“His Worship Ken MacKinnon” – turas gu rathad-iarainn Cidhe Southend  

Eadar Nollaig agus a’ Bhliadhna ùr, bidh mi a’ dol gu Sasainn air safari-rèile fad dà latha airson a dhol air loidhnichean rèile nach fhaca mi riamh roimhe.

Tha mi gu bhith a’ dol air Mail Rail agus gu gach mòr-stèiseanan Lunnainneach ann an latha agus tha mi a’ dol a dhol air turas air Loidhne Ealasaid agus loidhne ùr Barking Riverside cuideachd.

Ach mus dèan mi sin, tha mi a’ dol gu Essex. Tha mi a’ dol gu Southend-on-Sea gus rathad-iarainn sònraichte fhaicinn – Rathad-iarainn Cidhe Southend.

A’ chiad rathad-iarainn air cidhe southend

Tha cidhe Southend gu math ainmeil. Chaidh a thogail an toiseach mar chidhe fiodha ann an 1830 agus bha slighe-trama eich ann. Chaidh cidhe iarrainn ùr nas fhade a chur na àite ann an 1889 ag amas air luchd-turais. Tha e cho fada is gun robh feum air rathad-iarainn dealanach – tha an loidhne 1.33 mìle a dh’fhaid uile gu lèir.

Bha na trèanaichean tùsail coltach ri tramaichean “toastrack” a bha ann an cruth gu math bunaiteach is fosgailte ach chaidh an rathad-iarainn a sgeadachadh le trèanaichean art-deco àlainn ann an 1949.

Murgatroyd49, CC BY-SA 4.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0, via Wikimedia Commons

Chaidh an rathad-iarainn a dhùnadh ann an 1978 agus bha teagamhan ann am maireadh an cidhe idir ach chaidh an cidhe a shàbhaladh agus chaidh an rathad-iarainn ath-fhosgladh le trèanaichean diosail ùra ann an 1986.

Tha na trèanaichean dìosail a-nis aig deireadh am beatha agus thòisich trèanaichean bataraidh-dealanach ùr air an loidhne bhig seo bho chionn ghoirid, trèanaichean a tha nas dreachmhoire agus nas uaine cuideachd.

Tha mi air a bhith a’ beachdachadh air turas gu Southend fad iomadh bliadhna. Sa chiad dol a-mach, bha mi airson a dhol air rathad-iarainn cidhe. Chan eil rathaidean-iarainn cidhe cumanta san latha an-diugh – b’ àbhaist gu leòr a bhith ann ann am bailtean turasachd a’ chosta, ann am Blackpool, Southend, Ryde (Isle of Wight) agus fiù ’s ann an Eilean Mhanainn ann an Rhumsaa/Ramsey. An-diugh, chan eil air fhàgail anns na h-eileanan seo ach Southend agus Hythe ann an Sasainn.

‘S e an t-adhbhar eile a tha mi airson a dhol dhan bhaile – agus dhan rathad-iarainn gun robh mo deagh charaid agus an stiùriche PhD agam an t-Àrd-ollamh Coinneach MacFhionghuin nach maireann (“athair sòsio-cànanachas na Gàidhlig”) na Mhèar air a’ bhaile ann am meadhan nan 1960an. Gu dearbha, turas no dhà chuir e litrichean thugam ann an seann cheisean-litreach “from the Mayor’s Parlour – Southend on Sea” (bhon dachaigh aige air a’ Ghàidhealtachd anns na 2000an agus chan ann bho “Sarfend”!)

Ma thèid thu dhan chidhe, ’s dòcha gum faic thu am plac seo bho a’ comharrachadh 75 bliadhna den rathad-iarainn dealanach agus a chaidh fhoillseachadh le His Worship K M MacKinnon!

Murgatroyd49, CC BY-SA 4.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0, via Wikimedia Commons

Agus gu dearbha, nuair a bha Ken na b’ òige bha e ag obair air loidhne London Tilbury and Southend “the misery line” mar a chanas daoine ris – mus do dh’fhàg e a’ bheatha sin airson obair nas glamorous ann an sòiseòlas!

Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ dol air a’ chidhe, a’ faighinn tiops, a’ dol air na trèanaichean ùra – agus a’ smaoineachadh mu His Worship Ken MacKinnon!

“His Worship Ken MacKinnon” – Gàidheal Eilean nan Con! Dealbh le Bòrd na Gàidhlig

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an caol-ghèidse, England, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, Sasainn agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s