Cryw gu Caer – Turas dhan Chuimrigh 1 #gàidhlig

Tha mi dìreach air tilleadh bho thuras sgoinneil dhan Chuimrigh far an robh mi a’ teagasg na Gàidhlig do bhuidheann de luchd-ionnsachaidh ann am Bala.

Nuair a fhuair mi cuireadh a dhol ann, cha b’ e ruith ach leum dhomh aontachadh oir tha ùidh mhòr agam sa Ghàidhlig, sa Chuimrigh agus sa Chuimris agus a bharrachd air sin uile, ’s e cothrom math eile a bh’ ann a dhol air turas trèana.

Agus abair gun d’fhuair mi bargan. Cha do chosg na tiocaidean agam ann ach £17 eadar Glaschu is Caer (a’ Chuimris air Chester) agus £6 a bharrachd eadar Caer agus Rhiwabon (Ruabon). Chan eil sin idir dona airson turas 253 mìle!

Chaidil mi airson a’ mhòr-chuid den t-slighe eadar Glaschu is Cryw (Crewe) agus nuair a dhùisg mi, bha e follaiseach nach robh mi ann an Alba tuilleadh leis cho fìor chòmhnard sa bha an cruth-tìre. Cha b’fhada gus an d’ràinig sinn Cryw.

Tha Network Rail air na billeanan a’ cosg air stèiseanan mòra a sgeadachadh – Glaschu Mheadhain, Dùn Èideann, Kings Cross, St Pancras is eile. A rèir coltais, ge-tà, cha deach sgillinn ruadh a chosg air Cryw idir fad ùine mhòr. Tha an stèisean gu math robach salach agus tha e doirbh creidsinn gu bheil stèisean cho grod aig ceann-rèile cho cudromach.

Bha mi gu math toilichte, mar sin, nach robh agam ri fuireach ann ro fhada mus d’fhuair mi an ath thrèana agam.

Chòrd an turas trèana eadar Cryw agus Caer rium glan. Sa chiad dol a-mach, bha soidhnichean dà-chànanach air an trèana  ged a bha an trèana a’ dol eadar dà bhaile ann an Sasainn oir ’s ann le franchise na Cuimrigh is nan Crìochan a tha an t-seirbheis seo.

Bha na daoine air bòrd inntinneach cuideachd. Bha fear ri mo thaobh a bha ag òl crogan lagair ged nach robh e ach aon uair ’s deug sa mhadainn. Agus ged nach do mhair an turas ach mu 20 mionaid, dh’òl e dà dhiubh air an turas agus bhon fhàileadh a bh’ air, chanainn nach b’ iad sin a’ chiad dà dheoch aige den latha!

Mu  mo choinneimh, bha nighean Amerigeanach a bha a’ feuchainn ri tagsaidh a chur air dòigh madainn Didòmhnaich bho Betws-y-Coed ach ged a dh’fhòn i iomadh companaidh, cha deach leatha a rèir coltais. Chan eil fhios agam an robh iad uile ro thrang, ro leisg no an robh iad uile a’ dol dhan eaglais aig an àm.

30693272121_820f71127d_z

Stèisean Caer

Nuair a ràinig sinn Caer, mhothaich mi gu bheil an stèisean air a ruith le Arriva Trains Wales ged nach eil e anns a’ Chuimrigh fhèin. Bha sinn follaiseach oir bha na stuthan fiosrachaidh uile aig Arriva Trains san dà chànan. Mhothaich mi cuideachd gun robh sanasan dà-chànanach ann bho bhuidhnean poblach Chuimreach san stèisean. Tha mi a’ smaoineachadh gur e deagh rud a th’ ann oir ged is ann an Sasainn a tha Caer, tha tòrr dhaoine à ear-thuath na Cuimrigh ag obair no a’ dol do na bùithtean ann agus ’s e Caer a’ phrìomh cheann-rèile airson ceann a tuath na Cuimrigh.

Cha robh ainm an stèisein sa Chuimris, ge-tà. Chanainn gum bu chòir ainm Cuimris a bhith air na soidhnichean seo cuideachd – aig a’ char as lugha air na h-àrd-ùrlaran far am bi trèanaichean a’ dol dhan Chuimrigh. Gu dearbh, air a’ bhus agam eadar Wrecsam is Caer air an t-slighe dhachaigh dà latha às dèidh sin, mhothaich mi gun robh Caer a-nochdadh sa Chuimris air a’ bhus.

Mar sin, chuir mi tweet gu Arriva Trains Wales!

caer

 

Air an loidhne eadar taobh-tuath is taobh deas na Cuimrigh tha e nas fhoillseasaiche buileach oir tha an loidhne a dol thairis air a’ chrìoch bhon Chuimrigh gu Sasainn is air ais barrachd air aon turas. Tha e gu math fuadain nach eil Cuimris air na soidhnichean uile, gu sònraichte aig Shrewsbury/Amwythig a tha na cheann-rèile airson loidhne Cridhe na Cuimrigh (gu Abertawe/Swansea) agus airson loidhne a’ Chambrian gu Aberystwyth agus Pwllheli agus aig Hereford/Henffordd.

Tha iomairt bheag a dhìth, chanainn.

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s