Eil trèanaichean nam busaichean no nam plèanaichean? Connspaid nan tiocaidean

Tha beachd farsaing ann am Breatainn gu bheil tiocaidean trèana ro dhaor agus ro thoinnte airson tursan fada.

‘S e an trioblaid as motha leis an t-siostam làithreach gu bheil eus-aonta ann am bu chòir faraidhean trèana a bhith coltach ri busaichean, no ri plèanaichean.

Le busaichean, tha na faraidhean uile “walk on” mar a chanadh iad sa ghnìomhachas. Bidh thu a’ dol air a’ bhus agus a’ pàigheadh an aon faradh aig àm sam bith.

Le plèanaichean, bho thàinig companaidhean “buidseat” mar Easyjet agus Ryanair a-steach, tha na fàraidhean uile daidhnamaig (dynamic), ‘s e sin ri ràdh gu bheil iad stèidhichte air iarrtas. Ma tha gu leòr sùbailteachd agad a thaobh dè an latha agus dè an t-àm a tha thu airson siubhail, deagh sheansa gum faigh thu bargan. Ach mur eil mòran sùbailteachd agad, dh’fhaodte gum bi agad ri tiocaid air leth daor fhaighinn, gu sònraichte ma tha agad ri plèana fhaighinn aig àm gu math trang.

Dè an ìre is gum bu chòir dhan rathad-iarainn a bhith air a ruith mar bhus agus dè an ìre is gum bu chòir dha a bhith air a ruith mar chompanaidhean adhair?

Mus deach na rathaidean-iarainn a chur dhan roinn phrìobhaidich, bha iad nas coltaiche ri busaichean ach san latha a th’ ann, tha iad a’ fàs nas coltaiche ri plèanaichean.

Airson seirbheisean ionadail, tha an t-seirbheis fhathast gu math coltach ri busaichean. Tha na fàraidhean reusanta gu leòr agus chan eil ach dà sheòrsa tiocaid ann – peak (“anytime”) no off peak.

Tha cùisean nas toinnte le seirbheisean eadar-chathrach. Tha trì seòrsaichean tiocaid ann.

Tha tiocaidean anytime (i.e .peak) no off peak ann agus tha tiocaidean “advance” ann. Coltach ri plèanaichean, tha na tiocaidean advance a rèir iarrtais. Feumar an cur air dòigh ro làimh agus gheibh thu bargan ma tha thu sùbailte agus ma tha rabhadh gu leòr agad gum feum thu siubhail. Chan urrainn dhut an tiocaid a chleachdadh ach air an trèana air an do chlàraich thu, agus chan urrainn dhut àm an tiocaid atharrachadh.  

Bidh a’ mhòr-chuid de daoine a’ siubhail le tiocaidean advance. Tha off peak agus anytime gu math nas daoire na tiocaidean advance mar as trice – seo na fàraidhean “walk on” mar a gheibhadh tu air bus. Tha off peak daor gu leòr, ach is dòcha aig pris a dh’fhualaingeadh tu mur a robh roghainn sam bith eile agad. Tha anytime cho daor airson tursan fada is nach gabhadh tu an trèana idir. Gabhaidh na tiocaidean anytime is off peak a chleachadh air trèana sam bith, air an ruith le companaidh sam bith. Faodaidh tu do thuras a bhriseadh cuideachd. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ dol eadar Dùn Èideann is Lunnainn, faodaidh tu stad ann an York airson uair no dhà agus an uair sin cumail ort gu Lunainn.

Nis, eadar Dùn Èideann is Lunnainn aig an àm seo, ma chuireas tu tiocaid advance air dòigh tràth, is dòcha gum faigh thu faradh singilte air £30-40, is mur eil, gheibh thu prìs nas àirde, suas ri £87. Mur eil  sùbailteachd agad, agus ma thèid thu ann off peak, chosgadh e £87 an-dràsta. Ach nan robh agad ri trèana peak fhaighinn, chosgadh e £193.

Nuair a thig e gu h-aon is gu dhà, tha prìsean matha ann ma tha sùbailteachd agad agus tha na prìsean nas àirde mur a h-eil.

