LNER – “Loidhne Nach Èist Rinn”

Bha mi a-mach air na droch atharrachaidhean a tha LNER air dèanamh air siostam nan tiocaidean bho chionn ghoirid, a tha a’ cur chosgaisean an àirde agus a’ cruthachadh siostam nas toinnte.

Azuma aig LNER, Kings Cross, Lunnainn

Tha an aon chompanaidh cuideachd a’ dèanamh co-chomhairle a-nis air gearraidhean air seirbheisean eadar Glaschu is Prìomh Loidhne a’ Chosta an Ear a bhios a’ tachairt san Dùbhlachd 2024.

Tha a’ mhòr-chuid de thrèanaichean gu Lunnainn a-mach à Glaschu a’ dol air Prìomh Loidhne a’ Chosta an Iar. (Glaschu – Carlisle – Preston – Crewe – Rugby – Lunnainn).

Ach tha beagan ann a tha a’ dol gu Lunnainn air Prìomh Loidhne a’ Chosta an Ear taobh Dhùn Èideann, An Caisteal Nuadh, York, Doncaster, Peterborough.

Ma tha thu a’ dol eadar Glaschu agus ear-tuath Shasainn, tha seo gu math feumail. Tha e tòrr nas fhasa  a bhith a’ glacadh trèana ann an Glaschu fhèin agus a’ dol gu dìreach seach a bhith a’ dol air trèana ScotRail eadar Glaschu is Dùn Èideann an toiseach agus a’ glacadh trèana eile an sin, gu sònraichte trath sa mhadainn no anmoch air an oidhche.

Tha mi air an cleachdadh airson a dhol gu Doncaster agus mar phàirt de thursan gu Sheffield am measg àiteachan eile.

Chaidh na seirbheisean a-mach a Glaschu a ghearradh mean air mhean agus chan eil mòran air fhàgail. Tha LNER a-nis a’ feuchainn ri cur às dhaibh.

Tha a’ chompanaidh cuideachd a’ moladh gearradh anns na seirbheisean a bhios a’ stad ann an Sruighlea.

Tha co-chomhairle a’ dol an-dràsta – deagh chothrom gus do bheachdan a thoirt a-steach. Is e 18 Màrt an ceann-latha mu dheireadh gus beachdan a chur a-steach.

Tha luchd-naidheachd is luchd-iomairt nan rathaidean-iarainn draghail mun dol a-mach aig LNER. Tha LNER san roinn phoblaich an-dràsta agus tha beachd ann gu bheil an Riaghaltas a’ toirt orra na h-atharrachaidhean air tiocaidean agus seirbheisean a thoirt a-steach gus airgead a shàbhaladh agus gu bheil iad am beachd na h-atharrachaidhean a sgaoileadh a-mach do na companaidhean rèile eile.  

Saoilidh mi gum bi na h-atharrachaidhean air seirbheisean agus tiocaidean aig LNER ag adhbharadh gluasadh modh – modal shift – ach gu mì-fhortanach, ’s ann air falbh bhon trèana is a dh’ionnsaich càraichean is plèanaichean a bhios e.

Ma th’ agam ri dhol air loidhne a’ Chosta an Ear, tha mi a’ dol a chleachadh Lumo, Cross Country no Transpennine Express gus an atharraich LNER am poileasaidhean – agus is bochd sin oir is fheàrr leam a bhith a’ cleachdadh seirbheisean san roinn phoblaich.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd