Iomairt airson soidhnichean #Gàidhlig air Subway Ghlaschu

Dè an rathad-iarainn a bhios an àireamh as motha de luchd na Gàidhlig is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a’ cleachdadh gach latha?

Chan eil fhios agam le cinnt, ach chanainn gur e Subway Ghlaschu a th’ ann.

9988988366_9775196f12_z

Agus ’s e Subway Ghlaschu an t-aon àite ann an Alba far nach eil soidhnichean dà-chànanach air na stèiseanan (uill, sin agus Glaschu Mheadhain – ach sin iomairt airson latha eile!)

Mar sin, tha a’ bhuidheann Misneachd air iomairt a chur air dòigh gus an suidheachadh seo a chur ceart.

Sgrìobh iad an toiseach gu Com-pàirteachas Còmhdhail Shrath Chluaidh (Strathclyde Partnership for Transport – SPT) ach cha robh an fhreagairt aca uamhasach taiceil.

Ach tha SPT na ùghdarras poblach fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus mar sin, faodaidh Bòrd na Gàidhlig iarraidh orra plana Gàidhlig ullachadh.

Air an adhbhar seo, tha Misneachd a’ cur athchuinge gu Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh orra toirt air SPT plana Gàidhlig ullachadh. Fo Achd na Gàidhlig, feumaidh Bòrd na Gàidhlig feart a thoirt air tagradh sam bith a gheibh iad bhon phoball nuair a tha iad a’ co-dhùnadh dè na buidhnean poblach a bu chòir planaichean Gàidhlig ullachadh. Ma chuireas gu leòr dhaoine an ainmean ri seo, tha mi cinnteach gun èist am Bòrd ruinn.

24174529_749087668608435_6059376954721628547_n

Mapa a rinn Misneachd anns a ‘Ghàidhlig

Chan e dìreach an Subway a bu choir a bhith anns a’ phlana – tha stèiseanan bus aca cuideachd a’ gabhail a-steach Stèisean Bus Bhochanan – am stèisean bus as motha ann an Alba.

Ma tha thu airson taic a thoirt dhan athchuinge, gheibhear an teacsa an seo.

Agus faodaidh tu d’ainm a chur ris aig: https://www.surveymonkey.co.uk/r/HB86NRP

Dèan e!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, Iomairtean, rathaidean-iarainn, Subway Ghlaschu, Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Iomairt airson soidhnichean #Gàidhlig air Subway Ghlaschu

  1. Thuirt Adhamh Dahmer:

    Feumaidh sinn a’ bhrosnachadh Gàidhlig, agus seo ceum anns an t-slighe cheirt!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s