Siubhal gun siucair ann an Siorrachd Bhearaig?

Dh’fhosgail stèisean ùr ann an Alba aig deireadh a’ Chèitein, rud nach tachair to thric! ’S e seo Renton ann an Siorrachd Bhearaig anns na Crìochan. Mar sin, chuir mi romham a dhol air splaoid ann gus faicinn cò ris a tha e coltach.

A bharrachd air sin, tha seirbheis bus ùr – seirbheis bus-air-iarrtais ann an Schd Bhearaig: Pingo far am faod thu meanbh-bus iarraidh gu àite sam bith ann an t-siorrachd air prìs gu math reusanta.

Chuir mi tiocaidean air dòigh eadar Glaschu agus Reston air prìs gu math ìosal agus bha mi am beachd am bus Pingo fhaighinn eadar Reston agus Ayton, far a bheil rathad-iarainn beag ùr ann ann an Caisteal Ayton.

Thòisich rudan a dhol ceàrr nuair a chaidh ainmeachadh gum biodh stailcean ann air latha an turais agam. Às dèidh beagan rannsachaidh, ge-tà, fhuair mi a-mach gun robh trèanaichean eadar Glaschu agus Dùn Èideann fhathast a’ ruith agus gun robh an trèana agam eadar Dùn Èideann is Reston Transpennine Express fhathast a’ dol air adhart. Bhiodh agam ri trèana na bu thràithe fhaighinn dhachaigh, ach bha mi gu bhith ceart gu leòr.

Glè mhath, shaoil mi.

Oidhche ron trèana, thug mi sùil air app Pingo agus gu mì-fhortanach, cha robh slot sam bith ann aig an àm a bha mi ag iarraidh; bha mi ro slaodach is mar sin bhiodh agam ri coiseachd ann bho Reston no ri bus àbhaisteach fhaighinn.

Cha robh sin ro dhona. Dhùisg mi tràth madainn Disathairne agus fhuair mi an Subway gu meadhan a’ bhaile is ghabh mi an trèana gu Dùn Èideann. Ghaibh mi trèana a’ bhainne eadar Glaschu Mheadhain agus Dùn Èideann taobh Shotts a bhios a’ stad aig a h-uile stèisean agus rinn mi tòrr mòr eadar-theangachaidh san uair gu leth a thug e.

Is math gun do rinn mi an obair sin oir nuair a ràinig mi D.È, chunnaic mi gun deach mo thrèana gu deas a chur dheth airson adhbhar nach robh co-cheangailte ris an stailc. Bha agam ri plana ùr a dhèanamh agus tiocaid fhaighinn air trèana LNER gu Bearaig. Às dèidh suil a thoirt air Traveline Scotland, chunnaic mi nach biodh cothrom agam a dhol gu Reston tuilleadh, ach b’ urrainn dhomh bus fhaighinn bho Bhearaig gu Ayton agus coiseachd dhan chaisteal is dhan trèana bhig.

Bha cothrom agam barrachd eadar-theangachaidh a dhèanamh – is barrachd cofaidh a ghabhail – ann an Stèisean Waverley fhad’s a bha mi a’ feitheimh ris an trèana agus a-rithist, is math sin oir chosg an trèana gu Bearaig is air ais £30.

A chionn ’s gun robh stailc ann, bha mi draghail gum biodh an trèana loma-làn – trèana LNER gu Lunnainn aig 10:30. Ach cha robh – fhuair mi bòrd dhomh fhèin gun dragh sam bith agus chòrd an turas rium glan, gu h-àraid na seallaidhean mìorbhaileach ri taobh a’ chosta faisg air a’ chrìch.

Stèisean Bhearaig

Ann am Bearaig, bha tìde ann airson cofaidh is rud beag eadar-theangachaidh eile. Is fìor thoil leam Bearaig agus ged nach d’ fhuair mi cothrom a dhol a-steach gu meadhan a’ bhaile, chòrd na seallaidhean bhon bhus is bhon trèana rium gu mòr. Chòrd e rium blas muinntir an àite a chluinntinn – measgachadh de dh’Alba agus den Chaisteal Nuadh. Is toil leam mar a tha am baile cho Albannach is cho Sasannach aig an aon àm! Is dòcha gum bu chòir inbhe shònraichte a bhith aig Bearaig mar saor-stàit?! Tha daoine air a bhith a’ bruidhinn air seirbheis ionadail aig ScotRail eadar Dùn Èideann agus Bearaig taobh Dùn Bàrr a bhiodh a’ stad aig an an stèisean ùr aig Linton an Eara tha ga thogail an-dràsta. Bhiodh sin gu math feumail is goireasach – saoil am faigheamaid soidhne dà-chànanach ann am Bearaig an uair sin?!

