Sgrìobh mi post-bloga greiseag air ais mun trèana-caidil – the Caledonian Sleeper – no “an leabaidh-trèana” mar a th’ aig mo nighenean air’!
Thuirt mi gu bheil mu uamhasach deidheil air an t-seirbheis seo ach nach eil e cho math ’s a bu chòir dhi a bhith agus gun robh an t-àm ann a thoirt a-steach dhan roinn phoblaich mar a thachair le ScotRail.
Dh’fhoillsich an Riaghaltas bho chionn ghoirid gu bheil cùmhnant Serco gus an Cadalaichte a ruith a’ tighinn gu crìch an ath-bhliadhna. Chanainn gur e deagh naidheachd a tha seo.
Tha mi an dùil is an dòchas gun tachair na rudan a leanas:
- Gun tèid a chur air ais san roinn phoblaich agus gun tèid in-fhilleadh le ScotRail
- Gun tèid na prisean ìsleachadh gus am bi an cadalaiche ag amas air luchd-siubhail àbhaisteach a-rithist agus gum bi e farspaiseach le plèanaichean a-rithist.
Alasdair