NIR: an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal! (3) #gaidhlig #translink #NIR

Aig deireadh mo chiad oidhche an Èireann a Tuath, chaidh mi airson deoch sa Chrown le mo charaid gaisgeil Rob Dunbar. Bha deach oidhche againn ach dhùisg mi aig 4.30m leis an alcoholic’s false dawn orm…

Bha mo cheann rud beag goirt agus cha robh a’ cho-labhairt agam gu bhith tòiseachadh gu 10m is mar sin cha robh ach aon rud ri dhèanamh – trèana a ghabhail!

Choisich mi eadar an taigh-òsta agam agus Stèisean Bheál Feirste Meadhain agus fhuair mi a’ chiad trèana gu An Baile Meanach (Ballymena) aig 05.45. Bha e dubh dorcha ach bha mi dòchasach gun èireadh a’ ghrian fhad’s a bha mi air an turas agus gum faighinn cothrom Loch nEathach (Lough Neagh) fhaicinn. Bha mi ceàrr: chan fhaca mi sìon agus bha e fhathast dubh dorcha nuair a thàinig mi far na trèana ann an Great Victoria Street….

Chaidh mi dhan cho-labhairt an uair sin far an do dh’ionnsaich mi tòrr mun iomairt airson Achd Gaeilge agus mun reachdas ùr aig a’ Chuimris.  Cha robh tìde agam a dhol air trèana sam bith eile air an latha sin ach bha fìor dheagh latha agam.

Air an turas dhachaigh, bha an dràibhear tacsaidh agam uamhasach laghach agus bha deagh chuimhne aige air tramaichean is busaichean-tràilidh Bheál Feirste. Bha mi ag innse seo dhan Phroif Colin Williams à Oilthigh Caerdydd san taigh-òsta feasgair agus dh’innse e dhomh gun robh deagh chuimhne aige air busaichean-tràilidh Caerdydd. Chan eil fhios agam an robh seo glic, ach thug sin orm am beachd connspaideach agam air dè a dh’adbhraich na trioblaidean ann an Èireann a Tuath innse dhan a h-uile duine: busaichean-tràilidh. Bha siostam busaichean-tràilidh mòr sgoinneil ann am Beál Feirste ach dhùin e ann an 1968 agus thòisich na trioblaidean air an ath bhliadhna. Feumaidh nach e co-thuiteamas (coincidence) a tha sin!

 

Bus-tràilidh Bheal Feirste

 

Air an Diardaoin, bha turas agam gu Seanadh Èirinn a Tuath (Tionól Thuaisceart Éireann) ann an Stormont. Bha e fìor mhath agus ionnsaich mi tòrr.

Bha mi deiseil aig mu àm lòn agus chuir mi an uair sin tacsaidh air dòigh eadar an Seanadh agus Stèisean a’ Mheadhain ann am Beál Feirste. “Dè an trèana a bhios tu a’ gabhail” arsa an dràibhear. “Deagh cheist: chan eil fhios agam”, thuirt mi: “eil moladh sam bith agad”.

“Tha” arsa e. “Na rach a Latharna no Port an Dúnain idir!”

Cho-dhùin mi gun robh mi airson a dhol gu Doire oir a rèir Michael Palin, is e Beál Feirste gu Doire fear de na tursan rèile as fheàrr san t-saoghal. Gu mì-fhortanach, bha an treàna dìreach a’ fagail an stèisein nuair a ràinig mi is mar sin, stad mi airson cofaidh is ceapaire agus leugh mi an Irish News fhad’s a bha mi a’ smaoineachadh air an ath cheum.

Às dèidh caffeine, cho-dhùin mi gum bu chòir dhomh a dhol gu Taigh-tasgaidh Pobal is Còmdhail Uladh (Ulster Folk and Transport Museum) ann an Cúl Trá. Mar sin, ghabh mi trèana Bheannchar gu Cúl Trá.

 

Cul Tra

Cul Tra

 

Nuair a ràinig mi an stèisean, cha robh e idir follaiseach far an robh an t-slighe dhan taigh-tasgaidh. Dh’fhaighnich stiùiriche na trèana far an robh mi a’ dol agus dh’innse i dhomh far am bu chòir dhomh a dhol. Sin rud eile a bha uamhasach fhèin follaiseach mu NIR, gun robh an luchd-obrach uile uamhasach fhèin càirdeil cuideachail. Air a’ chiad trèana agam ann an Èireann a Tuath, thuirt mi ri stiùiriche na trèana gun robh mi a’ feuchainn ri dhol air a h-uile loidhne rèile san Tuaisceart. “Sgoinneil” ars esan, “ach cha bhodraiginn le Port an Dúnain – fìor dump a th’ ann!”

