Ceistean mòra mu chòmhdhail

Is toil leam a bhith a’ siubhal air còmhdhail phoblach agus tha tro na bliadhnaichean tha ceist no dhà air a bhith a’ cur orm.

A bheil freagairt aig duine sam bith do na ceistean seo?

  • Carson a tha stèiseanan bus daonnan cho grod? Le stèiseanan mòra air na rathaidean-iarainn, tha iad gu math tric mòr is spaideil is goireasach – no aig a’ chàr as lugha tha iad tioram is le mullach. Le stèiseanan bus, gu math tric, chan eil togalach sam bith ann agus mas as trice, tha iad fuar is grannda is gun ghoireasan sam bith. Ma tha sinn a’ meas còmhdhail bus/coidse cudromach, carson nach deach dad a dhèanamh gus stèiseanan bus tarraingeach a thogail? Tha an t-àm ann Waverley no St Pancras no Grand Central nam Busaichean a bhith againn!
  • Carson a tha e cho daor a dhol gu Puirt-adhair? Carson a tha faraidhean nas àirde airson a dhol gu Port-adhair air còmhdhail phoblach no air tagsaidhean? Chan eil e gu diofar cho faisg air a’ bhaile ’s a tha am port-adhair no gu bheil e nas saoire a bhith a’ dol gu àiteachan nas fhaide air falbh – tha e daonnan a’ cosg tòrr mòr airson a dhol dhan phort-adhair.

    An Dùn Èideann, thu turas singilte air an trama a’ cosg  £2. Tha an loidhne 11.5 mìle a dh’fhaid. Ma nì thu an 11m eadar Newhaven agus Ingliston, cosgaidh e £2. Ma thèid thu an 0.5 mìle dhan phort-adhair, cosgaidh e £5.50 a bharrachd! Agus chan e an trama a-mhàin a tha mar seo – tha a h-uile seòrsa còmhdhail mar seo. Carson?
  • Carson nach bi an trèana caidil a’ ruith Disathairne? Bidh an Caledonian Sleeper a’ ruith eadar Alba is Lunnnainn gach oidhche ach a-mhàin oidhche Shathairne. San àm a dh’fhalbh, tha mi cinnteach gun robh deagh adhbhar airson seo – bha an t-seirbheis ag amas air luchd-gnìomhachais agus mar sin, cha robh fèill air seirbheis oidhche Shathairne. Ach san latha an-diugh, chanainn gu bheil turasachd nas cudromaiche, tha pàtranan obrach nas sùbailte aig daoine agus bhithinn fhèin air a chleachdadh iomadh turas air an t-Sathairne nan robh i a’ ruith.  
  • Carson a tha e cho doirbh càraichean fhaighinn air mhàl Didòmhnaich? Is toil leam a bhith a’ tadhal air rathaidean-iarainn glèidhte. Tha tòrr aca nach eil fosgailte ach Didòmhnaich a-mhàin agus tha tòrr ann an àiteachan far nach eil còmhdhail phoblach ann. Cha toil leam a bhith a’ dràibheadh mas urrainn dhomh a sheachnadh agus ma tha an loidhn glèidhte fad air falbh, is fheàrr leam a bhith a’ dol air an trèana airson a’ mhòr-chuid den t-slighe agus an uair sin a’ faighinn càr air mhàl airson a’ chòrr den t-slighe (m.e. trèana gu Carlisle no Penrith agus càr an uair sin dhan South Tynedale Railway.) Ach tha e cha mhòr do-dhèante càr fhaighinn air mhàl air Didòmhnaich ann an àite sam bith, fiù ‘s ann am bailtean caran mòr.
Trama, Port-adhair Dhùn Èideann

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Ceistean mòra mu chòmhdhail

  1. Thuirt An Deireag:

    Deagh bheachdan air na duilgheadasan ris nach eil (tha e coltach) duine oifigeil sam bith a’ dèiligeadh an Alba.

    Agus, tha mi an amharas fhathast nach eil na trèanaichean a’ bualadh air na bàtaichean-aiseig agus nach eil na busaichean a’ bualadh air na trèanaichean le clàran-ama a’ co-chòrdadh ri chèile mar bu chòir.
    ‘S iomadh uair a ràinig Mallaig air an trèan agus a dh’amhairc mi air a’ bhàt’-aiseig a’ falbh a dh’Armadal mionaid no dhà mus do ruig an trèan…

    'S toil

  2. Tha thu cho ceart ri ceart a thaobh nan aiseagan. Chan eil mi a’ tuigsinn carson nach cuir iad na trèanaichean air dòigh fiù’s 15 mionaidean nas tràithe gu Malaig. Tha mise air a bhith fortanach – cha do chaill mi am bàta riamh – ach bha agam ri ruith gach turas agus tha mi daonnan a’ gabhail dragh fad na slighe à Glaschu air an trèana gun caill mi am bàta!!

    'S toil

Sgrìobh beachd