Tramorak air Manchester Metrolink

Às dèidh dhomh a dhol air meur-loidhne Glossop, bha an t-àm ann trama a ghlacadh gu Bury far a bheil an East Lancashire Railway stèidhichte.

Cha robh mi air trama Manchester riamh roimhe agus bha mi gu mòr airson am feuchainn oir ‘s e siotam trama gu math cudromach a th’ ann am Metrolink.

Sa chiad dol a-mach, ’s e Metrolink an siotam trama as motha san RA.

Stèisean Bury
Stèisean Thramaichean Bury

San dàrna àite, ’s e Metrolink a’ chiad siotam trama ùr-nodha a chaidh a stèidheachadh san RA. Bha gu leòr seann shiostaman thramaichean ann sa chiad leth den 20mh linn, ach às dèidh dùnadh siostam Ghlaschu ann an 1962, cha robh ach aon siostam air fhàgail – Blackpool – gus an do dh’fhogail siostam Metrolink ann am Manchester ann an 1992. Bhon uair sin, tha siotaman ùra air fhosgladh ann an Sheffield, Croydon, na West Midlands, Nottingham agus Dùn Èideann.

Ach carson a chaidh tramaichean a thoirt air ais ann am Manchester?

Coltach ri Glaschu, tha dà stèisean mhòr ann am Manchester – Victoria agus Piccadilly agus cha robh ceangail math ann eatorra.

Cuideachd, bha an loidhne rèile eadar Manchester agus Bury feumach air ùrachadh. Bha i a’ cleachdadh siotam dealain treas-rèile de sheòrsa nach robh ga chleachdadh air rathad-iarainn sam bith eile san t-saoghal agus bha an dà chuid am bun-structar agus na trèanaichean feumach air ùrachadh.

Le tramaichean, ghabhadh an dà stèisean a cheangal ri chèile agus ri meadhan a’ bhaile agus ghabhadh loidhne Bury a dhèanamh na loidhne trama air cosgais nas ìsle na bhith ga ùrachadh mar rathad-iarainn àbhaisteach. Agus le tramaichean, ghabhadh seirbheis nas trice a chur air dòigh.

Mar sin, chaidh an dà chuid loidhne Bury san taobh tuath, agus loidhne Altrincham sa cheann a deas a dhùnadh mar rathaidean-iarainn agus chaidh tramaichean a chur nan àite le loidhne gan ceangail tro mheadhan a’ bhaile.

Seo mar a bha an siotam nuair a dh’fhosgail i:


A’ chiad loidhne de Mhetrolink. Wikidwitch, CC BY-SA 3.0 <https://creativecommons.org/licenses/by-sa/3.0&gt;, via Wikimedia Commons

Bhon uair sin, tha an siotam air fàs gu mòr

An siostam san latha an-diugh: Wikidwitch, CC BY-SA 3.0 <https://creativecommons.org/licenses/by-sa/3.0&gt;, via Wikimedia Commons

Tha an siotam na mheasgachadh de shlighean air rathaidean agus air seann rathaidean-iarainn. A chionn ‘s gun robh a’ chiad loidhne air an t-siostam air a dhèanamh air seann rathaidean-iarainn, tha na stadan trama coltach ri stèiseanan le àrd-ùrlaran.

Uile gu lèir, tha 64 mìle de thrac ann agus 99 stadan trama.

Sin siotam mòr – agus nas fheàrr na sin, tha e co-òrdanaichte leis na busaichean is trèanaichean agus tha Mòr-sgìre Manchester dìreach air seirbheisean bus a thoirt air ais dhan roinn phoblaich tro shiostam ceudachaan-ruith (franchising) mar a th’ aca ann an Lunnainn. Chunnaic mi iomadh bus dealanach ùr fhad’s a bha mi sa bhaile agus aig deireadh an turais agam gu Bury, tha stèisean nan tramaichean ri taobh stèisean nam bus.

Cheannaich mi tiocaid airson gach seirbheis bus/trèana agus trama ann an sgìre Manchester.

Tha fhios agam gur e pìobaire an aona phuirt a th’ annam – ach cuine a bhios co-òrdanachadh mar seo againn ann an Alba? Agus tha mi mothachail gu bheil an trama a’ dol gu Port-adhair Manchester. Cuine a bhios ceangal rèile againn (trama no trèana) gu Port-adhair Ghlaschu???

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd