An dàrna cas air an trèana agus a’ chas eile san uaigh: turas gu Inbhir Ùige

Bha co-latha-breith mòr agam aig deireadh a’ Ghearain is tha mi a’ faireachdainn gu math aosta a-nis.  Aig aois 50, tha faclan Peig Sayers a’ tighinn a-steach orm:

Seanfhear is ea mise anois go bhfuil cos léi insan uaigh is an chos eile ar a bruach!

Ach tha aon rud math mu bhith beò cho fada – sin gum faighear ballrachd Club 50 aig ScotRail. Gheibh thu lasachadh air tiocaidean (off peak) àbhaisteach agus a bharrachd air sin, gheibhear tiocaidean gu àite sam bith an Alba is air ais air air £17 airson beagan mhìosan tron bhliadhna.  (Mar as trice, sa Gheamhradh agus as t-Foghar).

Mar sin, cha b’ e ruith ach leum dhomh tiocaid a chur air dòigh gu … Inbhir Ùige!

Carson? Sin an stèisean as fhaide air falbh bhuam! Tha mi uamhasach dèidheil air Loidhne a Chinn a Tuath eadar Inbhir Nis agus Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige cuideachd agus ged a bha mi air an loidhne 4 no 5 tursan roimhe, cha robh mi ann an Inbhir Ùige ach aon turas agus bha mi airson barrachd fhaicinn den bhaile.

Chuir mi àite fuirich air dòigh air an oidhche agus fhuair mi càr air mhàl cuideachd – bha mi airson a dhol gu Rubha Dhunait – an t-àite as fhaide a tuath ann an Alba agus bha mi cuideachd airson faicinn na tha air fhàgail de sheann rathad-iarainn Inbhir Ùige is Liabost (Lybster) – 1903-44.

Mar as àbhaist, bha cùisean cànain air m’ aire nuair a bha mi a’ smaoineachadh air an turas gu Gallaibh.

An do mhothaich sibh riamh gu bheil beagan ainmean-àite ann far an can muinntir an àite ainm a’ bhaile no na sgìre aca rud beag eadar-dhealaichte ri daoine bhon taobh a-muigh? Chan eil mi a-mach air fuaimneachadh eadar-dhealaichte idir ach air cuideam eadar-dhealaichte.

Air an turas seo, mar eisimpleir, tha mi a’ dol gu Gallaibh. Caithness sa Bheurla. Canaidh na Gallaich CAITH-ness ris ach canaidh a h-uile duine eile Caith-NESS. Tha an aon rud fìor mu ghrunn àiteachan eile.

Muinntir an àiteA h-uile duine eile
CAITH-nessCaith-NESS
CAR-lisleCar-LISLE
New-CASTLENEW-Castle
Dun Dee (mar dhà fhacal)Dundee

Eil eisimpleir sam bith eile ann?

Ach, ge b’e mar a chanas sin Wingardium Leviosa, tha an trèana gu Cataibh is Gallaibh fìor mhath – agus gu math fada cuideachd.

Tha an turas fada gu leòr bho Inbhir Nis – 174 mìle, ach bha mise gu bhith a’ tòiseachadh ann an Glaschu. Mar sin, bha an turas gu bhith 355 mìle a dh’fhaid agus timcheall air 7.5 uairean a thìde.

Tha sin fada do chuid, ach dhomhsa, le leabhar, cofaidh is laptop, bha mi air mo dhòigh glan.

Ri leanntain….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd