Taigh Iain Ghròt air na Gàidheil! Turas rèile gu Gallaibh na Gàidhlig

Dh’fhaodte gur e seo am post mu dheireadh agam oir tha mi a’ dol a Ghallaibh air an trèana a-màireach agus deagh sheansa gun tèid mo lyncheadh airson a bhith nam Ghàidheal ann an àite phoblach!

Saoil am bu chòir dhomh lèine-t “some people speak Gaelic, get over it!” a dhèanamh?

Bidh mi a’ dol air an turas rèile aig Comann Glèidhteachas Rèile na h-Alba (SRPS) gu Inbhir Ùige is Inbhir Thèorsa a-màireach. Bidh sinn a’ fàgail Loch a Tuath (Waverley Dhùn Èideann) aig 22.45 a-màireach agus a’ ruigsinn Inbhir Theòrsa aig 07.30 Disathairne. Bidh sinn ann gu 9.35 agus an uair sin, thèid an trèana gu Inbhir Ùige.

Saoil de nì mi eadar 07.30 agus 09.35 ann an Inbhir Thèorsa? Am bi rud sam bith fosgailte?

Bidh turas bus gu Taigh Iain Ghròt a’ fàgail Inbhir ÙIge an uair sin. Tha mi a’ coimhead air adhart ris an tat turasachd fhaicinn mar thà!

‘S e latha fada  bhios ann. Bidh sinn air bus agus air trèana fad cha mhòr 20 uair a thìde agus cha ruig sinn Loch a Tuath a-rithist gu 00.06 Didòmhnaich. Saoil am bu chòir dhomh paidhir de na stocainnean sònraichte ud fhaighinn a tha gad dhìon an aghaidh thrombosis nan cùislean?

Is dòcha nach tòir mi sin leam ach bidh leabhraichean gu leòr agam: Locomotives and Coaching Stock 2011,UKand Ireland Rail Atlas is eile. Tha leabhar agam cuideachd mun rathad-iarainn a bh’ ann uair eadar Inbhir Ùige is Liabost (Lybster).

Agus is dòcha gun toir mi beagan branndaidh leam cuideachd….

Deltic

Bidh an deltic seo aig ceann na trèana

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 freagairtean ri Taigh Iain Ghròt air na Gàidheil! Turas rèile gu Gallaibh na Gàidhlig

  1. Thuirt gary ferguson:

    an dochas gun teid an turas gu math leat alasdair! feumaidh tu eacarsaichean a dheanamh son thrombosis a sheachnadh! agus faodaidh tu searbhadair ti neo ‘cosy’ ti spaideal a cheannaich anns na buithtean turasachd. a reir am post mu dheireadh agad, bha mi an comhnaidh a’ dol air rothair trath anns na h-80’s (80 gu 83 co dhiu), s tric a bha mi ann an loch raonsa ach chan fhaca treana fo thalamh ann idir cha chuala fiu’s guth mu a dheidhinn.

    gary

    'S toil

  2. Taing mhòr Gary. Inntinneach a thaobh Loch Raonasa. Bha mi a’ coimhead air leabhar mun t-subway a raoir. Tha clàr aca air gach càr subway agus air na thachair dhaibh. Seo na thuirt iad mu càr 10: “Purchased privately to Arran – disintigrated’!

    'S toil

  3. Thuirt Gràisg:

    Na Deltics, tha gràdh agam orra, chunnaic mi a h-uile fear aca nam bhalaich bheag, ‘s math gu bheil feadhainn fhathast beò agus comasach a leithid a dhèanamh. Abair fuaim orra nuair a tha iad a ruith cho luath ‘s gabhas.
    Turas math dhut.

    'S toil

  4. Tapadh leat a Ghràisg.

    Bha turas math dha-rìribh agam. Bha 55 022 ann am fìor dheagh shunnd. Abair gun robh e a’ dol gu luath agus chan ann tric a chì thu Deltic ann an Inbhir Thèorsa no Inbhir Ùige!

    Tha mi rud beag ro òg airson cuimhne a bhith agam air Deltics ann an seirbheis oir bha mi ro òg (bha mi dìreach 7 ann an 1981) ach tha mi uamhasach deidheil orra cuideachd. Seo an treas turas Deltic agam – bha mi air turas air na meur loidhnichean an Srath Chluaidh agus air an trèana fosglaidh gu Almhaigh (Alloa) ann an 2008.

    Bidh mi a’ cur suas post bloga mun turas a-màireach no an earrar le dealbhan.

    le deagh dhùrachd,

    Alasdair

    'S toil

  5. Gràisg a charaid,

    Tha dealbhan den turas seo rim faighinn a-nis aig:

    "Loch Raineach" ann an Inbhir Theòrsa

    Alasdair

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s