Meanbh-rèile Pàirce Barshaw – mu dheireadh thall! #gaidhlig #paislig

Fhuair mi cothrom a dhol air meanbh rathad-iarainn Pàirce Barshaw ann am Pàislig mu dheireadh thall.

Bha mi sa phàirce an tòiseach bho chionn 4 bliadhna agus chunnaic mi an trac ach cha robh na trèanaichean a’ ruith air an latha sin agus cha robh fiosrachadh sam bith ann an dàrna cuid anns a’ phàirc no eadar-lìon mu na làithean ruith aige.

Chuala mi fathann Disathairne gun robh trèanaichean a’ ruith agus cha b’ e ruith ach leam dhomh a dhol ann.

 

Meanbh-rèile Pàirce Barshaw, Pàislig

Bha iad a’ ruith ceart gu leòr agus fhuair mi cothrom a dhol air an trèana agus beagan dealbhan a thogail.

‘S e meanbh-rèile gu math inntinneach a tha seo, tha e ann an cruth ugh-chruth air trac a tha far na talmhainn air taicean concraid. Tha e ann am meadhan Pàirce Barshaw (feumaidh gur e ainm Gàidhlig a th’ ann am Barshaw) faisg air lochan ann an suidheachadh gu math àlainn.

A rèir coltais, tha an rathad-iarainn fosgailte gach Disathairne as t-Samhradh.

Stèisean Meadhan Barshaw

Alasdair

Air a phostadh ann an Gàidhlig, meanbh rathaidean-iarainn | Air a thagadh , , , , | Sgrìobh beachd

Ais-èirigh Rathad-iarainn Chill Rìmhinn? #gaidhlig #starlink

Tha rannsachadh comais air sealltainn gun gabhadh an rathad-iarainn eadar an Luchair agus Cill Rìmhinn ath-fhosgladh air prìs gu math reusanta agus gur dòcha gun dèanadh an rathad-iarainn prothaid. Bhiodh an turas tòrr na bu ghiorra cuideachd na tha e sa chàr.

 

Tha e do-chreidsinneach nach eil rathad-iarainn ann gu baile a tha cho mòr is cho cudromach  a thaobh sgoilearachd is turasachd.

 

http://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-edinburgh-east-fife-18038394

Airson barrachd mu rathad-iarainn costa Fhìobh, faic am pìos a sgrìobh mi bho chionn beagan mhìosan: Ag ionndrainn a’ Fife Coast Express.

Airson barrachd ionnsachadh mun phròiseact chudromach, faic an làrach-lìn aig Starlink.

 

 

Meanbh-rèile, Pàirce Craigtoun, Cill Rìmhinn, Fìobh

Seo an aon trèana a chì thu an Cill Rìmhinn an-dràsta

 

Alasdair

Air a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte | Air a thagadh , | Sgrìobh beachd

Bun-os-cionn-bahn na Gearmailt! #gaidhlig #wuppertal

‘S e a’ Ghearmailt mecca nan tramaichean, nan trèanaichean, nam busaichean-tràilidh agus nan long-adhair. Chan eil iad dona air leann, cocktails agus meatailt throm nas motha. Abair dùthaich!

Tha aon rathad-iarainn gu sònraichte a tha dìreach air leth – Wuppertal Schwebebahnaona – aona-rèileWuppertal, no “am bun-os-cionn-bahn’ mar a th’ agam air.

Tha am metro 13km seo crochte os cionn a’ bhaile, a’ mhòr-chuid dheth os cionn na h-aibhne.

Lorg mi bhideo den bhun-os-cionn-bahn air youtube.

 

Feumaidh mi a dhol ann air taistealachd rèile latha de na làithean!

Agus na dìochuimhnich gu bheil fìor dheagh cheòl sa Ghearmailt cuideachd.

  

Alasdair

Air a phostadh ann an tramaichean | Sgrìobh beachd

Na bi spìocach le do chuid dealbhan! #gaidhlig #gaelic

Bidh mi a’ coinneachadh ri tòrr dhaoine a bhios a’ togail dhealbhan de rathaidean-iarainn. Bidh iad gu tric a’ siubhal astar fada agus a’ feitheimh ann an achaidhean fliuch fad uairean a thìde gus an tig an trèana a tha iad ag iarraidh fhaicinn.

Scottish Industrial Railway Centre, Schd Air

Ach ma dh’fhaignichas tu na bhios iad a’ dèanamh leis na dealbhan aig a cheann thall, canaidh a’ mhòr-chuid “‘S ann dìreach dhomh fhèin a tha iad agus cha bhi mi gan cur suas air an eadar-lìon no sìon mar sin”.

Tha sin doirbh a chreidsinn dhomh. Tha mi air mo bheò-ghlacadh le Flickr agus cuiridh mi a h-uile dealbh rèile agam suas.Carsonidir a bhiodh daoine a’ togail deagh dhealbhan a chòrdadh ri daoine eile gun a bhith gan sealltainn do dhaoine eile?

Tha seo fìor gu h-àraid ma chì daoine rudan neo-àbhaisteach agus rudan far a bheil e doirbh dealbhan a lorg.

Tha ballrachd ann am Flickr saor ach tha e nas fheàrr cunntas Pro fhaighinn a leigeas leat barrachd dealbhan a chur suas agus barrachd albaman a bhith agad.

Ma tha dealbhan rèile agad – no dealbh sam bith eile –nach cuir thu air flickr iad! Na bi spìocach – co-roinn do chuid obrach.

Alasdair

Air a phostadh ann an Uncategorized | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

Turas gu Chatelherault #gaidhlig #gaelic

Chaidh sinn air turas gu Pàirc Dhùthchail Chatelherault (‘seat-la-robh’) faisg air Hamilton ann an Siorrachd Lannraig an-dè.

‘S e deagh phàirc a tha seo le slighean-coiseachd fada sna coilltean agus deagh phàirc chluich don chloinn.

Tha gu leòr ann airson daoine aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn cuideachd. Tha e gu math faisg air stèisean Chatelherault air an loidhne gu Taigh na h-Uiseige. ‘S e stèisean gu math ùr a tha seo oir cha deach an loidhne seo, a dhùin ann an 1965, ath-fhosgladh gu 2005. Bidh còrr math is 300,000 a’ cleachdadh na loidhne gach bliadhna a-nis.

Stèisean Chatelherault, 13/04/2007

A bharrachd air seo tha fear na slighean-coiseachd anns a’ phàirc air làrach seann rathad-iarainn mèinnireich.

Deagh latha a-muigh airson duine sam bith a tha dèidheil air trèanaichean agus anns a’ bhlàr-a-muigh.

Alasdair

Air a phostadh ann an rathaidean-iarainn dùinte | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd