‘S e bliadhna mhòr a bh’ ann an 2017 airson bloga Trèanaichean, Tramaichean is Tràilidhean.
Nuair a thòisich mi am bloga bho chionn 5 bliadhna, b’ e an t-amas a bh’ agam a dhol air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba.
As t-Samhradh am-bliadhna, choilean mi an t-amas seo nuair a chaidh mi air Rathad-iarainn Bhaile Chè is Bhaile nan Dubhach ann an Siorrrachd Obar Dheathain. Tha mi a-nis air a bhith air a h-uile loidhne rèile – trèanaichean is tramaichean – ann an Alba de gach gèidse, poblach is prìobhaideach.
Seo mar a chaidh a’ bhliadhna:
An Cèitean
Nuair a bha a h-uile duine a’ bhòtadh ann an taghaidhean nan comhairlean aig toiseach a’ Chèitean, chaidh mise air splaoid gu Inbhir Theòrsa airson an latha (na gabh dragh – bhòt mi tron phost!)
Chaidh siostam nam busaichean-tràilidh ann an Glaschu a dhùnadh aig deireadh a’ Chèitean 1967 agus chaidh mi gu tachartas sònraichte aig Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh ann an Sandtoft, Doncaster gus a chomharrachadh. Bha cothrom agam a dhol air bus-tràilidh Ghlaschu – rudeigin a tha air a bhith air liosta na bucaid agam fad bhliadhnaichean mòra. Chaidh am bus-tràilidh aig Taighean-tasgaidh Ghlaschu a chur air ais ann an Taigh-tasgaidh na Còmhdhail cuideachd gus an 50mh ceann-bliadhna de dhùnadh an t-siostaim a chomharrachadh.
An Lùnastal
Aig toiseach an Lùnastail, chaidh mi fhèin is Ciorstag agam air an rathad-iarainn mu dheireadh ann an Alba – Rathad-iarainn Bhaile Chè is Bhaile nan Dubhach (Keith and Dufftown), rathad-iarainn glèidhte brèagha san ear-thuath. Fhuair mi fhèin is Ciorstaidh cothrom trèana a dhràibheadh cuideachd, rud nach robh sinn idir an dùil ris!
Bha mi beò-ghlacte le sreath YouTube All the Stations le Geoff Marshall agus Vicki Pipe fad an t-Samhraidh, gu sònraichte am prògram far an deach iad dhan Eilean Sgitheanach agus far an do choinnich iad ri Mark Wringe gus beagan Gàidhlig ionnsachadh.
Air 13/08, dh’iarr Geoff is Vicki air an luchd-coimhead air fad aig All the Stations a dhol air trèana gu àite nach fhaca iad riamh roimhe. Chaidh mi fhèin is Eubha dhan tràigh ann am Preastabhaig.
An t-Sultain
Aig tòiseach na Sultain, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh nan Trèanaichean Dealanach ann an Coventry, an t-aon àite a tha a’ comharrachadh nan trèanaichean dealanach a chleachdas coimiutairean gach latha. Gu mì-fhortanach, tha an taigh-tasgaidh air dùnadh a-nis ach gu fòrtanach, às dèidh iomairt maoineachadh-sluaigh, chaidh na trèanaichean uile a shàbhaladh is tha iad uile a’ dol gu dachaighean ùra.
Chaidh mi air cùrsa Gaeilge ann an Èireann san t-Sultain cuideachd far am faca mi na bha air fhàgail den Mhuc Dhubh – seann rathad-iarainn Thír Chonail. Air an t-slighe air ais, ghabh mi an trèana bho Dhoire gu Beal Feirste, a tha aithnichte mar fhear de “thursan rèile mòra an t-saoghail” agus tha mi a-nis air a bhith air a h-uile rathad-iarainn ann an lìonra Èireann a Tuath.
An Dàmhair
Aig toiseach a’ mhìos, chaidh sinn gu Eivissa/Ibiza air làithean-saora. Chan eil rathad-iarainn sam bith san eilean a-nis ach fhuair mi a-mach nuair a bha sinn ann gum b’ àbhaist rathad-iarainn a bhith ann gus salann a ghiùlain dhan chidhe.
Mhol Network Rail aig an àm seo gum bu chòir dhan Riaghaltas cead a thoirt dhaibh gus stèisean Bhrìch (Breich) ann an Lodainn an Iar a dhùnadh is chaidh mi ann san Dàmhair – air an aon trèana den latha à Glaschu – gus an stèisean fhaicinn. Gu fortanach, às dèidh iomairt is athchuinge, chaidh an stèisean a chumail fosgailte agus tha barrachd thrèanaichean gu bhith ann.
An t-Samhain
Bha cùisean gu math gu math trang san t-Samhain. Chaidh mi dhan Bhruiseil agus dhan Ghearmailt air an trèana gus am Bun-os-cionn Bahn, aona-rèile crocte annasach Wuppertal fhaicinn.
Bha cothrom agam a dhol air bus-tràilidh ann an Soilingean cuideachd. Bha mi air busaichean-tràilidh glèidhte aig taighean-tasgaidh roimhe ach bha e fìor fìor mhath a dhol air turas fhada ann an àite far a bheil iad a’ ruith a h-uile latha mar phàirt chudromach de shiostam na còmhdhail poblaich.
Goirid às dèidh dhomh tilleadh, bha mi air falbh a-rithist air trèana dhan Chuimrigh agus mi a’ dèanamh air Aberystwyth far an robh mi gu bhith a’ coinneachadh ri caraid mus rachainn gu cùrsa “Cànanan Ceilteach anns a’ Chuimrigh” far an robh mi a’ teagasg na Gàidhlig. Bha mi riamh airson a dhol air Loidhne a’ Chambrian eadar Yr Amwythig (Shrewsbury) agus Aberystwyth agus bha an turas a cheart cho math sa bha mi a’ duil. Chuir e iongnadh mòr orm gun robh an loidhne caran coltach ri Loidhne na Gàidhealtachd an Iar.
Abair deagh bhliadhna a bh’ agam air na rathaidean-iarainn ann an 2017. Chì sinn de thachras an ath bhliadhna!
Alasdair
Air na tursan agam ann an 2017: An stèisean as fhaide a tuath: Inbhir Theòrsa, an stèisean as fhaide a deas: Aachen (A’ Ghearmailt), an stèisean as fhaisge an iar: Doire, an stèisean as fhaide an ear: Wuppertal (A’ Ghearmailt).
Dùthchannan anns an robh mi: Alba, Sasainn, Èirinn, a’ Chuimrigh, An Fhraing, a’ Bheilg, a’ Ghearmailt.
Air m’ ipad (na clàran a b’fheàrr leam am-bliadhna): Stiff Little Fingers Rockers (Live), Toy Dolls Absolutely Live.