Chaidh sinn air saor-làithean gu Èirinn a Tuath am-bliadhna.
Tha mi uamhasach deidheil air ceann a tuath na h-Èireann. Tha tòrr mun sgìre a tha coltach ri Alba, rudan eile a tha coltach ri Poblachd na h-Èireann agus rudan eile a tha air leth is nach fhaic thu ann an àite sam bith eile ach Èirinn a Tuath fhèin.

Trèana NIR ann am Port Rois
Am measg nan rudan air leth seo, tha an NIR – Northern Ireland Railways – an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal. Chan eil e seo na phàirt den lìonra aig Network Rail no den lìonra aig Iarnród Éireann anns a’ phoblachd nas motha. Tha NIR le Riaghaltas Èireann a Tuath agus tha e gu tùr san roinn phoblaich eu-choltach ri rathaidean-iarainn GB.
’S e lìonra beag ach brèagha a tha seo le ceithir loidhnichean eadar Bheál Feairste agus Doire, Beannchar (Bangor), Latharna (Larne), Port an Dúnain (Portadown)/Baile Átha Cliath agus le meur-loidhne bheag eadar Cúil Raithin (Coleraine) air loidhne Dhoire agus baile snog Port Rois (Port Rois) air a’ chosta.

Stèisean Chúil Raithin
Ma leughas tu leabhar no cunntas-beachd sam bith mu na tursan rèile as fheàrr san t-saoghal, bidh dà loidhne daonnan a’ nochdadh anns a’ phrìomh deich – Loidhne na Gàidhealtachd an Iar ann an Alba (Glaschu-An Gearasdan/Malaig) agus an loidhne bho Chúl Rathain gu Doire Chaluim Chille ann an Èirinn.
Tha loidhne Dhoire ainmeil air feadh an t-saoghail mar thoradh air na seallaidhean sgoinneil de thràighean mòra brèagha, aibhnichean àlainn – an Feabhal (Foyle) agus an Bhanna (Bann), beanntan uaine agus le deagh sheallaidhean de dh’Innis Eoghain ann an Dún na nGall air taobh eile Loch Loch Feabhail.
Rinn Michael Palin an turas ann an Great Railway Journeys of the World sna 1990an agus rinn Michael Portillo e ann an Great British Railway Journeys cuideachd bho chionn bliadhna no dhà.
Rinn mi an turas bho Phort Rois gu Cúil Raithin agus bho Chúil Raithin gu Doire air latha brèagha samhraidh bho chionn dà sheachdain agus bha e a cheart cho math sa bha an dà Mhìcheal a’ cumail a-mach. Chan e a-mhàin gun robh an t-slighe fhèin math fhèin, tha air conditioning air gach trèana aig NIR – rud air an robh sinn gu math feumach agus e 27° air an taobh a-muigh – cho math ri wifi. Seo cuid de na dealbhan agam bhon trèana.
Ach ged a tha an rathad-iarainn seo ainmeil agus e cuideachd a’ ceangal an dà bhaile as cudromaiche ann an Èirinn a Tuath – Beál Feirste is Doire, bha fìor chunnart ann aig toiseach nan 2000an gun rachadh a dhùnadh –cho math ris an loidhne eadar Beál Feirste is port cudromach Latharna.
Ciamar a thachair seo?
Às dèidh ginealach de na Trioblaidean agus còrr is deich air fhichead bliadhna gun mòran airgead a bhith air a chosg air na rathaidean-iarainn idir, bha a h-uile rud dìreach a’ tuiteam às a’ chèile. Bha an trac aosta is cugallach agus bha na trèanaichean fhèin ann am fìor dhroch staid. Bha ceistean ann a thaobh sàbhailteachd tron lìonra air fad agus bha àireamh nan cleachdaidhean a’ sìor thuiteam.

Stèisean Doire Taobh an Uisce (Derry Waterside) – ro lom agus ro bheag airson baile mòr
Bha cùisean a’ coimhead dubh dorcha airson an NIR ach gu fortanach, goirid às dèidh stèidheachadh Seanadh Èireann a Tuath, chaidh iomairt làidir a chur air dòigh le taic an dà chuid bho na pàrtaidhean nàiseantach agus bho phàrtaidhean an aonaidh agus mu dheireadh, chaidh trèanaichean ùra a cheannach bho Dhùthaich nam Basgach. Chaidh an trac ùrachadh cuideachd agus chaidh tòrr de na stèisean a sgeadachadh. Mar sin, ma thèid thu air an lìonra rèile ann an Èirinn a Tuath an-diugh, chì thu gu bheil a h-uile rud spaideil ùr.
Bho chaidh na trèanaichean ùra a cheannach, tha àireamhan luchd-cleachdaidh na rèile ann an Èirinn a Tuath air sìor èirigh.
Chaidh an rathad-iarainn eadar Cúil Raithin is Doire a dhùnadh fad sia miosan a’ bhon-uiridh mar phàirt den obair ùrachaidh air an lìonra. A dh’aindeoin seo, ge-tà, tha luchd-iomairt ann an Contae Dhoire fhathast den bheachd gu bheil barrachd ri dhèanamh. Sa chiad dol a-mach, tha an turas a’ toirt nas fhaide air an trèana na air a’ bhus agus cuideachd, chan eil ach aon trèana ann gach dà uair a thìde. Tha barrachd trac dùbailte agus lùban-seachnaidh a dhìth gus am bi an turas nas luaithe agus gus an ruith barrachd trèanaichean air an loidhne chudromaich seo.

Seann stèisean agus, is dòcha, stèisean ùr Doire Taobh an Uisce.
San darna àite, tha feum air stèisean ùr dhan bhaile. Chaidh an stèisean Bhictorianach mòr ann an Doire a dhùnadh ann an 1980 agus chaidh stèisean beag a chur na àite. Tha e a-nis ro bheag agus tha iomairt ann gus na trèanaichean a thoirt air adhart dhan t-seann stèisean.
Gur math a thèid leis na h-iomairtean seo.
Alasdair