’S e rathad-iarainn beag annasach a th’ anns an Docklands Light Railway – DLR. Tha coltas rollercoaster air tòrr den loidhne seo a tha air leth cas is lùbach agus, nas neònaiche buileach, aig nach eil dràibhearan air na trèanaichean idir.

An DLR – Stratford Eadar-nàiseanta
Chaidh an DLR fhosgladh an tòiseach ann an 1987 gus na seann docaichean ann an taobh an ear Lunnainn ath-bheothachadh. Cha robh ach aon loidhne ann aig an àm – Tower Gateway gu Island Gardens ach chan ann mar sin a tha cùisean san latha a th’ ann an-diugh oir bhon uair sin, tha an lìonra air fàs gu mòr air a h-uile taobh is tha e còrr is 30 mìle a dh’fhaid.
‘S e am plana a bh’ agam a dhol air turas goirid air an DLR agus an uair sin a dhol air air an tiùb gu Epping ach nuair a ràinig mi Canning Town, bha teachdaireachd ann air an tannoy bho “ghuth nam mysteron” ag ràdh “The Central Line is subject to serious delays due to a person under a train”!
Mar sin, cho-dhùin mi gun robh mi airson barrachd den DLR fhaicinn. Thòisich an turas agam ann am Bank. Thàinig mi gu Bank an tòiseach air an Drain – the Waterloo and City Line, loidhne tiùb gu math annasach nach eil ach mìle gu leth a dh’fhaid agus aig nach eil dà stèisean – Waterloo agus Bank. Ged nach eil i fada, ge-tà, tha i trang oir bidh i a’ ceangal daoine a tha a’ fuireach air taobh deas a’ bhaile gu Banca Shasainn is Cathair Lunnainn. Bha an Drain le BR gu 1994 agus tha caractar aice a tha gu math eadar-dhealaichte bhon chòrr den tiub fhathast.

An Drain, The Waterloo and City Line
Ghlac mi an DLR aig Bank agus rinn mi air Canary Wharf far am faca mi na toglaichean mòra ainmeil a chithear cho tric air an TBh. Rinn mi an uair sin air taobh tuath a bhaile gu Stratford is Stratford International seachad air stadium nan Geamaichean Oilimpigeach. Tha cha mhòr a h-uile rud san sgìre seo den bhaile air ùr-thogail as dèidh nan geamaichean agus tha tòrr mòr obair togail fhathast a’ dol air adhart.
Shaoil mi gum biodh na trèanaichean caran slaodach is nach b’e fìor thrèanaichean a bh’ annta seach ’s nach robh dràibhearan aca is seach gun robh na loidhnichean cho fìor lùbach cas. ’S ann a bha mi fada ceàrr. Tha na trèanaichean beaga gu math gu math luath. Tha iad cuideachd a’ toirt dhut deagh shealladh den bhaile oir tha tòrr den t-siostam stèidhichte gu h-àrd air drochaidean concraid. Faodaidh tu suidhe far am biodh dràibhear ann an trèana àbhaisteach cuideachd agus fìor dheagh shealladh fhaighinn den t-slighe air thoiseach ort.

Trèana DLR a’ dol seachad air Oilthigh Lunnainn an Ear
Chaidh mi gu deas gu stèisean Royal Victoria air an loidhne eadar Stratford Eadar-nàiseanta agus Beckton. Bha ceanglaichean ciùil ann a-rithist oir tha an loidhne seo a’ dol tro Abbey Road. Chan eil stiùdio Abbey Road faisg air seo idir ach thug e orm smaoineachadh air na clàran sgoinneil a chaidh a chlàradh ann co-dhiù, a’ gabhail a-steach Dark Side of the Moon le Pink Floyd cho math ri clàr ainmeil aig a’ chòmhlan sgriosail ud a Liverpool nach ainmich mi.
Aig Royal Victoria, chaidh mi a-nall dhan Emirates Air-line, an càr-càbaill ùr a tha dol tarsaing air an Thames. Leugh mi mu dheidhinn nuair a dh’fhosgail e agus cho-dhùin mi gun robh mi airson a dhol air – dhìochuimhnich mi gun robh an t-eagal mòr orm ro bhith 200 meatair an àird os cionn na talmhainn ann am builgean beag cugallach! Thagh mi latha gu math gaothach airson an turais cuideachd. Bha eagal dearg mo bheatha orm fad na slighe ach feumaidh mi aideachadh gun do chòrd e rium a dh’aindeoin sin.

Emirates Air-line Lunnainn
Às dèidh srùbag ann an Dòm na Mìle Bliadhna – an O2 Arena mar a th’ air a-nis – rinn mi air meadhan a’ bhaile air an Jubilee Line Extension. ’S e loidhne caran dorcha a tha seo oir tha a h-uile rud air a pheantadh dubh.
Chòrd an DLR rium an uiread is gun deach mi air ais air an ath latha airson turais gu Beckton is air ais. ’S e meatro beag sgoinneil a tha seo is bu chòir fear a bhith anns gach cathair! (Eil sibh a’ leughadh seo comhairle Bhaile Ghlaschu is Riaghaltas na h-Alba?!)
An turas agam: Dimàirt 29/01/13 – Waterloo-Bank (Waterloo & City), Bank-Canada Wharf-Stratford-Stratford International-Royal Victoria (DLR), Emirates Royal Docks-Emirates Greenwich (Emirates Air-line), North Greenwich-Waterloo (Jubilee Line). Diciadain 30/01/13: Tower Gateway – Beckton, Beckton-Canning Town (DLR), Canning Town – Waterloo (Jubilee Line), Waterloo-Euston (Northern Line), EUS-GLC, GLC-DUM.
Alasdair