Aiseirigh loidhne Inbhir Lìobhann #gàidhlig

Thàinig deagh naidheachd a-mach an-dè bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil loidhne Inbhir Lìobhann ann am Fìobh gu bhith air ath-fhosgladh.

 

_108241356_mediaitem108241355

‘S e naidheachd mhòr a tha seo.

Tha grunn rathaidean-iarainn ùra air fhosgladh ann an Alba sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh – Allmhagh, Àrd Ruigh-Bathgate agus Rathad-iarainn na Crìochan. Ach ged nach fhada bho dh’fhosgail iad, tha bliadhnaichean mòra ann bho chaidh an coimiseanadh agus cha deach rathad-iarrainn sam bith aontachadh bho chionn còrr is dusan bliadhna. Agus cha deach rathad-iarann ùr sam bith aontachadh leis an riaghaltas làithearach – gus an t-seachdain seo.

Levenmouth-Proposal.jpg

Dhùin an stèisean do luchd-siubhail ann an 1969 ach bha an loidhne fosgailte airson bathair gu tòiseach nan 2000an. Dhùin an loidhne uile gu lèir ann an 2001 ach tha beagan air ath-fhosgladh eadar Ceann-rèile Thornton agus mèinn guail ann an Earlseat.

Bha iomairt ann sna 1990an gus an loidhne ath-fhosgladh ach deach leotha aig an àm. Thòisich cùisean a-rithist anns na 2010an le buidheann coimhearsnachd Levenmouth Rail Campaign a rinn iomairt làidir le taic bhon Chomhairle agus luchd-poileataigs ionadail bho gach pàrtaidh.

Tha an loidhne gu bhith fosgladh a-rithist ann an còig bliadhna.

Bha an loidhne seo na pàirt de loidhne Costa Fhìobha eadar Ceann-rèile Thornton agus Luacharas (Leuchars) taobh an East Neuk agus Chìll Rìmhinn.

Fife_coast_rly_1887

Seo an rathad-iarainn mar a bha e. Ged nach eil cus coltas gun tèid an loidhne air fad ath-fhosgladh, dh’fhaodte gun faic sinn trèanaichean air ceann a tuath na loidhne a-rithist ann am beagan bhliadhnaichean. Tha iomairt làidir ann – Starlink – gus an rathad-iarainn bho Luachras gu Cill Rìmhinn ath-fhosgladh agus tha mi an dùil is an dòchas gun tèid leotha.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Ath-fhosglaidhean, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s