Àrd-eaglaisean Smuid no Blancmangaichean grannda?  A h-uile terminus Lunnainneach ann an latha

San latha a th’ ann, bidh sinn a’ smaoineachadh air na rathaidean-iarainn mar shiostam no lionra ach nuair a chaidh an togail an toiseach san 19mh linn, chan ann mar sin a bha cùisean idir.

Bha na diofar chompanaidean rèile a’ co-fharpais gu mòr ri chèile agus tha seo gu math follaiseach bho na diofar stèiseanan sna bailtean-mòra. Ann an Dùn Èideann, mar eismpleir, bha dà therminus ann: Waverley agus Sràid a’ Phrìonnsa. Ann an Glaschu, bha ceithir ann: Glaschu Mheadhain, Sràid na Banrigh, Sràid Bhochanan agus St Enoch.

Bha rudan nas miosa buileach ann an Lunnainn, ge-tà. San latha an-diugh, tha 14 termini ann agus b’ àbhaist barrachd a bhith ann!

Bidh mi a’ dol gu Lunnainn meadhanach tric ach chan eil mi air a bhith anns a h-uile terminus fhathast. Tha mi air na bhith anns a’ mhòr-chùid aca mar-thà ach bha dhà no trì nach fhaca mi riamh roimhe agus shaoil mi gur e deagh thuras a bhiodh ann.  Mar sin, chuir mi romham a dhol air splaoid gu na termini Lunnainneach uile ann an latha.

Tha e furasta a dhol eatorra uile air an Underground ach bha sin ro fhuarasta dhomh agus mar sin, chuir mi romhan a dhol ann air trèanaichean an lìonra nàisesanta a-mhàin. Far nach robh e comasach a dhol eadar stèiseanan gu dìreach, bha e ceadaichte a choiseachd eadar stèiseanan.

Chuir mi seachad grunn làithean ag obair air plana airson a dhol eadar stèiseanan agus mu dheireadh thall, bha plana agam – plana gu math toinnte le còrr is 30 tursan trèana. An uair sin, chuir mi taigh-òsta agus siubhal air dòigh eadar an Nollaig is a’ Bhliadhna Ùr.

Gu mì-fhortanach, às dèidh dhomh na tiocaidean a cheannach, chaidh fhoillseachadh gum biodh grunn loidhnichean is stèiseanan dùinte rè nan saor-làithean airson obair innlearachd – Liverpool Street air fad agus a h-uile Loidhne Overground gu Liverpool Street nam measg. Agus cha robh e comasach a dhol eadar Victoria agus Waterloo air an trèana mar thoradh air obair innleadaireachd aig Clapham Junction. Agus a bharrachd air sin, air an latha fhèin, bha trioblaidean ann leis na loidhnichean Overground a-mach is a-steach a Euston…

Bha agam ri co-dhùnadh am bu chòir dhomh cumail a’ dol agus a dhol eadar na stèiseanan a’ cleachdadh an tiùb far an robh sin a dhìth, no a bhith ga fhàgail gu latha eile agus rudeigin eile a dhèanamh air an turas seo a Lunnainn. Aig a’ cheann thall, cho-dhùin mi gum bu chòir dhomh a dhèanamh co-dhiù agus rinn mi air Charing Cross gus an turas a thòiseachadh.  

  1. Charing Cross – CHX (1864). Le South Eastern Railway, an uair sin le Southern Railway bho 1923

Thagh mi Charing Cross leis gu bheil an stèisean ann an teas mheadhan Lunnainn.  B’ e an Charing Cross tè de na h-Eleanor Crosses a thog Rìgh Eideard I Shasainn gus a bhean Eleanor a chomharrachadh. Nuair a chaochail i ann an meadhan Shasainn ann an 1294, thog an Rìgh crois anns gach àite far an do laigh a ciste-laighe aice air an t-slighe air ais gu Abaid Westminster.

Chaidh a’ chrois a sgrìos le Crombail fo lagh leis an ainm inntinneach An Ordinance for the utter demolishing, removing and taking away of all Monuments of Superstition or Idolatry,  agus às dèidh ath-stèidheachadh na Monarcachd, chaidh ìomhaigh de Rìgh Tèarlach I (le a cheann!) a chur na h-àite. Chun an latha an-diugh, tha Ìomhaigh Thèarlaich I a’ comharrachadh meadhan oifigeil Lunnainn.

Dh’fhosgail Stèisean Charing Cross ann an 1864 agus ri a thaobh, chaidh lethbhreac den Charing Cross a thogail a tha nas motha na a’ chrois thùsail.

