An London Tillbury and Southend – an rathad-iarainn dhan mhuir

Eil thu deidheil air Billy Bragg? Ma tha, bidh thu eòlach air an òran ainmeil aige: A13 – the trunk road to the sea – tionndadh Sasannach de Route 66.

Tha e a’ tòiseachadh leis na faclan:

If you ever have to go to Shoeburyness / Take the A road, the okay road that’s the best / Go motorin’ on the A13.

Nis, cha robh AGAM ri dhol gu Shoeburyness – ach bha mi ag iarraidh a dhol ann co-dhiù! Bha mi ag iarraidh a dhol air an loidhne seo air iomadh adhbhar – cha robh mi riamh ann am Fenchurch Street – fear de na ceithir stèiseanan ann am Mononopoly, agus bha mi airson fhaicinn. Agus bha mi ag iarraidh dhol gu Cidhe Southend cuideachd.

Seo na bh’ agam ri ràdh:

If you ever have to go to Shoeburyness / Take the railroad, the OK road that’s the best / Go rail-roading on the C2C!

‘S e C2C an t-ainm air a’ chompanaidh rèile a tha a’ ruith trèanaichean eadar Lunnainn Fenchurch Street agus Southend/Shouburyness. Nuair a thagh iad an t-ainm an tòiseach bho chionn fada, bha daoine a’ sìor ghearran a chionn ‘s nach robh ciall sam bith aige is gun robh e caran pretentious. – seo aig àm nuair a bha daoine a’ cur ainmean gòrach air a h-uile rud bho 02 gu Three gu Cordia.

Thathar ag ràdh gur dòcha gu bheil C2C e a’ ciallachadh Coast to Coast – a tha cuideachd na ainm aig deagh òran leis na Scorpions. Nis, tha na Scorps agus Billy Bragg gu math eadar-dhealaichte, ach chunnaic mi an dà chuid beò – na Scorpions anns an Academy agus Billy Bragg ann an Sabhal Mòr Ostaig!! 

Ach sin cuspair eile!

Mus robh an t-ainm C2C air an loidhne, bha the London, Tillbury and Southend Railway oirre, ach bha far-ainm nach robh buileach cho snog oirre cuideachd: The Misery Line. A rèir coltais, bha i ro shlaodach, ro làn agus ro mhì-earbsach. Ach tha piseach air tighinn air cùisean bhon uair sin.

Ghlac mi an trèana agam ann am Barking agus rinn mi air Rioghachd nan Sasannach an Ear – no Essex mar a tha muinntir an àite oirre. Chan eil mi ro eòlach air Essex – cha robh mi ann ach aon turas roimhe agus bha mi aig iomall na sgìre ann an Chipping Ongar. Bha mi riamh a’ coimhead air Essex mar phàirt de mòr-sgìre Lunnainn – suburbs an àird-bhaile ach dh’ionnsaich mi gun robh mo bheachd fada ceàrr.

Às dèidh dhomh Lunnainn fhàgail, cha b’ fhada gus an robh sinn a-mach air an dùthaich le craobhan mòra, talamh torrach còmhnard agus toglaichean àlainn. Bha coltas an àite nas fhaisg air East Anglia na Lunnainn.

Chunnaic mi tòrr de na h-àiteachan a tha air ainmeachadh ann an òrain Billy Bragg air an t-slighe a’ gabhail a-steach Barking, Dagenham, Grays Thurrock, Pilsea, Chalkwell, Thundersley agus Leigh-On-Sea.

Agus leis a sin, bha mi ann an Southend-on-Sea. Tha am baile ainmeil airson a chidhe – an cidhe as fhaide san t-saoghail aig 1.33 mìle – agus airson rathad-iarainn a’ chidhe.

Cidhe Southend-on-Sea

Choisich mi bhon stèisean – Southend Central – dhan chidhe. Tha am baile brèagha le tràigh mhòr àlainn agus àrd-shràid mhath ach cha robh cus tìde agam agus mar sin, rinn mi air a’ chidhe gun dàil.

Leis gur e 27 Dùbhlachd a bh’ ann, eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr, shaoil mi nach biodh mòran daoine ann – ach ’s ann a bha mi ceàrr. Bha e gu math trang le muinntir an àite agus le luchd-turais a diofar dhùthchannan.

Tha an cidhe gu math fada agus bha mi airson coiseachd ann gus beagan eacarsaich fhaighinn às dèidh turas fada à Glaschu agus mar sin fhuair mi tiocaid airson coiseachd ann agus tighinn air ais air an trèana.

‘S e cidhe fiodha a th’ ann agus chithear a’ mhuir eadar na plangaichean – rud a tha caran eagalach!

Bha a’ mhuir gu math àrd agus chunnaic mi gu leòr ròin air an t-slighe agus cha b’ fhada gus an do ràining mi ceann na cidhe far a bheil cafè is bùitean agus ionad an RNLI. Tha seallaidhean sgoinneil rim faighinn de Khent air taobh eile an uisge agus de bhaile Southend.

Baby Leopard aig Ceann a’ Chidhe

An uair sin, bha an t-àm ann a dhol air an trèana bheag. Tha trèanaichean dealanach ùra gu bhith ann a dh’aithghearr agus gu dearbha, chunnaic mi iad, ach chan eil ann an seirbheis fhathast. Mar sin, tha na trèanaichean dioseal bho 1986 fhathast a-ruith.

Cidhe is rathad-iarainn Southend on Sea, Essex
Trèana air cidhd Southend-on-Sea

Bha an turas seo air an liosta-bhucaid agam fad iomadh bliadhna agus bha e cho math ’s a bha mi an dùil – trèana bheag sgoinneil le seallaidhean air leth den bhaile agus den mhuir.

Aig an stèisean

An uair sin, bha an t-àm ann a dhol air ais a Lunnainn – le turas goirid gu Shoeburyness an an t-slighe air ais. Bha mi sgìth agus bha fìor dhroch chnatan orm ach chòrd an turas rium glan agus bha mi air mo dhòigh glan a bhith ann an Stèisean Fenchurch Street.

Ri leanntainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an caol-ghèidse, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, Sasainn agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s