Seo far a bheil a’ chonnspaid a’ tighinn a-steach.

Tha LNER, a’ chompanaidh a tha a’ ruith prìomh-loidhne a’ Chosta an Ear, a tha air a ruith leis an roinn phoblaich, air deuchainn a chur air dòigh de shiostam tiocaidean ùra. Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson siostam nas sìmplidhe a thoirt a-staigh.

Tha iad a’ dol a chumail nan tiocaidean Advance agus Anytime ach tha iad a’ dol a chur às do thiocaidean Off Peak buileach glan. An àite nan tiocaidean Off Peak, tha iad a’ dol a thoirt a-staigh tiocaid ùr air a bheil “70 minute flex”. Leis an tiocaid ùr seo, bidh thu a’ clàradh airson trèana sònraichte, ach faodaidh tu an uair sin an trèana sin atharrachadh gu trèana sam bith eile – le LNER – a tha taobh a-staigh 70 mionaid air gach taobh de dh’àm na trèana agad – ach feumaidh tu seo a dhèanamh air app LNER. Bidh na tiocaidean seo nas daoire na tiocaidean advance, ach coltach ri advance, bidh na prìsean daidhnamaig agus bidh na h-àireamhan dhiubh a tha air an reic cuingichte.

Tha iad ag ràdh gu bheil seo nas sìmplidhe, ach dhomhsa – agus do shaoghail nan rathaidean-iarainn, nam measg the Man in Seat 61, Bus and Train User, Jen on the Move agus Every Last Station, tha iad nas toinnte, nas daoire agus builteach daoine a ghluasad bho na rathaidean-iarainn do phlèanaichean. Nas cudromaiche, tha iad den bheachd, gu bheil an Riaghaltas airson gluasad nas fhaisg air modal nam plèanaichean gus barrachd airgid a thogail agus gu bheil iad airson seo a sgaoileadh do chompanaidhean eile.

Chanainn fhèin gur e ceum air ais a tha seo. Mas e £87 a’ phrìs as àirde eadar Dùn Èideann is Lunnainn, bhithinn deònach a phàigheadh ann an suidheachadh èiginneach – ged a tha e daor. (Eadar a bhith a’ siubhal dhan phort-adhair agus a bhith a’ pàigheadh airson bagaichean air a’ phlèana, bhiodh na cosgaisean faisg air prìs a’ phlèana co-dhiù). Ach chosichinn eadar Dùn Èideann is Lunnainn mus pàighinn cha mhòr £200!

Chanadh LNER gu bheil a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh tiocaidean advance co-dhiù agus tha sin fìor. Ach feumaidh comas a bhith aig daoine fàradh “walk on” reusanta fhaighinn no bidh daoine dìreach a’ dràibheadh no a’ dol air a’ phlèana.

Is dòcha gun can cuid gur e seo na tha fa-near dhan Riaghaltas – tha còmhdhail rèile a’ sìor fhàs eadar Alba agus Lunnainn ach tha an dà phrìomh loidhne an WCML agus an ECML loma làn. Bha HS2 gu bhith ann gus fuasgladh a thoirt air seo agus gus barrachd comas-lìbhrigidh a chruthachadh gus an ruitheadh barrachd trèanaichean eadar tuath is deas. Cha tachair sin a-nis is chan eil rùm ann airson trèanaichean a bharrachd is mar sin, dh’fhaodte gu bheil an riaghaltas airson prìsean àrdachadh gus an t-iarrtas air còmhdhail rèile eadar tuath is deas a lùghdachadh.

Abair bùrach!

Tha LNER a’ sireadh bheachdan air na tiocaideaen ùra: https://www.lner.co.uk/simplerfares?utm_source=social&utm_medium=twitter&utm_campaign=socialcontent&utm_content=image&utm_term=300000886233255

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Responses to Eil trèanaichean nam busaichean no nam plèanaichean? Connspaid nan tiocaidean

  1. Pingback: LNER – “Loidhne Nach Èist Rinn” | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Sgrìobh beachd