Tha sealladh àlainn den abhainn agus de mheadhan a’ bhaile bho Charing Cross agus bha mi gu math toilichte a bhith ann oir cha do ghlac mi trèana ann riamh roimhe. Fhuair mi trèana a bha a’ dol gu Dartford. Bu toil leam a dhol gu Stèisean Dartford latha de na làithean oir tha plac ann air àrd-ùrlar a tha a’ comharrachadh far an do choinnich Mick is Keith sna Rolling Stones an toiseach. An-diugh, ge-tà, cha robh tìde agam agus cha deach mi ach air turas gu math goirid gu Waterloo East.

2. Waterloo  East– WAE (1869). Le South Eastern Railway, an uair sin le Southern Railway bho 1923 (Airson Waterloo – WAT [1848], le London and South Eastern Railway, an uair sin le Southern Railway bho 1923)

Tha stèisean Waterloo air leth ainmeil – agus air leth trang. ‘S e an stèisean as motha ann am Breatainn a th’ ann agus chaidh mi ann tron bhràthair bheag aige – Waterloo East – stèisean co-cheangailte ris le slighe-coiseachd – ann an dòigh tha e caran coltach ri Glasgow Central Low Level – ach a-mhàin gu bheil e nas àirde na am prìomh stèisean.

Is e an rud as annasaiche gu bheil Stèisean Waterloo East caran coltach ri stèisean dùtchail seach stèisean ann an teas-mheadhan Lunainn, le togalach beag snog.

Choisich mi an uair sin a-steach gu Waterloo fhèin far a bheil goireasan gu leòr ann de gach seòrsa agus 22 àrd-ùrlaran.

Leis a sin, chaidh mi air ais gu Waterloo East airson a dhol air adhart dhan ath-stèisean – London Bridge.

3. London Bridge – LBG (1836), Le London and Greenwich Railway. London and Croydon Railway/London and Brighton Railway/South Eastern Railway, an uair sin le  Southern Railway bho 1923

Is e Drochaid Lunnainn an terminus as sìne ann an Lunnainn ach ann an dòigh, is e an terminus as ùire a th’ ann cuideachd! B’ àbhaist dhan stèisean a bhith car coltach ri Margadh an Fheòir ann an Dùn Èideann – uamhasach trang agus uamhasach cudromach ach caran grod agus fada ro bheag. Coltach ri Margadh an Fheòr fhèin, rinneadh ath-sgeadachadh air an stèisean bho chionn ghoirid agus tha e a-nis tòrr nas motha agus tòrr nas spaideile.

Feumaidh mi a ràdh ge-ta, ged a tha e spaideil is tòrr nas fheàrr na bha e, chan eil dad eachdraidheil air fhàgail ann agus tha e a’ faireachdain caran clionaigeach agus gun anam. ‘S e àite airson a bhith a’ glacadh trèana a th’ ann seach stèisean mar St Pancras no King’s Cross far a bheil e tlachdmhor dìreach a bhith ann.

Às dèidh dealbh no dhà, bha an t-àm ann a dhol thairis air an àbhainn a-rithist gu Cannon Street.

  • 4. Cannon Street – CST (1866), le South Eastern Railway, an uair sin le Southern Railway bho 1923

Chan eil ach mu mhìle ann gu Cannon Street ach chithear seallaidhean sgoinneil de mheadhan Lunnainn – Drochaid an Tùir, Àrd-eaglais Phòil is eile. Coltach ri Charing Cross, chaidh togalach oifisean a thogail os cionn stèisein Cannon Street – ach eu-choltach ri Charing Cross, cha do dh’fhàg iad rùm gu leòr airson nan trèanaichean! Tha mullach an stèisean gu math ìosail agus tha an t-àite ro bheag agus ro dhorcha. Bhon taobh a-muigh cuideachd tha coltas bloc oifis ann seach stèisean mòr eachdraidheil.

Leis a sin, fhuair mi an trèana air ais gu Drochaid Lunnainn airson a dhol air adhart dhan ath-stèisean.

5. Blackfriars – BFR (1864), le London, Chatham and Dover Railway, an uair sin le Southern Railway bho 1923

Tha stèisean Blackfriars caran neònach oir tha an stèisean air fad air drochaid thairis air an Thames. Faodaidh tu a dhol a-mach no a-steach dhan stèisean air gach taobh cuideachd – air Sràid na Banrigh Bhictoria aig tuath no air an South Bank aig deas.

