Train in Vain? Ainmean ùra Overground Lunnainn

Sa mhanifesto aige ann an 2021, gheall Sadiq Kahn, Mèar Lunnainn gun toireadh e ainm do gach loidhne air Overground Lunnainn. Gheibheadh gach loidhne dath ùr air a’ mhapa cuideachd.

Carson a bha seo a dhìth?

Tòiseachamaid le eachdraidh an Overground. ‘S a th’ ann ach loidhnichean rèile ann an Lunainn nach eil mar phàirt den Underground ach a tha a’ toirt seachad seirbheis meatro. Bha tòrr loidhnichean ann an meadhan agus iomall Lunnainn a bha nam pàirtean àbhaisteach den lìonra nàiseanta. Agus ged a bha iad ann an àiteachan gu math feumail, cha robh àireamhan an luchd-cleachdaidh uamhasach àrd agus cha robh cus co-òrdanachaidh eadarra.

Ann an 2007, chaidh cuid de na loidhichean Lunnainneach a ghabhail thairis le TfL agus chaidh an cur air bhog as ùr mar an London Overground. Bha trèanaichean ùra ann, bha barrachd sheirbheisean ann, chaidh na stèiseanan uile a ghlanadh agus a pheantadh agus chaidh branndadh Overground a chur orra uile agus b’ urrainnear cairtean Oyster a chleachdadh air na trèanaichean. Chaidh na loidhnichean a chur air mapa an tiùb cuideachd.

Bho Wiki Commons. Overground ann an 2007 (orains) le loidhnichean a chaidh a chur ris ann an 2010 (buidhe)

Shoirbhich leis an Overground gu mòr. Gu sònraichte, às dèidh do chearcall a bhith air an Overground timcheall air a’ bhaile gus am b’ urrainn do dhaoine siubhal air feadh Lunnainn gun a bhith a’ dol tron mheadhan.

Tha dath eadar-dhealaichte air gach loidhne air mapa an tiùb agus air a’ mhapa, bha an loidhne orains.

Ach shoirbhich leis an Overground chun na h-ìre is gun robh cus orains air a’ mhapa. Cha robh ann an tòiseach ach dhà loidhne ach chaidh barrachd is barrachd a chur riutha tro na bliadhnaichean. Bha daoine a’ faireachdainn gum bu chòir ainmean a bhith air gach loidhne fa leth mar a tha air tachairt air an Underground (Northern Line, Victoria Line 7c).

Tha Oifis a’ Mhèair a-nis air na molaidhean airson ainmean agus dathan nan loidhnichean fhoillseachadh.

Tha na h-ainmean stèidhichte air cultar agus eachdraidh Lunnainn seach a bhith air an ainmeachadh às dèidh sgìrean a tha air am frithealadh. San t-seagh sin, tha e coltach ris an Underground – tha an Central Line ann am meadhan Lunnainn ceart gu leòr, ach cha bhiodh fios agad bhon ainm Jubilee Line far a bheil e a’ dol mar eisimpleir.

Chan eil na pàipearan air an làimh dheas toilichte. Tha iad ag ràdh gu bheil na h-ainmean “woke” seach ‘s gu bheil iad a’ comharrachadh feamanachd, luchd-obrach is co-ionannachd is eile ach air an làimh eile, tha cuid eile ag ràdh gu bheil làn àm cùl a chur ri ainmean rìoghail den t-seòrsa a th’ air an Elizabeth Line, an Jubillee line agus mar sin air adhart.

 Agus taobh a-muigh cogadh a’ cultair, tha cuid ag ràdh gum bi e doirbh do dhaoine cuimhneachadh air sia ainmean ùra aig an aon àm mur eil ceangal sam bith aca ris na h-àiteachan a tha iad a’ frithealadh. Mar sin, tha cuid a’ faighneachd carson nach do chùm TfL na h-ainmean a bh’ aig BR air na loidhnichean: East London Line, Goblin Line (=Gospel Oak to Barking), West London Line, North London Line Watford DC line is mar sin air adhart.

Is toil leam na h-ainmean ùra ach saoilidh mi nam biodh e an urra rium gum bithinn air na loidhnichean ainmeachadh às dèidh buill den chòmhlan Lunnainneach sgoinneil, the Clash, agus Big Audio Dynamite, an còmhlan Lunnainneach sgoinneil a stèidhichte Mick Jones às dèidh dha the Clash fhàgail!

Dè do beachd fhèin air na h-ainmean is dathan ùra?

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd