Jimi Hendrix nan tiocaidean saora!

Anns a’ bhloga mu dheireadh agam, bha mi a-mach air tiocaidean trèana airson seirbheisean eadar-chathrach.

Thuirt mi an sin nach eil na prìsean cho dona ’s a tha daoine daonnan a’ cumail a-mach agus gu bheil barganan rim faighinn ma tha fhios agad ciamar a gheibhear iad.

Chan eil mi math air mòran rudan ach THA mi math air tiocaidean trèana saor fhaighinn. Is mise Jimi Hendrix nan tiocaidean saora!

Mise, às dèidh dhomh tiocaid fhaighinn eadar Glaschu is Aberystwyth air £34!

A. Vente, CC BY-SA 3.0 NL https://creativecommons.org/licenses/by-sa/3.0/nl/deed.en, via Wikimedia Commons

Seo beagan comhairle air mar a gheibhear na tiocaidean as saoire. Tha cuid aca follaiseach ach tha cuid eile nach eil.

Thoirt an aire: tha a’ chomhairle seo airson trèanaichean eadar-chathrach a-mhàin agus chan obraich iad uile airson trèanaichean ionadail no trèanaichean eadar Glaschu is Dùn Èideann (leis nach eil tiocaidean advance rim faighinn air na seirbheisean sin).

  • Cuir tiocaidean air dòigh ro làimh. Tha na faraidhean “walk on” uile gu math daor, gu sònraichte an fheadhainn peak (tiocaidean “anytime”) a tha air leth fhèin daor. Tha na tiocaidean a’ cleachdadh prìsean daidhnamaig coltach ri plèanaichean – prìsean a tha a’ dol an àirde a rèir iarrtais.
  • Faigh na tiocaidean cho luath ’s a ghabhas. Bidh tiocaidean advance rim faighinn 12 seachdain ron turas. Tha na tiocaidean a’ cleachdadh prìsean daidhnamaig coltach ri plèanaichean is mar sin, mar as luaithe ’s ann as fheàrr!
  • Faigh tiocaid à stèisean mòr. Ma tha an turas agad a’ tòiseachadh ann an stèisean faisg air a’ bhaile mhòr, na ceannaich tiocaid bhon stèisean ionadail agad airson an turais air fad – ceannaich tiocaid bhon phrìomh stèisean sa bhaile mhòr.

Can ma tha thu a’ fuireach ann an stèisean air loidhne suburbach dìreach taobh a-muigh Glaschu no Dùn Èideann, ceannaich an tiocaid à Glaschu no Dùn Èideann fhèin (Glaschu Mheadhan, Sràid na Banrighinn, Waverley no Margadh an Fheòir) seach bhon stèisean agad fhèin. Ged a bhios agad ri dà thiocaid a cheannaich eadar, can Cille Bhrìghde an Ear is Glaschu, agus Glaschu is Manchester bidh e gu math nas saoire mar as trice na bhith a’ ceannach tiocaid eadar Cille Bhrìghde an Ear agus Manchester.

Tha an aon rud fìor aig ceann eile na loidhne cuideachd. Mar sin, ma tha thu a’ dol bho Chile Bhrìghde an Ear gu Stockport, mar eisimpleir, mar as trice, bhiodh e tòrr na bu shaoire a bhith a’ ceannach trì tiocaidean: Cille Bhrìghde an Ear – Glaschu, Glaschu – Manchester, Manchester – Stockport seach a bhith a’ ceannach aon tiocaid airson Cille Bhìghde an Ear gu Stockport.

  • Cleachd tiocaidean split. Seo nuair a gheibh thu diofar thiocaidean airson diofar phàirtean den aon turais. Can ma tha thu ag iarraidh a dhol eadar Dùn Èideann agus Lunnainn, agus ma tha prìsean airson tiocaidean eadar an dà bhaile a’ coimhead gu math àrd, feuch làrach-lìn a nì spilt ticketing agus is  dòcha gum faigh thu rudeigin nas saoire. An àite aon tiocaid is dòcha gum faigheadh tu 3 no 4 ach bhiodh am prìs iomlan na bu shaoire. Tha seo ceadaichte agus ’s e an aon riaghailt gum feum an trèana (no na trèanaichean) agad a bhith a’ stad aig gach stèisean a tha a’ nochdadh air na tiocaidean. Chan fheum thu tighinn far na trèana aig na h-àiteachan sin idir, ge-tà!

    m.e. dh’fhaodte gum moladh làrach-lìn mar RailEasy gum bu chòir dhut tiocaid eadar DÈ agus Doncaster, tiocaid eadar Doncaster agus Peterborough agus tiocaid eile eadar Peterborough agus Lunnainn a cheannach seach aon tiocaid eadar DÈ agus Lunnainn.

    Tha seo uile a’ coimhead gu math toinnte, ach cumaidh na làraichean-lìn simplidh e agus innsidh iad dhut a h-uile rud mu na faraidhean is na trèanaichean. Is toil leam gu sònraichte: https://www.raileasy.co.uk/split-tickets/?/
  • Tha e nas saoire taobh Lunnainn. Ma tha tha a’ dol eadar Alba is iar-dheas Shasainn, a’ Chòrn no taobh deas na Cuimrigh, gu math tric, tha e nas saoire a bhith a’ dol ann taobh Lunnainn – ged a tha e a’ toirt nas fhaide.
  • Uaireannan tha trèanaichean prìomh-chlas nas saoire. Leis gu bheil prìsean daidhnamaig air tiocaidean advance, uaireannan thèid na prìsean air tiocaidean dàrna clas nas àirde na tiocaidean a’ chiad chlas. Mar sin, cùm sùil air na prìsean airson tiocaidean ciad clas.
  • Faigh Cairt Rèile mas urrainn dhut. Tha gu leòr diofar chairtean rèile ann agus leis a’ mhòr-chuid aca, gheibh thu 1/3 far na prìsean. Seo na prìomh chairtean agus gheibhear fios mun deidhinn uile aig: https://www.railcard.co.uk/about-railcards/.
  • Cleachd làraichean-lìn an asgaidh. Ma tha thu ag iarraidh tiocaid shìmplidh bho A gu B, cleachd làrach-lìn an-asgaidh. Faodaidh tu tiocaid sam bith air lìonra Bhreatainn a cheannaich bho chompanaidh tiocaidean sam bith agus gheibhear na h-aon faraidhean orra uile. Tha cìs aig companaidhean leithid an TrainLine airson a bhith a’ ceannach bhuapa is mar sin, tha e nas fheàrr a bhith gan seachnadh agus a’ cleachdadh làrach-lìn gun chosgaisean a bharrachd, leithid ScotRail. Chanainn ge-tà gu bheil e nas fheàrr làrach-lìn phàighte a chleachdadh airson tiocaidean split leis gu bheil tiocaidean split cho toinnte.
  • Cleachd an trèana oidhche. Ma tha thu a’ dol eadar Alba agus Lunnainn agus mur eil prìsean matha rim faighinn air trèanaichean tron latha, feuch an cadalaiche – an Caledonian Sleeper. Tha e gu math daor leabaidh fhaighinn air a’ Chadalaiche sna làithean seo ach tha e na prìsean fhathast farpaiseach airson a bhith a’ faighinn suidheachain air an trèana oidhche – mar as trice £50 à Glaschu no Dùn Èideann no £55 à Obar Dheathain, Inbhir Nis is An Gearastan. Tha e a’ sàbhaladh cosgaisean taigh-òsta cuideachd.
An Cadalaiche ann an Glaschu Mheadhain – Lunnainn 401 mìle
  • Na dèan seo! Uaireannan chì thu gu bheil e nas saoire a bhith a’ dol eadar, can Dùn Èideann is York na tha e a bhith a’ dol eadar Dùn Èideann is an Caisteal Nuadh. No gu bheil e nas saoire a bhith a’ dol eadar Glaschu is Inbhir Theòrsa na tha e a bhith a’ dol eadar Glaschu is Inbhir Nis. Tha seo mar thoradh air prìsean daineamaig. Gu mì-fhortanach, ge-tà, chan eil e ceadaichte a bhith “travelling short” m.e a bhith a’ ceannach tiocaid gu York ach a bhith a’ fàgail na trèana anns a’ Chaisteal Nuadh.   Mar sin, na dèan seo no bi agad ri tiocaid eile a cheannach!

    An dòchas gum bi seo feumail!

    Alasdair

    About alasdairmaccaluim

    Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
    Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

    1 Responses to Jimi Hendrix nan tiocaidean saora!

    1. Thuirt drronmccoy:

      Tha seo glè fheumail.! Mòran taing!!

      'S toil

    Sgrìobh beachd