Tha Taigh-tasgaidh na Còmhdhail math fhèin agus mholainn gu mòr e. Tha diofar gailearaidhean ann – rèile, tramaichean, càraichean, an Titanic agus eile. ‘S e gailearaidh nan trèanaichean is nan tramaichean a b’fheàrr leam le tòrr mòr thrèanaichean agus tòrr taisbeanaidhean mu eachdraidh is eachdraidh shòisealta còmhdhail Uladh agus na h-Èireann san fharsaingeachd. Is e “Ulaidh” seach “Èireann a Tuath” a th’ air an Taigh-tasgaidh agus tha sin gu math iomchaidh oir tha tòrr rudan ann a bhuineas ri Tír Chonaill/Dún na nGall sa Phoblachd a bharrachd air “na Sia Siorrachdan” fhèin.

Tha bus-tràilidh Bheál Feirsteach ann a bharrachd air dà thrama às a bhaile agus tramaichean eile a BÁC, an tIúr, Clochán an Aifir (Giants Causeway) agus Fionntamhnach (Finonta). Ann an gailearaidh nan rathad-iarainn tha tòrr ann bhon “Mhuc Dhubh” no “Co. Donegal Railways Joint Committee” mar a chanas iad ris sa chànain eile.

‘S e briseadh dùil mòr a bh’ ann an Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne an Glaschu do chuid oir tha barrachd cuideam air eachdraidh shòisealta agus foghlam na tha air a’ chòmhdhail fhèin agus cha robh rùm gu leòr ann airson cuid de na tramaichean is trèanaichean a bha san t-seann taigh-tasgaidh còmhdhail. Thachair an aon rud ann an Taigh-tasgaidh Còmhdhail Lunnainn. Tha Cúl Trá a’ cur an dà chuid còmhla – tha eachdraidh sòisealta ann agus tòrr ann dhan chloinn, do sgoiltean agus do luchd-turais aig nach eil ùidh shònraichte sa chuspair agus tha e ruigsinneach dhan a h-uile duine ach aig an aon àm, tha tramaichean is trèanaichean is busaichean-tràilidh ann agus faodaidh tu coimhead orra agus ionnsachadh mun deidhinn eu-choltach ri taigh-tasgaidh Ghlaschu.

Agus leis a sin, chaidh mi air ais gu Beál Feirste airson an turais mu dheireadh gus am bus agam fhaighinn air ais gu Port-adhair Gary Moore Eadar-nàiseanta.

An robh Gaeilge sam bi ri faicinn san t-siostam còmhdhail? Bha, beagan. Tha soidhne fàilte ioma-chànanach air a bheil “Fáilte” an toiseach ann an Stèisean a’ Mheadhain agus tha beagan Gaeilge san Europa Bus Centre cuideachd. Tha bileag Gaeilge aig Translink cuideachd agus cha robh duilgheadas sam bith agam a lorg san stèisean. Chunnaic mi bus cuideachd a’ tighinn à Bothar na BhFhall agus bha na soidhnichean dealain air sa Ghaeilge. Adhartas dha-rìribh ach tha tòrr a bharrachd a dhìth ann am Baile Mòr na Gaeilge!

 

 

Fàilte gu Beal Feirste

Fàilte gu Beal Feirste

 

NIR abú!

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, rathaidean-iarainn, tramaichean agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to NIR: an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal! (3) #gaidhlig #translink #NIR

  1. Thuirt Gun urra:

    Is e a h-aon rud a tha dith air NIR nam bheachdsa, nach eil bordan-ainm na steisean da chananach. Nuair a bhithinn nam chomutadh eadar Bail’ A’ Cliatha is A’ Chaoil, b’fhearr leam nan robh “slighe Gaeilic” soillear fad an rathaid. Cha tachair e a nis mur teid ath-thogail air an rathad-iarainn a mach gu Carn Rian- rud nach tachair.

    'S toil

  2. Tha thu glè cheart a charaid. Bu chòir dhuinn sgrìobhadh gu Translink leis a’ mholadh seo!

    feedback@translink.co.uk

    'S toil

  3. Pingback: Èirinn a Tuath 4: Iarnród Chlochán an Aifir is Mhuileann na Buaise #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Sgrìobh beachd