A bheil càirdean dealanach? #gàidhlig

Bus dealanach taobh a-muigh Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne

Bus dealanach taobh a-muigh Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne

Chunnaic mi rud a chuir iongnadh mòr orm an latha eile agus mi a’ coiseachd seachad air an Armadillo – bus dealanach.

Rinn mi beagan rannsachaidh air-loidhne air na busaichean às dèidh làimh. Chaidh dà bhus dhealanach a cheannach am-bliadhna le taic bhon Riaghaltas airson slighe 100 eadar Cearnag Sheòrais, an SECC agus Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne. Ged a tha busaichean hybrid cumanta gu leòr ‘s e busaichean làn dealanach a th’ anns an fheadhainn seo: thèid am plugadh a-steach air an oidhche agus obrachaidh iad fad an latha air an charge sin.

Ach cha robh e math gu leòr dìreach a bhith a’ leughadh mun deidhinn ge-tà – bha mi airson bus dealanach fheuchainn. Cho-dhùin sin gum biodh e snog a dhol air turas gu Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne agus às dèidh turas dhan bhaile air a’ Phlatapas Mhall (trèana Chànal Phàislig), ghlac sinn am bus ann an Ceàrnag Sheòrais.

Bus dealanach, An t-Armadillo, Glaschu

Bus dealanach, An t-Armadillo, Glaschu

Cò ris a bha e coltach? Sàmhach! Sàmhach fhèin. Is gann gun robh fuaim sam bith ri cluinntinn air an taobh a-staigh no air an taobh a-muigh. Bha an luathachadh (acceleration) do-chreidsinneach – tòrr nas luaithe na bus dìosail agus abair gun robh g-force ann!

Mholainn turas air a’ bhus dhealanach do dhuine sam bith. Tha mi an dòchas gum bi am pìleat seo soirbheachail is gum faic sinn barrachd bhusaichean mar seo san àm ri teachd. Chaill Glaschu na tramaichean ann an 1962 agus na busaichean-tràilidh ann an 1967 – tha an t-àm ann còmhdhail dhealanach uaine ghlan fhaicinn air sràidean a’ bhaile a-rithist.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean, busaichean-tràilidh agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 freagairtean ri A bheil càirdean dealanach? #gàidhlig

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    'S toil

  2. Thuirt séamus macseáin béal feirste:

    Mòràn taing. an chéad uair eile a bhéas mé i nGlascu ba bhreá liom turas a dhéanamh ar cheann dena busanna sin. an bhfuil a fhios agat cé mhéad míle a rachaidh siad sa lá gan ath-luchtú?

    'S toil

  3. Thuirt séamus macseáin béal feirste:

    tá siad ag éirí níos fearr de réir a chéile. is fiú ann iad. nuair a bhí mé óg 60 bliain ó shin d’oibrigh mé mar mheicneóir ar na tralai-busanna anseo i mBéal Feirste agus ba thrua liom ariamh gur chuir siad deireadh leo abhus.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s