Tha pannalan dealanach air mullach an stèisein a tha a’ cruthachadh dealain dhan stèisean air fad agus tha seallaidhean sgoinneil den abhainn ann cuideachd.

Tha sinn uile air cluinntinn mu Chrossrail (no “the Elizabeth Line” mar a chaidh a chur air) – loidhne spaideil ùr eadar iar agus ear, agus tha Blackfriars aig cridhe loidhne Thameslink a tha a’ ceangal tuath is deas san aon dòigh agus a dh’fhosgail ann an 1988.

Ann an dòigh, tha Blackfriars coltach ri London Bridge – chaidh ùrachadh chun na h-ìre is nach eil mòran eachdraidh air fhàgail – ach aig an aon àm, is toil leam e.

6. St Pancras – STP (1868), le London, Chatham and Dover Railway, an uair sin le London, Midland and Scottish bho 1923

An uair sin, ghlac mi an trèana air Thameslink airson an turais ghoirid gu St Pancras Eadar-nàiseanta.

Coltach ri Blackfriars agus London Bridge, chaidh St Pancras a sgeadachadh gu mòr beagan bhliadhnaichean air ais. Eu-choltach ris an dà stèisean sin, ge-tà, chaidh a dhèanamh ann an dòigh a chùm na rudan a bha math mun t-seann thogalach ach a thug piseach mhòr air cuideachd.

Thug an neach-naidheachd rèile Christian Wolmar “Cathedrals of Steam” air mòr-stèiseanan Lunnainn agus is dòcha gur e St Pancras an togalach as eaglaiseil agus as fheàrr a-mach asta uile.

B’ àbhaist do St Pancras a bhith mar phrìomh terminus airson trèanaichean às na Midlands ach b’ àbhaist dha a bhith gu math salach is dòrcha agus bha grunn mholaidhean ann gus an stèisean a dhùnadh is na trèanaichean a ghluasad gu Kings Cross is Euston.

Aig a’ cheann thall, chaidh an stèisean, a’ gabhail a-steach an taigh-òsta spaideil, a chumail agus ath-sgeadachadh mar therminus airson HS1 – an loidhne dhan Channel Tunnel. Tha bùithtean agus taighean-bidh sgoinneil ann agus ’s e an seòrsa àite a th’ ann far an rachadh tu fiù’s mur a robh thu gu bhith a’ dol air an trèana. Ma tha thu a’ tighinn no a’ falbh à Sasainn, tha e tòrr nas fheàrr na port-adhair.

Intermission!

Bha e mu mheadhan latha agus mar sin, bha an t-àm ann airson rudeigin ri ithe agus rud beag obair planaidh.

Thug mi a-mach an clàr-ama agam, atlas nan rathaidean-iarainn agus am fòn agam. Tha cùisean a’ fàs gu math doirbh às dèidh nan stèisesanan seo oir tha na ceanglaichean nas doirbhe is nas toinnte.

Tha e caran doirbh a dhol gu Marylebone bho na termini eile air trèanaichean mainline. B’ e am plana agam a dhol gu West Hampstead Thameslink agus an uair sin coiseachd gu West Hampstead (Overground) agus an trèana fhaighinn às a sin gu Williesden Junction, bho Williesen Junction gu Wembley Central agus an uair sin a’ coiseachd gu Wembley Stadium airson na trèana gu Marylebone.

Bha trioblaidean ann leis an Overground agus thug mi sùil air làrach-lìn TfL gus dearbhadh gun robh na trèanaichean fhathast a’ ruith. Bha iad agus mar sin, às dèidh biadh, chaidh mi air ais gu St Pancras agus ghlac mi an turas gu West Hampsted Thameslink.

Às dèidh dhomh coiseachd gu West Hammpsted (Overground), ge-tà, bha na shutters sìos agus fhuair mi a-mach gun deach na trèanaichean uile a chur dheth mar thoradh air trioblaidean siognalaidh beagan mhìonaidean ro làimh.

Mar sin, bha agam ri dhol air trèana tiùb airson a’ chiad turas den latha. An àite a bhith a’ dol fad na slighe gu Marylebone, chaidh mi gu Wembley Central air a’ Bhakerloo Line agus an uair sin, rinn mi air stèisean Wembley Stadium.

