Turas air an Northern City Line #gàidhlig

Chaidh an teaghlach air turas gu Lunnainn bho chionn goirid agus fhad ’s a bha sinn ann, bha mi airson beagan spòrs trèanach a bhith agam!

Rinn sinn tòrr rudan àbhaisteach do luchd-turais, chunnaic sinn Big Ben, chaidh sinn gu Taigh-tasgaidh Florence Nightingale agus gu Taigh-tasgaidh Sherlock Holmes. Bha turas againn gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn cuideachd far am faca sinn Clach Rosetta – rud a chòrd rium mar eadar-theangaire, agus fir-tàileisg Leòdhais cho math ris an t-seòmar leughaidh far an do sgrìobh Karl Mark Das Kapital. Sgoinneil!

A thaobh còmhdhail, chaidh sinn ann agus air ais air a’ chadalaiche, the Caledonian Sleeper, chaidh sinn air tòrr mòr Borismasters (New Bus for London/New Routemasters), air an tiùb gu tric is minig agus air a’ Chàr-chàbaill Emirates Airline. Mar as àbhaist, chuir e iongnadh orm cho saor, ceangailte, uaine is èifeachdach sa tha an t-siostam. Tha tòrr mòr againn ann an Alba ri ionnsachadh bho Lunnainn.

An Emirates Airline, Greenwich, Lunnainn

A bharrachd air seo, chaidh mi air safari rèile air an Northern City Line. ‘S e seo an loidhne eadar Moorgate agus Finsbury Park. B’ àbhaist dha a bhith mar phàirt den London Underground leis an ainm ‘the Highbury Branch’ den Northern Line gus an deagh a ghabhail thairis le BR ann an 1976. ‘S ann an seo cuideachd a thachair mòr-thubaist rèile Moorgate ann an 1975 nuair a chaidh 43 daoine a mharbhadh nuair nach do stad trèana aig ceann na loidhne.

7170432235_02940183c0

Dealbh sgoinneil de thrèana tiùb air an loidhne ann an 1966 le DavidH73 air Flickr

Carson a tha ùidh agam san loidhne ghoirid seo? A chionn ’s gu bheil i caran neo-àbhaisteach. Bha i uair san Underground agus tha coltas an Underground oirre fhathast, ged a tha i san lìonra nàiseanta. A bharrachd air seo, tha an Northern City, a tha a-nis air a ruith le Great Northern, feumach air tòrr mòr obair ùrachaidh agus tha na stèiseanan is na trèanaichean fhathast mar a bha iad sna 1980an. Tha e coltach gun tèid an loidhne seo a ghabhail thairis latha de na làithean leis an London Overground agus gun tèid a h-uile rud ùrachadh, is mar sin, bha mi airson a faicinn mus tèid a sgeadachadh.

Bha e mar turas air ais do na 80an agus mar sin, chòrd e rium glan.

Seo trèana air an loidhne an-diugh aig Finsbury Park far an d’rugadh Johnny Rotten aig na Sex Pistols (droch dhealbh – tha mi duilich!)

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an England, London Underground, Metrothan, Railways, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Turas air an Northern City Line #gàidhlig

  1. Pingback: An trèana anns an drèana – the Waterloo and City Line #gàidhlig @wlooandcityline | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s