Ma tha ùidh agad ann an còmhdhail cheangailte, bu chòir dhut dhol air turas gu Eilean Wight ann an ton Shasainn.
Airson a dhol dhan eilean air an trèana, gheibh thu tiocaid a tha a’ gabhail a-steach an dà chuid an trèana, am bàta agus/no am bàta-foluaimein (hovercraft) agus fiù’s an rathad-iarainn air an eilean.
Chaidh mi ann tro Portsmouth far a bheil an stèisean-rèile ri taobh port na h-aiseig is stèisean a’ bhus agus far a bheil busaichean luath, saor is cunbhalach ann do phort nam bàta-foluaimein ann an Southsea.

Portsmouth
Ann an Eilean Wight fhèin, tha stèisean nam busaichean ann an Ryde ri taobh na stèisean rèile (Ryde Esplanade) agus tha seirbhis bhusaichean sgoinneil ann a tha luath is sìmplidh le busaichean ann gach leth-uair a thìde air a mhòr chuid de na slighean. Tha na busaichean uile gu math ùr is glan cuideachd is tha e na thoileachas a bhith a’ siubhal orra. Gheibhear tiocaidean 24 uair a thìde airson nam busaichean uile air £10 agus tiocaid rèile fad latha air £5, fìor dheagh bhargan airson an eilein fhaicinn.

An trèana air a’ chidhe eadar port nan aiseag agus prìomh stèisean bus an eilein
Chaidh mi air a bhus bho Shanklin gu Ventnor is an uair sin air adhart gu prìomh bhaile an eilein, Newport (mar Cymru-phile bha e doibh dhomh gun a bhith a’ cantainn “Casnewydd” ris!) far a bheil stèisean bus ùr-nodha ann. Chaidh mi an uair sin gu Yarmouth far a bheil stèisean nam bus ri taobh port nam bàtaichean-aiseig.
Ann an Yarmouth cuideachd, cheannaich mi tiocaid a bha a’ gabhail a-steach an dà-chuid am bàta gu Lymington agus an trèana eadar Lymington is Portsmouth far an do ghlac mi an trèana agam air ais do Lunnainn. Gheibhear deagh sheallaidhean den New Forest bhon trèana seo – smaoinich air Raineach le beagan chraobhan an siud ’s an seo!

Stèisean Lymington Pier
’S e deagh àite a th’ anns an eilean airson a bhith a’ coiseachd no a’ dol air baidseagal cuideachd. Bha lìonra rèile mòr san eilean uair agus ’s e slighean coiseachd no baidhg a th’ ann an tòrr de na seann làraichean a-nis.
Tha “biadh ceangailte” san Eilean cuideachd le cafè snog ann an Stèisean Sandown. Seo a’ chiad àite far an do bhruidhinn mi ri duine sam bith bho ràinig mi Sasainn agus cò às a bha fear a’ chafe? Siorrachd Lannraig a Tuath! A dh’aindeoin seo, agus gu fortanach, cha robh Bucky air a’ chlàr-bìdh, dìreach deagh bhiadh agus bha deagh srùbag agam ann.

Clas 483 ann an Sandown, far nach fhaighear Bucky..
Chòrd an turas gu Vectis rium glan agus uile gu lèir, rinn mi 1111 mìle agus 52 slabhraidhean.
Alasdair
Air m’ ipod: Jimi Hendrix Live at Woodstock (8/10). (Cha robh Live at the Isle of Wight Festival 1970 agam!).
An turas agam air ais: Shanklin-Ryde (Bus), Ryde Pier Head-Sandown (trèana), Sandown-Shanklin (trèana), Shanklin-Ventnor-Newport (bus), Newport-Yarmouth (bus), Yarmouth-Lymington (aiseag), Lyminton-Brockenhurst-Southampton Central-Portsmouth & Southsea (trèana), Portsmouth & Southsea – Lunnainn Victoria (trèana), an Victoria line air fad (tiub), Lunnainn Euston-Glaschu Mheadhain, Glaschu Mheadhain-An Dùn Breac.
Railmiles (an turas air fad): 1111 mìle agus 52 slabhraidhean.
Pingback: Sàbhail Rathad-iarainn an Eilein! #gàidhlig #IOW | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean