Underground, Overground, a’ Womblaigeadh saor! #gàidhlig #lunnainn

Bidh sinn a’ dol air turas gu Lunnainn leis an teaghlach nas fhaide air a’ mhìos seo. Bidh sinn a’ tadhal air caraid agus a’ dèanamh nan rudan àbhaisteach a nì luchd-turais. 

Tha ùidh mhòr agam ann an tiomnadh cùmhachd (fèin-riaghladh) agus mar sin tha mi airson Seanadh Lunnainn fhaicinn fhad’s a bhios mi ann cuideachd.

Ach tha mi cinnteach gum bi tìde ann airson turas rèile no dhà cuideachd. Gu dearbh, tha mi an dùil mo chairt Oyster a chleachdadh gus an leagh mi e!

 

Mamaidh Oyster, Dadaidh Oyster agus Bèibidh Oyster!

Mamaidh Oyster, Dadaidh Oyster agus Bèibidh Oyster!

An turas mu dheireadh a bha mi ann, rinn mi an DLR air fad, an Emirates Airline agus Loidhne Lunnainn an Ear (a bha uair san Underground ach a tha a-nis san Overground). Tha mi cuideachd air cuid de London Tramlink agus air an Waterloo and City Line agus an Victoria Line air fad a dhèanamh.

 

An DLR aig Royal Victoria

Ceist do na Lunnanaich – dè na rathaidean-iarainn a bu chòir dhomh dèanamh an turas seo? Eil loidhne gu sònraichte math no inntinneach ann a bu chòir dhomh fhaicinn?

Tha mi a’ beachdachadh air a dhol air an Central Line gu Epping airson a dhol air an Epping is Ongar Railway (bha an loidhne seo na pàirt den Central Line gu 1994 ach chaidh a dhùnadh agus is loidhne glèidhte a th’ ann a-nis). Cha robh mi riamh ann an Essex agus seo an cothrom mòr agam! Is dòcha gun dèan mi an còrr de London Tramlink cuideachd. Agus bhiodh e bronach gun a bhith a’ dol air Routemaster agus Routemaster Ùr (No Borismaster no New Bus for London).

 

Routemaster

Nis, seo tip no dhà a thaobh còmhdhail ann an Lunnainn airson duine sam bith a tha ag iarraidh a dhol air splaoid rèile:

1) Na dìochuimhnich gu bheil seirbheisean rèile ann a bharrachd air an Underground,  Overground agus an Docklands Light Railway. Tha seirbheisean air an lìonra nàiseanta cuideachd agus gabhaidh an Oyster a chleachdadh orra seo cuideachd. Uaireannan tha e nas luaithe is nas fhasa a dhol air na seirbheisean seo na air an Tiùb. Faic am mapa gu h-iosal airson nan loidhnichean uile.
2) Thoir sùil air far a bheil na stèisean air mapa ceart a bharrachd air mapa den Tiùb. Gu tric tha iad nas fhaisg air a chèile na tha iad a’ coimhead agus bhiodh e na bh’ fhasa coiseachd.
3) Tha cap air nas urrainn dhut cosg air a’ chairt Oyster agad ann an latha is mar sin, ma ni thu tòrr mòr track bashing, cha chosg e cus! Tha na prìsean uile air làrach-lìn Còmhdhail Lunnainn (TfL).
4) Tha seirbheis bus sgoinneil ann an Lunnainn. Furasta cleachdadh is furasta faighinn a-mach mu dheidhinn . Thoir an aire: chan fhaod thu pàigheadh le airgead tioram air busaichean tuilleadh. Feumaidh tu pàigheadh le cairt banca no cairt Oyster. Tha mi toilichte gu lèor leis a sin oir cha bhi briseadh orm uair sam bith co-dhiù!

Lìonra rèile Lunnainn air fad: Underground, Overground, DLR, Tramlink agus an rèile nàiseanta. 

Capturetfl
Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s