Gu mì-fhortanach, mar thoradh air stàilcean an latha roimhe agus obair air an loidhne, cha robh ann ach aon trèana gach uair a thìde agus bha mi dìreach air tè a chall. Gu fortanach, bha deagh leabhar agam – leabhar cò-rinn-e stèidhichte ann an taobh tuath na Cuimrigh. Leis gur e stèisean Wembley Stadium a bh’ ann, bha mi a’ smaoineachadh air Live Aid, consairt Cuimhneachaidh Freddie Mercury agus Keith Moon – a rugadh ann am Wembley. Rinn mi caraid cuideachd – calman!

Stèisean Wembley Stadium

Chaidh an tìde seachad gu luath agus chan fhada gus an robh mi air an Clas 165 Networker gu Marylebone.

7. Marylebone – MYB (1899), Great Central Railway an uair sin London and North Eastern Railway bho 1923.

‘S e stèisean gu math beag a th’ ann an Marylebone – mun aon mheud ri Inbhir Nis. Seo an dàrna terminal as lugha ann an Lunnainn.

B’ àbhaist do Mharylebone a bhith na stèisean aig an Great Central – prìomh loidhne a ruith bho Sheffield gu Nottingham – Leicester – Lunnainn. Chaidh an loidhne air fad a dhùnadh eadar 1966 agus 1969 agus cha robh air fhàgail an uair sin ach seirbheisean coimiutair gu Aylesbury, High Wycombe agus Banbury.

Mar sin, gach turas a smaoinicheas mi mu Stèisean Marylebone, smaoinichidh mi air Marillion oir ’s ann a Aylesbury a tha iad.

Leis nach robh ann ach seirbheisean ionadail, bha BR airson an stèisean a dhùnadh. Bha iad am beachd a reic airson a chleachdadh mar stèisean bhusaichean. Gu fortanach, chaidh ìrean cleachdaidh nan seirbheisean suas gu mòr agus chaidh an stèisean a shàbhaladh. San latha an-diugh, tha seirbheisean a’ ruith bho Mharylebone gu Oxford is Birmingham cuideachd.

Tha mi den bheachd gur e stèisean fìor mhath a th’ ann – chan eil e ro mhòr agus tha e fhathast anns a’ chruth traidiseanta aige – ach tha e a’ coimhead cha mhòr ùr. Ann an leabhar a leugh mi bho chionn ghoirid, ge-ta: London’s Railway Termini: Photographs at the end of the Line le Nixon agus Lloyd, rinn iad comas eadar Marylebone agus Blancmange! Chan eil mi buileach cinnteach carson – cha robh coltas ro bhlancmangeach air idir nam bheachd…

Fhuair mi cofaidh agus rinn mi air an tiùb (mar thoradh air na trioblaidean leis an Overground) airson turas goirid air a’ Bhakerloo gu Paddington.

8. Paddington – PAD (1838), Great Western Railway

Tha stèisean Paddington dìreach àlainn agus chan fhada bho chaidh a sgeadachadh ann an dòigh a chuir eachdraidh agus an latha an-diugh ri chèile gu math. Seo cridhe a’ Great Western le trèanaichean a’ dol gu àiteachan air a bheil mi gu math dèidheil – a’ Chòrn agus taobh deas na Cuimrigh am measg tòrr àiteachan eile. ‘S ann às a seo a tha an Heathrow Express a’ fàgail cuideachd.

Tha rud no dhà eile ann a tha inntinneach cuideachd – ìomhaigh Paddington Bear, agus an Saighdear gun Ainm. A bharrachd air sin, chaidh an gaisgeach Èirinneach Michael Davitt a chur an greim leis a’ Phoileas ann an Stèisean Paddington ann an 1870.

Gu fortanach, cha deach duine sam bith a chur an greim an-diugh agus bha mi saor airson cumail a’ dol dhan ath stèisean – Liverpool Street. 

Bha mi gu bhith a’ dol ann air loidhne nach robh ann an turas a bha mi ann an Lunnainn – an Elizabeth Line. Tha an loidhne seo a’ dol bho iar gu ear tro mheadhan Lunnainn agus a’ ceangal cuid de na stèisean as cudromaiche.

Tha an Elizabeth Line gu math spaideil is fìor luath – ach feumar a ràdh nach eil mòran ri fhaicinn leis gu bheil e ann an tunailean tro mheadhan a’ bhaile.

Chan fhada gus an robh mi ann an Liverpool Street.

9. Liverpool Street – LST (1874), le Great Eastern Railway an uair sin le London and North Eastern Railway bho 1923

Gu mì-fhortanach, chan fhaca mi ach taobh a-muigh an stèisein oir bha an stèisean air fad agus na loidhnichean Overground co-cheangailte ris uile dùinte airson obair innleadaireachd. Às dèidh dhomh dealbh a thogail, rinn mi air Moorgate.

