Airgead a dhìth air an rathad-iarainn as Cuimriche ann an Sasainn! #gàidhlig

Chaidh mi gu rathad-iarainn beag snog air a’ chrìch eadar Sasainn is a’ Chuimrigh an-ùiridh. ‘S e an Tanat Valley Light Railway an t-ainm a th’ air. ⁠⠀
⁠⠀
Ged a tha e ann an Shropshire, Sasainn, tha na h-ainmean-àite san sgìre sa Chuimris – Nantmawr is Blodwell is eile.⁠⠀

⁠⠀
Air a’ mhapa, tha an loidhne uaine na pàirt den lìonra nàiseanta. Tha na loidhnichean dubha a’ riochdachadh nam planaichean leudachaidh aig loidhnichean glèidhte: The Cambrian Railway (Oswestry agus Llynclys) agus an Tanat Valley Light Railway. Tha trì loidhnichean beaga fa leth ann aig an àm seo – ann an Nantmawr, Oswestry agus Llynclys ach seo am plana aca san ùine fhada. ⁠⠀
⁠⠀
Tha an Tanat Valley Light Railway air iomairt a thoiseachadh gus airgead a thogail gus òrdugh fhaighinn fo Achd Còmhdhail is Obraichean (Transport and Works Act order) fhaighinn gus am bi cead aca trèanaichean a ruith air an loidhe aca air fad.⁠⠀
⁠⠀
Feumaidh iad £100,000 uile gu lèir airson seo. Ma tha thu airson not no dhà a thoirt dhaibh – mar a thug mi fhèin – faodar sin a dhèanamh air an làraich-lìn aca.

Tanat Valley Light Railway

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, England, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, Sasainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s