An rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal: Turas gu Vectis (3) #gaidhlig #IOW #islandline #NIR

Thuirt mi sa bhloga seo bho chionn bliadhna gur e an NIR (Northern Ireland Railways) an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal ach dh’fhaodte gun robh mi ceàrr.

Trèanaichean tiub – 1938TS/BR Clas 483

 

Sin na bha mi a’ smaoineachadh às dèidh dhomh an Island Line – rathad-iarainn Eilean Wight – fhaicinn. Anns an “lìonra” seo, chan eil ach aon loidhne (Ryde Pier Head-Shanklin) agus chan eil i ach 8.5 mìle a dh’fhaide ach tha i air leth anns a h-uile dòigh.

Ged a tha Eilean Wight fada air falbh bho Lunnainn, tha an siostam air a ruith le seann trèanaichean tiub bhon London Underground. Tha tunail ann an Ryde a tha fada ach uamhasach beag agus bha feum aig BR air trèanaichean bìodach airson an eilein.

 

A’ fàgail tunail Ryde

Nuair a chaidh an siostam a dhealanachadh an toiseach, ’s e trèanaichean tiub a chaidh a thogail ann an 1923 a bh’ aca (London Underground standard stock) ach thàinig trèanaichean ùra aig deireadh nan 80an. Chaidh na trèanaichean “ùra” seo a thogail dhan London Underground ann an 1938.  Mar sin, ‘s e Eilean Wight an aon àite san t-saoghail far a bheil trèanaichean a tha 75 bliadhna a dh’aois a’ ruith a h-uile latha!

Tha an loidhne coltach ri rathaidean-iarainn Èireann a Tuath (NIR) ann an iomadh dòigh. Anns a’ chiad dol a-mach, tha seallaidhean mìorbhaileach den tuath agus den mhuir ri fhaicinn bhon trèana agus tha an luchd-obrach uamhasach fhèin laghach is cuideachail.

Cidhe Ryde

 

An àite a bhith a’ dol bhon bhàta dhan trèana ann an Latharna, ge-tà, gheibh thu bàta gu Ryde Pier Head, cidhe Bhictorianach far am faic thu a’ mhuir tron trac agus far a bheil soidhne ann a tha ag ràdh “Fishing from Railway Property is Strictly Prohibited”. Tha e air leth neònach a bhith a’ dol suas is sìos air cidhe fiodha air trèana tiub a chaidh a thogail ron Dàrna Cogadh!

 

Ach coltach ris an NIR tha Loidhne an Eilean cleachdte ri bhith a’ ruith rathad-iarainn gun mòran airgead no taic. Fad iomadh bliadhna tro na 70an, 80an, is 90an, cha robh airgead sam bith aig an NIR agus cha robh rud sam bith a’ cumail nan trèanaichean a’ dol ach dìleas an luchd-obrach agus beagan sellotape. Bha na trèanaichean aosta is cugallach agus bha an trac a’ tuiteam glan às a’ chèile ach chum an NIR a’ dol a dh’aindeoin seo uile, agus gu dearbha, a dh’aindeoin nan Trioblaidean.

Gu fortanach, dh’atharraich suidheachadh Èireann a Tuath às dèidh fèin-riaghladh tilleadh dhan sgìre agus tha trèanaichean, stèiseanan agus trac ùr ann a-nis is tha àireamh an luchd-cleachdaidh a’ sìor-èirigh gach bliadhna.

 

Trèana ùr, Èirinn a Tuath

 

Bha cuisean a’ coimhead cugallach airson greiseag ge-tà agus aig tòiseach nan 2000an, bha cunnart ann gun dùnadh a h-uile rathad-iarainn ann an Èirinn a Tuath mar thoradh air ceistean mu shàbhailteachd.

Chanainn gu bheil rathad-iarainn an eilean san aon suidheachadh sa bha an NIR anns na 00an. Tha a h-uile rud air an t-siostam air fad feumach air ùrachadh. Tha an cidhe ann an droch staid is feumach air obair càraidh is tha na stèiseanan ann an Ryde Pier Head is Ryde Esplanade a’ tuiteam às an cèilidh. Tha an trac ann an staid gu math cugallach cuideachd agus bidh na trèanaichean a’ sìor leum suas is sìos agus bho thaobh gu taobh. (Tha e a’ còrdadh riumsa ach chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile duine eile a cheart cho toilichte!) Tha na trèanaichean fhèin a’ fàs gu math meirgeach cuideachd agus chan eil ach còig trèanaichean air an eilean a tha fhathast ag obrachadh. Sin dìreach 10 carabad uile gu lèir.

Mar sin, ma tha thu airson loidhne an Eilean fhaicinn, mholainn gun tèid thu ann cho luath sa ghabhas oir cha urrainn dhan loidhne cumail oirre mar a tha i gu bràth: feumar a h-uile rud ùrachadh buileach glan no feumar an loidhne a dhùnadh.

 

Clas 483, Ryde Pier Head

 

Tha daoine ann gus an loidhne a dhìon, ge-tà. Tha Co-phàirteachd Coimhearsnachd Rèile (Community Rail Partnership) ann a tha ag obrachadh gus cleachdadh na loidhne a bhrosnachadh le taic bhon chomhairle is bho mhuinntir an eilein.

Tha diofar bheachdan aig dè bu chòir tachairt. Tha cuid ag ràdh gum bu chòir trèanaichean de 1973 stock aig London Underground bhon Piccadilly Line a cheannach dhan eilean nuair a gheibh an Underground trèanaichean ùra ach bidh greis ann gus am bi e ri reic agus tha e fàs caran aosta. (Rugadh mi fhèin an 1974 ceart gu leòr agus chan eil mi a’ faireachdainn cho aosta sin!)

Tha beachd eile ann gum bu chòir an rathad-iarainn a leudachadh gu baile Ventnor a tha mu 2 mhìle air falbh bho Shanklin. ’S e baile gu math mòr a tha seo a tha cudromach a thaobh turasachd agus tha a’ mhòr-chuid de làrach na loidhne fhathast ann an deagh staid.

Shanklin – ceann na loidhne an-dràsta. An lean an loidhne oirre gu Ventnor latha de na làithean?

 

Tha moladh eile ann gum bu chòir loidhne trama a bhith ann an àite an t-siostaim a th’ ann an-dràsta agus gun gabhadh an loidhne a leudachadh gu meadhan baile Shanklin agus is dòcha gu Ventnor cuideachd.

Chan eil fhios agam dè cho fad’s a mhaireas na treanaichean beaga a th’ ann an-dràsta ach tha mi dòchasach gum mair Loidhne an Eilein ann an cruth air choireigin.

Naidheachd a bharrachd 17/01/16: Tha an loidhne seo ann an cunnart a-nis. Faodar taic a chumail rithe le bhith a’ soidhneadh na h-athchuinge seo gu Taigh nan Cumantan

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to An rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal: Turas gu Vectis (3) #gaidhlig #IOW #islandline #NIR

  1. Pingback: Fàilte gu Taigh-òsta Chalifornia – Turas a Lunnainn #gaidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

  2. Tha an loidhne seo a-nis ann an cunnart. Ma tha thu airson a cumail fosgailte, soidhnig an athchuinge aig: https://petition.parliament.uk/petitions/117990

    'S toil

  3. Pingback: Sàbhail Rathad-iarainn an Eilein! #gàidhlig #IOW | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Sgrìobh beachd