Mar thoradh air na trioblaidean leis na seirbheisean rèile, chaidh mi gu Moorgate air chois.

10. Moorgate- MOG (1865), le Metropolitan Railway an uair sin le London Underground

‘S e Moorgate an terminus as lugha ann an Lunnainn. Tha e a’ frithealadh diofar bhailtean ann an Hertfordshire: Hertford, Welwyn Garden City, Stevenage agus Letchworth.

Tha eachdraidh inntinneach aig an stèisean – b’ àbhaist dha a bhith aig ceann meur-loidhne à Farringdon a tha a-nis air dùnadh agus a bharrachd air sin, cha robh ann ach seirbheisean London Undergroundl Tha an stèisean air na loidhnichean Metropolitan, Hammersmith is City, Circle agus Northern.

A bharrachd air seo, bha meur-loidhne aig an Underground – the Northern line (Highbury Branch) a bha a’ ruith eadar Moorgate agus Finsbury Park (gu 1964) agus Drayton Park (às dèidh 1964). Bha tubaist uamhasach air an loidhne seo ann an 1975 anns an deach 43 duine a mharbhadh. Chaidh an loidhne seo, ris an canar the Northern City Line, a ghabhail thairis le BR ann an 1976 agus chaidh an loidhne ath-cheangail ri Finsbury Park agus leis an lìonra nàiseanta. Sin as adhbhar gu bheil Moorgate air a mheas mar therminus Lunnainneach.

Cha robh mòran ri fhaicinn ann am Moorgate – tha e fon talamh is dorcha gun ghoireasan is mar sin, ghlac mi an trèana agam gu Finsbury Park – far an do rugadh John Lydon bho na Sex Pistols!

11. King’s Cross- KGX (1852), le Great Northern Railway an uair sin le London and North Eastern Railway bho 1923

Bha rudan fuar is dorcha ann an Finsbury Park agus mar sin, cha b’ e ruith ach leum dhomh an trèana agam gu King’s Cross a ghlacadh.

Tha cuimhne agam air King’s Cross bho chionn 25 bliadhna agus bha e gu math grod aig an àm is bha an àite timcheall air gu math robach cuideachd. Chaidh an stèisean a sgeadachadh bho chionn beagan bhliadhnaichean agus tha e a-nis gu math àlainn. Tha an sgìre air an taobh a-muigh tòrr nas fheàrr a-nis cuideachd.

Stad mi ann airson rudeigin ri ithe, a’ coimhead mun cuairt aig an togalach àlainn agus an uair sin, choisich mi dhan stèisean mu dheireadh den latha – Euston.

12. Euston- EUS (1837), le London and Birmingham Railway an uair sin le London Midland and Scottish bho 1923

Choisich mi gu Euston leis gun robh na seirbheisean Overground a-mach à Euston dheth airson an latha – ach cha robh sinn gu diofar oir chan eil e ach mu 5 mionaidean air falbh air chois.

Ann an dòigh, tha Euston na eisimpleir den a h-uile rud a bha cearr air àiltireachd agus planadh còmhdhail anns na 1960an. Chaidh an togalach thùsail a leigeil agus chaidh togalach ùr grannda a chur na àite, le barrachd cuideam air bùithtean na air na trèanaichean – a tha ann am basement gu math dorcha grannda. Bha na stèiseanan Bhictorianach nan “Àrd-eaglaisean Smùid”, ach tha na stèiseanan mar seo bho na 1960an a’ sealltainn gun robh daoine an dùil gum biodh an t-àm ri teachd coltach ri Comar nan Allt no Milton Keynes le togalaichean grannda utilitarian. Ged a mhair na h-Àrd-eaglaisean smùid còrr is 150 bliadhna, tòrr aca ann an cruth nach deach atharrachadh cus, bha e follaiseach taobh a-staigh 15 bliadhna gun robh togalaichean mar Euston feumach air ùrachadh mòr mar-thà is nach eil daoine idir cho deidheil orra ’s a tha iad air na togalaichean nach deach “ùrachadh”. Saoil an tig piseach air Euston nuair a thèid HS2 fhoillseachadh?

Agus ged is e an aon rud a tha math mu Euston gu bheil tòrr bhùithtean is taighean-bìdh ann, tha a’ mhòr-chuid aca dùinte mar thoradh air obair sgeadachaidh aig an àm seo is mar sin, chaidh mi gu taigh-seinnse faisg air làimh airson deochag fhad ’s a bha mi a’ feitheimh ris an trèana dhachaigh.

