Èirinn a tuath: an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal! (2) #gaidhlig #translink #NIR

Thòisich an turas mòr agam gu Èirinn a Tuath le turas eadar Beál Feirste agus Latharna agus air ais.

Ann an York Road works air an t-slighe air ais, chunnaic mi rud a tha air leth mu NIR – thumper. Is e seòrsa aonad-rèile a tha seo ris an canar DEMU no diesel-electric multiple unit. An àite einnsein coltach ri einnsein bus a bhith aca mar na h-aonadan ann an Alba, tha einnsein mòr cumhachdach fuamach annta. Tha iad coltach ri mini le einnsesan rocaid annta! Tha coltas trèana àbhaisteach orra ach nì iad fuaim mhòr do chreidsinneach.

Cha robh ach thumpers air an NIR fad iomadh bliadhna ach a-nis tha iad a’ dol a-mach à seirbheis agus càraichean rèile àbhaisteach a’ tighinn a-steach nan àite. Tha na class 80s “na glinn” air tighinn a-mach à seirbheis a-nis agus thig na class 450s “na caistealan” à seirbheis nas fhaide air adhart am-bliadhna.

Airson an dàrna turais agam, chaidh mi eadar Beál Feirste agus Port an Dúnain. Is e an trèana “Enterprise” gu Baile Átha Cliatha a bha seo, air a tharraing le einnsean air an robh ainm Gaeilge: An Abhainn Bhuí.

Bha mi ag iarraidh a dhol don t-seisean as fhaide a deas an Èireann a Tuath – an tIúr (Newry) ach cha bhi ach glè bheag de thrèanaichean a’ stad ann agus mar sin, bhithinn ann fad ùine mhòr mus faighinn trèana air ais gu Beál Feirste. Mar sin, stad miaigPortan Dúnain – baile eile nach eil ro mhath a rèir Marc. (Gu dearbha, an ath latha thuirt dràibhear tacsi rium “you were in Portadown yesterday? God help ya!)

Clas C3k ann am Port an Dunain

Clas C3k ann am Port an Dunain

Aig Port an Dúnain, chaidh mi gu taobh eile na stèisean agus fhuair mi an trèana an uair sin gu Beannchar (Beannachar).

‘S e loidhne fìor mhath a th’ ann e adar Beál Feirste agus Beannchar. Tha an loidhne dùbailte fad na slighe agus is e an rathad-iarainn as trainge an TÉ a th’ ann. Tha stèisean ann an Suideanam (Sydenham) a tha a’ frithealadh post-adhair George Best agus aig gach stèisean far a bheil seirbheis bus ann, thèid sin innse dhut gu soilleir.

Tha deagh sheallaidhean ann cuideachd de Loch Lao (Belfast Lough) agus tha cothrom agad a dhol tro Holywood neo Ard Mhic Nasea far an d’ rugadh an gaisgeach giotàir Gary Moore. Faisg air sin, tha stèisean Chúl Trá (Cultra) far a bheil Taigh-tasgaidh Pobal is Còmhdhail Uladh).

Is e baile beag snog a th’ ann am Beannchar agus tha an stèisean ùr spaideil – caran coltach ris an stèisean ùr ann am Pàrtaig – anns a bheil stèisean bus cuideachd. Còmhdhail cheangailte a-rithist.

Stèisean Bheannchar

Stèisean Bheannchar

Tha an NIR gu math spaideil sna làithean seo. B’ àbhaist dhaibh a bhith ann am fìor dhroch staide agus bha deasbad ann bho chionn deich bliadhna no mar sin am màireadh NIR idir. Gu h-eachdraidheil, cha robh Riaghaltas Èireann a Tuath uamhasach taiceil do rathaidean-iarainn agus chaidh a’ mhòr-chuid den lìonra a dhùnadh agus cha deach mòran airgid a chosg air na bha air fhàgail.

Fad iomadh bliadhna, is e dìreach sreang, sellotape agus gaol an luchd-obrach a chùm na trèanaichean a’ dol ach dh’atharraich cuisean nuair a dh’fhosgail Seanadh Èireann a Tuath agus san latha an-diugh, tha tòrr trèanaichean ùra (Class 3000, class 4000) ann a tha a’ toirt seachad seirbheis nas fheàrr (ged nach eil an uiread de charactar aca sa bh’ aig na thumpers). Chaidh na stèiseanan uile a sgeadachadh bho chionn goirid cuideachd.

Tha na trèanaichean ùra 3000 agus4000 ath’ aig an NIR uamhasach goireasach is luath. Tha an acceleration orra fìor mhath agus tha mi cinnteach gu bheil iad air ùine nan seirbheisean a lughdachadh gu mòr.

Às dèidh loidhne Bheannchair, bha taghadh ann trèana fhaighinn gu Doire no a dhol air thumper Clas 450 gu Carraig Fhearghais air loidhne Latharna. Mar sin, thagh mi an thumper oir bi Doire fhathast ann an ath thuras a thig mi don dùthaich, ach cha bhi na thumpers ann tuilleadh (agus gu dearbha, bhiodh e dorcha fada mus ruiginn Doire co-dhiù is chan fhaicinn rud sam bith!). 

Às dèidh sin, bha mi cho sgìth as dèidh latha de thrèanaichean is gun deach mi air ais airson norrag mus rachainn don bhàr.                                       

Ah, ’s mi a tha bored le dh’obair leasachaidh cànain – tha mi airson a bhith nam dhràibhear trèana ann an Èirinn a Tuath!

 Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd