Nuair a bha mi nam bhalach òg, bha mapa agam den lìonra rèile agus bha ùidh daonnan agam anns na h-ainmean-àite anns a’ Chuimrigh, gu sònraiche Machynlleth agus Pwllheli agus na rathaidean-iarainn ann an taobh tuath na dùthcha. Bha coltas cho iongantach is neo-àbhaisteach orra agus bha mi riamh ag iarraidh a dhol ann. Agus bha mi dèidheil air Ivor the Engine nuair a bha mi beag cuideachd!
An t-seachdain sa chaidh, bha cothrom agam a dhol air loidhne a’ Chambrian mu dheireadh thall le mo chàirdean Rhisiart is Keith a tha a’ fuireach ann am Borth faisg air Aberystwyth.
Bha againn ri trèana fhaighinn bho Bhorth gu Ceann-rèile Dyfi an toiseach gus trèana eile a ghlacadh gu Pwllheli. Nuair a ràinig sinn an stèisean, ge-tà, fhuair sinn a-mach gun robh an trèana againn air a cur dheth. Air an adhbhar seo, bha againn ri dhèanamh air stèisean Ceann-rèile Dyfi sa chàr aig peilear ar beatha oir cha robh ach mu 20 mionaid gus am falbhadh an trèana.
Chan e cùis fhurasta a bha seo oir ’s e stèisean gu math gu math iomallach a th’ ann an Cyffordd Dyfi. Chan eil pàirce-chàraichean idir ann agus feumaidh tu coiseachd trì cairteil a’ mhìle sìos frith-rathad dùthchail gus a ruigsinn. Cha bhiodh sin fhèin cho dona ach cha robh ach 5 mionaidean gus an tigeadh an trèana agus bh’ againn ri ruith…

Trath sa mhadainn aig Ceann-rèile Dyfi
Bha sinn gu math sgìth nuair a thàinig an trèana ach cha b’ fhada gus an do dhìochuimhnich sinn mu dheidhinn sin a chionn ’s gun robh na seallaidhean cho sònraichte.
Tha loidhne Costa a’ Chambrian coltach ri Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar ann an iomadh dòigh. Tha i cliùiteach mar loidhne dhùthchail, breàgha, fhada an cois na mara agus tha an loidhne a’ sgàradh cuideachd leis na trèanaichean a’ dealachadh letheach slighe. Tachraidh seo anns a’ Chrìon-làraich ann an Alba agus ann am Machynlleth anns a’ Chuimrigh. ‘S e loidhne Aberystwyth loidhne an Òbain agus ’s e loidhne Pwllheli loidhne Mhalaig!
Tha loidhne Costa a’ Chambrian gu math coltach ri Loidhne a’ Chinn a Tuath gu Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa cuideachd. Tha an loidhne ri taobh a’ chladaich airson tòrr den t-slighe agus ged a tha an talamh beanntach, tha na beanntan nas cruinne agus nas ìsle na an fheadhainn a chitheadh tu air taobh an iar na Gàidhealtachd. Gu dearbha, shaoileadh tu gur ann air loidhne a’ Chinn a Tuath a bha thu, mur a b’ e ’s gun robh a’ mhuir air an taobh cheàrr!
Tha seallaidhean air leth den mhuir is den traigh agus de làraichean-eachdraidheil gu leòr, a’ gabhail a-steach Caisteal Harlech, Drochaid rèile ainmeil Abermaw (Barmouth) agus eile.
Ma tha thu deidheil air an sreath TBh the Prisoner, chì thu Portmerion cuideachd.
Tha rathaidean-iarainn glèidhte gu leòr ri taobh loidhne a’ Chambrian cuideachd – abair thusa gu bheil! Ann an Aberystwyth, tha an Vale of Rheidol. Faisg air Machynlleth tha Rathad-iarainn Corris. Air loidhne a’ chosta, thèid thu seachad air an Talyllyn, a’ chiad rathad-iarainn glèidhte ann am Breatainn. Faisg air Abermaw, chì thu rathad-iarainn beag an Fairbourne cuideachd.
An uair sin, nuair a ruigeas tu Porthmadog, tha thu ann an neamh nan trainspotter! An seo, tha am Ffestiniog, an rathad-iarainn caol-ghèidse as ainmeile air an t-saoghal, agus cuideachd, an Welsh Highland Railway – Rheilffordd Eryri agus an Welsh Highland Heritage Railway – Rheilffordd Ucheldir Cymru. Abair deagh àite – trì rathaidean-iarainn glèidhte, stèisean air an lìonra nàiseanta AGUS Cuimris ann cuideachd!
‘S e turas caran fada a th’ ann gu Pwllheli agus gu h-annasach, nuair a ruigeas tu do cheann-ùidhe, tha an stèisean car coltach ri Stèisean Mhallaig! Gu mì-fhortanach, ge-tà, chan eil sgeul air an Eilean Sgitheanach!
Ri leantainn…
Alasdair
Gle mhath! Dealbhan math cuideachd!
'S toil'S toil
Tapadh leat!
'S toil'S toil