Air a’ chuspair sin, nam b’ urrainn dhomh rud atharrachadh mu na stèisean mòra, chuirinn barrachd goireasan ann airson daoine a tha ann air an oidhche – daoine a tha a’ feitheimh airson trèanaichean eadar-chathrach às dèidh 10f nuair a tha cha mhòr a h-uile rud dùinte. Tha First Class Lounges agus Sleeper Lounges ann, ach bhiodh e math nam biodh cuid de na taighean-bìdh fogsailte na b’ anmoiche no nam b’ urrainn dhut beagan a phàigheadh airson faighinn a-steach gu lounge fiu ’s mur a robh tiocaid 1d class agad. Ma tha trèanaichean is pleanaichean gu bhith co-ionann, tha e cudromach gum bi cothrom agad suidhe sìos ann an àite blàth sàbhailte agus is dòcha beagan obrach a dhèanamh fhad’s a tha thu a’ feitheimh ri trèana air an oidhche.

Aig 10:30. chaidh sinn a ghairm air bòrd na trèana-caidil agus aig 11:40, bha sinn air an t-slighe air ais a Ghlaschu. An turas seo, chaidil mi gu math.

An Cadalaiche – a’ bòrdadh ann an Euston

And here’s two I made earlier –

13. Fenchurch Street – FST (1841), le London and Blackwall Railway an uair sin le London Midland and Scottish bho 1922

Nis, chì sibh nach eil ach 12 stèiseanan an seo – mar thoradh air na trioblaidean le obair innleadaireachd agus duilgheadasan siognalaidh, rinn mi dà de na stèiseanan air an dà latha roimhe. Bha mi ann am Fenchurch Street air a’ chiad latha agam ann an Lunnainn is mi a’ tilleadh bho Southend-on-Sea. B’ e am plana agam a dhol eadar Liverpool street agus Fenchurch Street, taobh Barking ach leis gun robh Liverpool Street dùinte, cha ghabhadh e dèanamh.

Cha robh mi riamh ann am Fenchurch Street roimhe agus bha mi riamh airson a dhol ann, ach feumar a ràdh nach eil an stèisean ro mhath. Tha e a’ coimhead fìor mhath bhon taobh a-muigh ach air an taobh a-staigh, tha e gu math beag agus chan eil mòran ann. Tha e gu math dorcha cuideachd.

13. Victoria – VIC (1860), le London and Blackwall Railway uair sin leis an Southern Railway bho 1922

Bha mi ann an Waterloo airson mo thuras Routemaster is mar sin, nuair a thill mi dhan stèisean, shaoil mi gun tòisichinn mo thuras gu gach terminus tràth. Cha deach ro mhath dhomh. Is e an dòigh as fhasa eadar Bhatairliù agus Bhictoria a bhith a’ dol gu Clapham Junction agus an uair sin air adhart gu Bhictoria. Nuair a ràining mi Clapham Junction, ge-tà, bha na seirbheisean uile gu Waterloo. Mar sin, ghlac mi an trèana air ais gu Vaxhall agus an Underground gu Victoria.

‘S e stèisesan mòr eile a th’ ann an Bhictoria, le gu leòr goireasan agus bùithtean, agus is ann às a sin a tha na trèanaichean gu Port-adhair Gatwick a’ falbh.

Abair turas! Chunnaic mi tòrr de Lunnainn a bharrachd air na trèanaichean is stèiseanan uile.

Dh’fhaighinich caraid ro làimh de chosgadh splaoid nan termini. Thug mi sùil air a’ chunntas Oyster agam agus uile gu lèir, chosg e ….. £11.10. Cha robh sin dona airson 14 tursan trèana agus 3 tursan bus!

Nis, seo an rangachadh a bheirinn do na termini:

Àrd-eaglaisean SmùidCeart gu leòrBlancmange olc
St PancrasWaterlooCannon Street
Kings CrossVictoriaFenchurch Street
PaddingtonLiverpool StreetMoorgate
MaryleboneLondon BridgeEuston
 Charing Cross 
 Blackfriars 

Alasdair

Ceòl – Hawkwind Levitation, 1980. 10/10

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Responses to Àrd-eaglaisean Smuid no Blancmangaichean grannda?  A h-uile terminus Lunnainneach ann an latha

  1. Pingback: Barbarians agus Guano! Turas gu Suffolk | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Sgrìobh beachd