Turas don Chuimrigh #gaidhlig #llandudno #cymru

Tha mi a’ dol air turas trèana air leth fhèin math Disathairne seo a tha a’ gabhail a-steach na trì rudan as fheàrr leam san t-saoghal: mion-chànanan, tramaichean agus chips!

Seadh, tha mi a’ dol dhan Chuimrigh air turas latha gu Llandudno air turas aig Comann Glèidheachais Rèile na h-Alba (SRPS).

Bidh sinn a’ fàgail an “Loch a Tuath” (D.E Waverley) aig 07:56 agus ruigidh sinn Chester (no Cair anns a’ Chuimris) aig 12.32 agus Llandudno aig 13:28.

Agus an uair sin, bidh 3 uairean gu leth againn an Llandudno. Às dèidh stad airson beagan chips, tha mi a’ dol air Tramffordd y Gogarth – slighe-trama an Great Orme. ‘S e trama-càbaill furnicular a tha seo a tha a’ sreap os cionn baile Llandudno. Tha e car coltach ris na tramaichean a chithear ann an San Fransisco – ach na cool!

Ruigidh sinn an Loch a Tuath a-rithist aig 22.25 – latha fada ach fìor mhath. 662 mìle uile gu lèir!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd