir bha e gu math fuar a-muigh, bha mi sgìth agus bha mi a’ dèanamh fiughair ri Ynys Môn fhaicinn. Thòisich an trèana agus chuir e iongnadh orm cho còmhnard sa tha an t-eilean, eu-choltach ris a’ chòrr den Chuimrigh. Bha mi cho toilichte gum bithinn a’ faicinn stèisean ainmeil Llanfair PG, an stèisean leis an ainm fhada:

Llanfairpwllgwyngyllgogerychwyrndrobwllllantysiliogogogoch**

agus cuideachd gum faicinn drochaid ainmeil Britannia eadar Ynys Môn agus tìr-mòr na Cuimrigh.

Mar a thachair e, ge-tà, thuit mi nam chadal! Dhùisg mi airson diog nuair a stad an trèana aig Llanfair PG is thog mi dealbh ach thuit mi nam chadal a-rithist anns a’ bhad. Dhùisg mi a-rithist air an t-slighe thar na drochaide agus an uair sin, cha do dhùisg mi gu y Rhyl, ifrinn nan carabhan agus an uair sin, thuit mi nam chadal a-rithist gu Manchester far an robh agam ris an ath thrèana agam fhaighinn. Cha robh mi toilichte nach fhaca mi mòran den Chuimrigh ach tha e toirt dhomh deagh leisgeul a dhol air ais latha de na làithean!

img_2916

Droch dhealbh, tha fhios agam!

Mura faca mi gu leòr den Chuimrigh, ge-tà, chunnaic mi cus de Mhanchester! Tha mi air a bhith ann an Manchester Victoria agus Manchester Piccadilly agus ’s e stèiseanan snoga a th’ annta ach an turas seo, bha ann am Manchester Oxford Road agus abair gur e stèisean sgreadaidh grod grànnda a th’ ann. Tha e follaiseach gun deach a thogail anns na 60an agus tha e a’ fulang gu dona bho ’sick building syndrome’.   Agus rud a tha nas miosa, ged is stèisean cudromach a th’ ann, chan eil bùth cofaidh ann. Dè tha ceàrr air an dealbh seo!

A rèir Wikipedia:

The station is notable for its laminated wood structures and was Grade II listed in 1995. English Heritage describes it as a “building of outstanding architectural quality and technological interest; one of the most dramatic stations in England”.

Hmm. Chan eil mi a’ dol leotha. Tha e coltach ri Arc Noah bun os cionn le fàileadh cac nam beathaichean uile a bha air bòrd fhathast ann agus uisge a’ taomadh a-steach tron mhullach.

Cha robh mi ann ro fhada, ge-tà gus an tàinig an trèana agam gus mo shàbhaladh. B’ e seo trèana Transpennine eadar Port-adhair Manchester agus Glaschu.

fullsizerender

An trèana a ghlach mi gus teicheadh on stèisean uamhasach ud! (MCO)

Bha dithis air an trèana a bha faisg orm agus smùid a’ chofaidh orra. Bha iad a’ seinn is a’ bruidhinn fìor sgudal ris na daoine eile air an trèana. Cò às a bha iad? Am feum mi faighneachd? À Glaschu – càite eile?*

Às dèidh greis, thug fear aca giotàr a-mach agus thoisich an dithis aca air seinn. Ghabh iad an t-òran Prehistoric Animal Brigade – co-dhiù dhà no trì thursan.

Cha bhiodh sin fhèin ro dhona ach cha robh iad math air seinn agus cha robh an giotàr ann an gleas. Cha mhòr nach robh e cho dona ris na clàran solo aig Syd Barrett….

Mar sin, chuir mi an ipod agam air agus thuit mi nam chadal gu Glaschu. Oidhche mhath a h-uile duine!

Alasdair

*The e OK – faodaidh mi daoine a Glaschu a chàineadh oir ’s ann an Glaschu a tha mi fhèin! “Aithnichidh bò sputach bò sputach eile!”

** Carson nach cruthaich sinn ainm mar seo ann an Alba? Tha Ceann Loch Cille Chiarain gu math fada mar-thà. B’ urrainn dhuinn atharrachadh gu:

Ceannlochcillechiarainnambùithteandùinteagusnannedadèanamhhandbraketurns-annammeadhanabhaileannanseannvauxhallnovas

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, Eirinn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to The Prehistoric Animal Brigade – Baile Átha Cliath-Caergybi-Manchester #gàidhlig

  1. Thuirt Marconatrix:

    Fad ´sa tha fhios am, ´se Llanfair PG ´na ainm dèanta; ´se sin dà ainm àite fhìor ¨Cill Mhòire Puill Fhinn¨ agus ¨Cill Shuilich Uamha Ruaidhe¨ co-cheangailte, le beagan fhaclan tuilleadh (¨a’ choill faisg air a´ chuairt-shrutha chas¨) ´nan cuireadh eatorra.

    Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s