Bha am bus eadar Stèisean Bhearaig agus Reston air an uair agus bha e ùr, glan agus goireasach le rùm airson baidseagalan agus le dràibhear a bha uamhasach cuideachail. Bha an t-slighe brèagha le cothrom a dhol tro bhaile àlainn Eyemouth. Feumaidh mi a dhol air ais latha de na làithean.

Ann an Ayton, choisich mi suas an cnoc dhan chaisteal, taigh-mòr Baronial Albannaich a chaidh a thogail sna 1850an. A-nis, tha an Caisteal air a chleachdadh mar àite do bhainnsean agus tachartasan eile agus tha sealbhadairean a’ Chaisteil air rathad-iarainn a thogail ann.

Rathad-iarainn Caisteal Ayton

Bha cothrom agam bruidhinn ris na daoine leis a bheil an caisteal, Richard agus Brian agus mhothaich iad gun robh mi deidheil air trèanaichean agus bhruidhinn iad rium mun trèana agus thug iad cothrom dhomh sùil a thoirt air an t-seada einnsein.

Tha an loidhne bheag ann an cruth balùn air sreang – a’ toiseachadh bho stèisean, a’ dol air loidhne dìreach gu lùb a tha a’ tionndadh na trèana, a-steach gu stèisean a’ chaisteil agus an uair sin air ais dhan chiad stèisean agus gu clàr-tionndaidh. Tha an loidhne a’ ruith tro choille snog agus an uair sin a-steach gu gàraidhean a’ chaisteil le sealladh sgoinneil den chaisteil.

Rathad-iarainn Caisteal Ayton

Tha seilbheadairean a’ chaisteil gu math deidheil air trèanaichean agus tha seo ri fhaicinn bho chafaidh a’ chaisteil – The Station Buffet a tha loma-làn railwayana – dealbhan is mapaichean is siognailean is eile.

Seo bhidio den loidhne.

Nis, chan e seo a’ chiad turas a bha rathad-iarainn san sgìre – bha stèisean ann an Aymouth air Prìomh Loidhne a’ Chosta an Ear gus an deach a dhùnadh ann an 1962. Agus bha meur-loidhne ann gu Eyemouth cuideachd – loidhne mu 3 mìle a dh’fhaid a dhùin ann an 1962 cuideachd.

Gu fortanach, tha Ayton agus Eyemouth meadhanach faisg air an stèisean ùr ann an Reston.

A thaobh Stèisean Reston fhèin, chaidh an stèisean tùsail a dhùnadh ann an 1964. Bha e na cheann-rèile airson loidhne a bha a’ dol gu na Dùin (Duns) agus Cille Bhoiseil (St Boswells) sna Crìochan far an robh ceangail ann ri grunn rathaidean-iarainn eile. Dhùn an loidhne eadar na Dùin agus Cille Bhoiseil ann an 1948 às dèidh tùil a rinn sgrios air an loidhne. Dhùn an loidhne eadar Reston agus na Dùin do luchd-siubhail ann an 1951 agus dhùin i do bhathar cuideachd ann an 1965.

Seo mapa de na rathaidean-iarainn mar a bha iad uair.

Rathad-iarainn Siorrachd Bhearaig
Rathad-iarainn Eyemough

Mar sin, ged eil na rathaidean iarainn ann an Siorrachd Bhearaig cho pailt sa bha iad uair, tha co-dhiù aon stèisean san sgìre a-rithist – Reston – agus tha meanbh-rathad iarainn ùr ann cuideachd. Agus ged nach d’ fhuar mi cothrom Pingo no Stèisean Reston a chleachdadh, chan e siubhal gun siucair a bh’ ann.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s