
Stèisean Àthfort
B’ e an rathad-iarainn mu dheireadh air an turas agam don ear-thuath Rathad-iarainn Àthfort no Alford Valley Railway.
Is e rathad-iarainn caol-ghèidse (2′) a tha seo a tha a’ ruith eadar seann stèisean Àthford gu Pàirc Dùthchail Haughton. Is e slighe lùbach annasach a th’ ann oir ged a tha e a’ tòiseachadh anns an stèisean, chan eil e a’ leanntainn làraich na seann-loidhne a dh’ionnsaigh Obar Dheathain (a chaidh a dhùnadh le Beeching) idir. An àite seo, tha e a’ dol gu tuath tro mheadhan raon-goilf, thàiris air rathad poblach is a-steach do phàirc. Tha e mu mhìle a dh’fhaide uile gu lèir.
Tha an trèana car annasach cuideachd oir is e loco diesel le coltas loco smùid a bhios iad a’ cleachdadh agus tha iad cuideachd a’ cleachdadh seann trama Obar Dheathain mar charaiste.
Rud eile a bha annasach mu dheidhinn, ’s e sin gun robh deugairean a’ dràibheadh agus a’ stiùireadh na trèana. Bha e coltach ri fear de na rathaidean-iarainn sgoinneil aig na Pioneers Sòisealach sa Ghearmailt an Ear!
Dh’fhosgail an loidhne bheag shnog seo ann an 1979 ach cha chuireadh e iongnadh orm mur a ruigeadh e a 35mh ceann-bliadhna oir bha an taisbeanadh mun rathad-iarainn san stèisean dùinte agus bha lusan gu leòr a’ fàs air an loidhne. Bha e follaiseach gun robh beagan TLC a dhìth air.
B’ fheuch e tadhal air Rathad-iarainn Àthford ach dean gu luath e air eagal’s nach mair e….
Tha Taigh-tasgaidh Còmhdhail Roinn a’ Mhonaidh air taobh eile na sràid cuideachd far a bheil rudan ann a chòrdas ri daoine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean is tràmaichean.

Parkeisenbahn Wuhlheide, Ost Berlin.