A’ gabhail smùid air trèana smùid– Rathad-iarainn Inbhir Ùige agus Liabost

Chan eil ach aon rathad-iarainn ann an Gallaibh – Loidhne a’ Chinn a Tuath – agus tha sinn fortanach gu bheil sin againn às dèidh iomairt an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul) gus a dhùnadh. Ach an robh fhios agad gun robh meur loidhne eile ann uair?

Mus deach mi air an turas agam gu Gallaibh, rinn mi beagan mhapaichean de rathaidean-iarainn na siorrachd sa Ghàidhlig, a’ cleachdadh làrach-lìn Ainmean-àite na h-Alba.

An tòiseach, chithear lìonra Ghallaibh san latha an-diugh.

Bha tòrr a bharrachd stèiseanan ann ro 1960 agus chithear san mhapa gu h-ìosal iad. Cha bhiodh mòran dhaoine gan cleachdadh agus bha a’ mhòr-chuid a’ frithealadh bailtean fìor bheag. B’ e an t-aon stèisean a bha a’ frithealadh coimhearsnachd meadhanach mòr Hàcraig agus tha a’ bhuidheann Càirdean na Loidhne a Tuath airson ath fhosglaidh.

Ma thèid sinn air adhart nas fhaidhe fhathast buileach, bha meur-loidhne ann eadar Inbhir Ùige agus Liabost air costa an ear Ghallaibh. Chaidh seo a thogail mar rathad-iarainn aotrom (light railway) fo reachdas a bha a’ toirt seachad dòigh gus rathaidean-iarainn a stèidheachadh air cosgaisean na b’ ìsle agus le speac na bu shìmplidhe. Shaoil an Riaghaltas gun cuideachadh an Achd seo gus leasachadh a thoirt air sgìrean dùthchail aig nach robh rathad-iarainn fhathast.

Chaidh an loidhne seo fhosgladh ann an 1903 do luchd-siubhail agus bathair. ‘S ann air bathar as motha a bha e ag amas, ge-tà, gu h-àraid air iasgach an sgadain gus an t-iasg a chur gu deas air an trèana.

Cha robh an rathad-iarainn cho soirbheachail sa bha dùil. Thuit stoc an sgadain agus thàinig bhanaichean is làraidhean is busaichean a-steach às dèidh a’ chogaidh mhòr. Mar sin, cha do mhair an rathad iarainn ach gu 1944.

Bha an loidhne gu math feumail airson aon rud sònraichte, ge-tà – deoch làidir. Bha an gluasad temperance gu math làidir aig tòiseach na 20mh linn agus bha Inbhir Ùige na bhaile tioram eadar 1922 gus 1947. Cha robh a h-uile duine sa bhaile toilichte le seo, ge-tà agus bhiodh daoine à Inbhir Ùige a’ gabhail na trèana gu Liabost far an robh e fhathast furasta deochag a cheannach anns a’ bhùth no anns an taigh-seinnse!

Às dèidh dhomh leughadh mun loidhne seo, bha mi airson faicinn na bha air fhàgail dhith. Mar sin, bha mi air càr fhaighinn air mhal agus cho luath ’s a ràining mi Inbhir Ùige, thog mi an càr agus rinn mi air Thrumster agus Liabost.

Seann Stèisean Thrumster, Gallaibh
Stèisean Thrumster

Chaidh stèisean Thrumster ath-sgeadachadh leis a’ choimhearsnachd agus tha e dìreach àlainn.

Is toil leam na h-ainmean Lochlannach air na bailtean beaga – Thrumster agus Bilbster agus Occumster agus mar sin air adhart!Chunnaic mi baile faisg air Liabost (Lysbter) leis an ainm sgoinneil Stroupster. Shaoil mi gun robh sin coltachd ri far-ainm Gàidhlig a bhiodh air cuideigin a tha fada ro dhèidheil air teatha. (“Cuir an t-Earl Grey uile air falach – tha an Srùbstair a’ tighinn!)

Às dèidh dealbh no dha a thogail, rinn mi air Liabost. ‘S e baile planaichte a th’ ann, coltach ri Inbhir Theòrsa, le coltas gu math Georgian air. Agus ged is e baile gu math beag a th’ ann a thaobh àireamh sluaigh, tha na sràidean leathan agus mòr. Is bochd nach bidh sinn a’ togail sràidean is bailtean san aon dòigh an-diugh.

Tha togalach stèisean Liabost fhathast ann, agus e a-nis na thaigh-chlub airson cùrsa goilf a‘ bhaile.  

Togalach an t-seann stèisein, Liabost
Togalach Stèisean Liabost

Chòrd e rium glan a bhith a’ dràibheadh air rathaidean Ghallaibh le na mòintich agus na lochan agus na cruinn-gaoithe. Tha e fìor mhath gu bheil an sgìre cho làdir a thaobh cumhachd ath-nuadhachail.

Às dèidh turas 4 uair a thìde air an trèana, bha mi feumach air fois. Mus deach mi dhan taigh-òsta agam, ge-tà, chaidh mi dhan Cho-op gus dèanamh cinnteach nach robh Inbhir Ùige “tioram” tuilleadh. Gu fòrtanach, cha robh agus fhuair mi botal fìon!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd