Kerr’s Miniature Railway, Obar Bhrothaig gu bhith a’ dùnadh #gàidhlig

Às dèidh 85 bliadhna, tha Meanbh-rathaid-iarainn Kerr’s gu bhith a’ dùnadh.

Tha an loidhne bheag seo ann am pàirc eadar prìomh loidhne a’ Chosta an Ear gu Obar Dheathain agus an tràigh⠀.


⁠⠀
Tha àireamh an luchd-cleachdaidh air a bhith a’ dol an lughad fad bhliadhnaichean agus an-uiridh, cleachd nas lugha na 3,000 duine an rathad-iarainn fad na bliadhna. ⁠⠀
⁠⠀
Tha John Kerr leis a bheil an rathad-iarainn ag ràdh gum bi e fosgailte airson a’ chòrr den t-seusain agus gun tèid fios a sgaoileadh mu na làithean fosgailte mu dheireadh a dh’aithghearr air Facebook agus air an làraich-lìn.⁠ Tha e ag ràdh nach e cùis airgid a th’ ann ach gu bheil na saor-thoilich is e fhèin air an dì-mhisneachadh gu mòr le cho beag dhaoine a tha ga chleachdadh.
⁠⠀
Thuirt e cuideachd gu bheil grunn dhaoine is bhuidhnean air fios a chur thuige mu bhith ag ath-fhosgladh na loidhne ann an cruth no àite eile ach nach bi e fhèin an sàs ann. Chì sinn dè thachras. ⁠⠀

Alasdair
⁠⠀

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, treanaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s