Turas air loidhne nan sreath mhurtairean – turas gu Manchester 1

A bheil cur-seachad no cleachdadh aig daoine nach eil thu a’ tuigsinn idir? Thòisich latha an t-safari rèile agam gu Manchester leis an smaoin sin.

Thàinig an tagsaidh agam gus mo thoirt gu Stèisean a’ Mheadhain aig 05:20 agus bha an dràibhear uamhasach laghach. Bha e a’ bruidhinn mu airgead mòr a bha e air a chur air na h-eich. Sin rud nach eil mi a’ tuigsinn idir – cearrachas. Chan eil dad agam na aghaidh gu moralta no dad mar sin, ach chan eil càil a dh’fhios agam carson a tha e a’ còrdadh ri daoine. Bha mi riamh a’ coimhead air mar chìs air daoine nach robh a’ tuigsinn staitistearachd.

Co-dhiù, b’ e an t-aon gheama teansa a bha fa-near dhomh “saoil an tig trèana Trans Pennine Express”. Bha mi air trèana TPE a chur air dòigh eadar Glaschu is Manchester Piccadilly. ’S e TPE a’ chompanaidh rèile as miosa ann am Breatainn agus is e seòrsa crannchur a th’ ann an tig na trèanaichean aca gus nach tig.

’S ann a nochd an trèana agam, ge-tà, agus dh’fhalbh i air an uair. ’S e trèana ùr spaideil Nova 2 (Clas 397) a bh’ ann agus nas fheàrr na sin, bha tràilidh bidh is dibhe air bòrd. B’ e an t-aon ghearan a bh’ agam gu bheil na suidheachain gu math cruaidh – fada ro chruaidh is mì-chofhurtail airson turas 3.5 uairean a thìde.

Ràinig sinn Manchester Piccadilly aig 09:26 air an uair. Tha mi air a bhith san stèisean turas no dhà roimhe agus feumaidh mi ràdh nach eil mi ro dhèidheil air. Ged is e fear de na stèiseanan as motha agus as cudromaiche ann an Sasainn a th’ ann, tha geataichean mòra plastaig eadar na h-àrd-ùrlaran agus an concourse agus tha an concourse fhèin gu math beag airson stèisean cho cudromach.

Trama Manchester, Stèisean Piccadilly

Tha aon rud a tha fìor mhath mu Manchester Piccadilly, ge-ta, agus sin gu bheil stèisean trama ann taobh a-staigh an stèisein fhèin. Ach cha robh an t-àm ann a dhol air an trama fhathast – bha mi gu bhith a’ dol air an trèana gu Glossop is Hadfield.

Tha an loidhne seo gu math cudromach oir ’s e seo an stub den Woodhead Route, prìomh-loidhne chudromach eadar Manchester is Sheffield, a bha air a dealanachadh ach a dhùin gu connspaideach ann an 1981 (taing Thatcher!) Bha i cuideachd ann an leabhar air a bheil mi gu math dèidheil nuair a bha mi òg, British Electric Trains in Camera agus bha mi airson a faicinn dhomh fhèin.

Mapa bho: Rcsprinter123, CC BY 3.0 https://creativecommons.org/licenses/by/3.0, via Wikimedia Commons

Bha an loidhne cho math ’s a bha mi an dùil – tha i a’ tòiseachadh ann an Manchester, loma làn de thaighean Coronation Street ach ged nach eil i ach mu 14 mìle a dh’fhaid, tha an i a’ dol a-staigh dhan Peak District ann an Siorrachd Derby far a bheil seallaidhean gu math eadar-dhealaichte rim faicinn agus tha an earrann mu dheireadh dìreach àlainn, gu sònraichte na seallaidhean air leth a gheibhear bho Dhrochaid Dinting, a tha uamhasach àrd – còrr is 1,200 troigh.

Tha Stèiseanan Glossop is Hadfield caran coltach ri rudeigin a chitheadh tu anns an Lake District le togalaichean cloiche snoga. Tha na stèiseanan aig ceann na loidhne ann an triantan agus cha robh fhios agam am biodh sinn a’ dol air gach taobh dheth. A rèir na leugh mi, bidh cuid de na trèanaichean a’ dol gu na diofar stèiseanan ann an diofar òrdugh a rèir dè an t-àm den latha agus den bhliadhna a bh’ ann.

Clì: Hadfield, Deas: Glossop

Chan an trèana agam bho Dinting>Glossop>Hadfield>Glossop>Dinting is mar sin, cha deach sinn air aon taobh den triantan (Hadfield>Dinting). ‘S e anorak agus completist a th’ annam is mar sin, tha mi duilich nach robh cothrom agam an loidhne seo air fad a dhèanamh – ach bheir e dhomh leisgeul a dhol air ais latha eile.

Nis, ged nach eil ùidh am bith agam ann an rèisean eich no ann an cearrachas, tha ùidh agam ann an eucoir fhìor. Mhothaich mi fhad’s a bha mi air an trèana gum bi loidhne a’ frithealadh dà stèisean far an robh sreath mhurtairean oillteil a’ fuireach – Hattersley (“Alight here for the moors Murderers”) agus Newton For Hyde (“Alight here for Dr Harold Shipman”).

Agus leis a sin, bha sinn air ais ann am Piccadilly.

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an England, rathaidean-iarainn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd