Jet Set Alasdair! Turas dhan Òban #gàidhlig

Gach turas a bhios mi air loidhne na Gàidhealtachd an Iar, bidh mi a’ smaoineachadh air ais do na 1980an nuair a bha mi nam bhalach. An àite a bhith nam shuidhe air trèana air a’ Ghàidhealtachd ann an 2019, tha mi air ais san t-Seòmar-caidil agam ann an taigh mo phàrantan ann an Siorrachd Lannraig mun bhliadhna 1987.

JSW 4

Tha adhbhar sònraichte ann airson seo. Tha siostam siognalaidh rèidio air an loidhne agus nuair a tha an trèana a’ conaltradh leis an neach-siognalaidh, nì e fuaim coltach ris an fhuaim a nì ZX Spectrum nuair a bhios e a’ luchdachadh suas geama bho theip. Ma tha thu nad shuidhe faisg air bothan an dràibheir, cluinnidh tu am fuaim binn brèagha ud agus bidh thu fhèin air ais sna làithean geala sin còmhla rium!

B’ iad sin na làithean a chàirdean! Manic Miner, Jet Set Willy, Chuckie Egg, Hungry Horace agus tòrr tòrr a bharrachd. Tha deagh chuimhne agam a bhith a’ cur seachad uairean a thìde aig an deasga agam ag èisteachd ris na Skids, It Bites, Gary Moore agus na Hooters is eile agus a’ cluich air an Speccy.

Gu dearbha, tha tòrr mu Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar a tha seann fhasanta ceart gu leòr, ach an turas seo, mhothaich mi gu bheil ScotRail air a bhith gu math trang ag ùrachadh rudan cuideachd is nach robh a h-uile rud mar a bha e ann an 1987.

Sin na bha mi a’ smaoineachadh Disathairne agus mi a’ dèanamh air an Òban air an trèana airson Cruinneachadh na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheil.

Nuair a ràinig mi Stèisean Sràid na Banrigh aig 5.00 Disathairne bu mhise a’ chiad duine a-staigh dhan stèisean. Mhothaich mi gun robh sgeadachadh an stèisein a’ tighinn air adhart gu math agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an stèisean gleansach ùr a bhios tòrr nas motha cuideachd.

 

Chaidh mi air bòrd an 05.20 dhan Òban. ’S e rud ùr a tha sin cuideachd – trèana a tha a’ toirt cothrom dhut a bhith anns an Òban airson coinneamhan aig 9m – rud nach eil againn airson Glaschu/Dùn Èideann gu Inbhir Nis fhathast.

Bha an trèana fhèin – Clas 156 ‘Super Sprinter’ – air a sgeadachadh cuideachd le cathraichean is bùird is bratan-ùrlair ùr. Na bu chudromaiche, ge-tà, tha plugaichean dealain agus wifi ann – rud a tha gu math cudromach san latha a th’ ann airson daoine a dh’fheumas obrachadh air an trèana.

crion-làraich

Clas 156 – chaidh an togail ann an 1987 – anns a’ Chrìon-làraich

Anns na stèiseanan cuideachd, tha clàran-fiosrachaidh didseatach ùr a tha ag innse dhut cuine a bhios an ath thrèana agus bòrd fiosrachaidh didseatach mun chadalaiche, an Caledonian Sleeeper.

Le trèanaichean nas tràithe agus le wifi is dealan is leasachaidhean eile, tha fios gum bi barrachd dhaoine airson a dhol dhan Ghàidhealtachd an Iar air an trèana seach a bhith a’ siubhal sa chàr.

Rud eile a bha math, ’s e gun robh tràilidh ann le biadh is deoch fiù ’s air trèana 05.20. Mar as trice, chan eil a leithid air trèanaichean ScotRail a tha cho tràth sa mhadainn agus tha e sgoinneil cothrom a bhith agad cofaidh a cheannach – ged is e fìor droch chofaidh a th’ ann!

Tha mi air an turas seo a dhèanamh iomadh turas roimhe agus airson a’ chiad uair a thìde no dhà bha e gu math ceòthach ach às dèidh sin, air meur-loidhne an Òbain, bha e sgoineil a bhith a’ coimhead air a’ ghrian ag èirigh agus a bhith a’ faicinn nam beanntan is lochan uile.

‘S toil leam loidhne na Gàidhealtachd an Iar oir cha mhòr gach turas a bhios mi a’ siubhail oirre, chì mi cuideigin aig a bheil Gàidhlig agus mar sin, cha robh e na iongnadh nuair a chunnaic mi Rona Dhomhnallach bho Ghlaschu Beò a bha a’ dol dhan cho-labhairt cuideachd.

Uile gu lèir, ’s e turas sgoinneil air rathad-iarainn sgoinneil a bh’ ann. Thathar ag ràdh gur e loidhne a’ Ghearastan/Mhalaig as fheàrr a thaobh seallaidhean ach chanainn gu bheil Loidhne an Òbain a cheart cho math.

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Jet Set Alasdair! Turas dhan Òban #gàidhlig

  1. Thuirt Marconatrix:

    “… ged is e fìor droch chofaidh a th’ ann!”
    Uill tha feum na sean-thradiseanan a chumail suas 😉

    Liked by 1 duine

  2. Tha sin fìor!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s